menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

Iain Lom (2) (Litir Bheag 644) Iain Lom (2) (Litir Bheag 644)

Iain Lom (2) Iain Lom (2)

I was speaking about Iain Lom, the Keppoch bard. John was strongly against the union with England in 1707. In his song ‘song against the union’, he criticizes the nobles who supported the union, particularly the Earf of Brahan. Here is a verse from the song:

Earl of Brahan from Seaforth, you’ll never have peace as long as you live, may there be a hard hunt in your pursuit, anywhere in Europe, but if I had my choice, certainly I’d melt gold for you, [and inject it] into the shell of your skull, till it reached your boot(s). John had strong opinions. He wasn’t slow [lazy] in proving his hatred!

I was telling you that John was buried in Cladh Cille Choirill. In 1951, Calum Maclean, the folklore collector, met Iain Beag, a MacDonald from Lochaber who was a poet. Iain was coming from mass in the Cille Choirill church on a cold, snowy day. Calum spoke to him in Gaelic and that opened an amazing door to him. He collected more than five hundred pieces of oral tradition from Iain. Some of them were connected to Iain Lom. Here is one of them.

On the day of Iain Lom’s burial, there was a poet from Glencoe present. He was another MacDonald, Angus son of red-haired Alexander. A man from Keppoch – one Archibald of Keppoch – spoke to him after the funeral. Angus gave him this poem:

I was today in Tom Aingeal, and I saw the end of my kinsman, arrow [yew] of the poets, king of the bards, God, let his soul be in peace, you hated [Queen] Mary, you hated [King] William, you hated all the descendants of Diarmad [the Campbells], all who were not royal. You’d tell them without asking them, the love of the lion [MacDonalds], the hatred of the boar [Campbells], in the grave where lies your body, may God forgive you, you were wickedly vengeful.

It’s not a praise song! But perhaps it suited John’s own style of writing.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Iain Lom (2) (Litir Bheag 644)

Iain Lom (2)

Bha mi a’ bruidhinn mu Iain Lom, bàrd na Ceapaich. Bha Iain gu làidir an aghaidh an aonaidh le Sasainn ann an seachd ceud deug ʼs a seachd (1707). Anns an òran aige ‘Òran an Aghaidh an Aonaidh’, tha e a’ càineadh nan uaislean a thug taic don aonadh, gu seachd àraidh Iarla Bhrathainn. Seo rann bhon òran:

Iarla Bhrathainn à Sìophort, Cha bhi sìothshaimh ri d’ bheò dhut, Gum bi ortsa cruaidh fhaghaid, Thall a-staigh dhen Roinn Eòrpa; Ach nam faighinn mo roghainn, ʼS dearbh gu leaghainn an t-òr dhut, A-staigh air faochaig do chlaiginn, Gus an cas e do bhòtainn. Bha beachdan làidir aig Iain. Cha robh e leisg ann a bhith a’ dearbhadh a chuid gràin!

Bha mi ag innse dhuibh gun robh Iain air a thiodhlacadh ann an Cladh Cille Choirill. Ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a h-aon (1951), thachair Calum MacGill-Eain, am fear-cruinneachaidh beul-aithris, ri Iain Beag, Dòmhnallach à Loch Abar a bha na bhàrd. Bha Iain a’ tighinn a-mach à aifreann ann an Eaglais Cille Choirill air latha fuar, sneachdach. Bhruidhinn Calum ris ann an Gàidhlig agus dh’fhosgail sin doras iongantach dha. Chruinnich e còrr is còig ceud pìos de bheul-aithris bho Iain. Bha feadhainn dhiubh co-cheangailte ri Iain Lom. Seo fear dhiubh.

Air latha tiodhlacaidh Iain Luim, bha bàrd à Gleanna Comhann an làthair. B’ esan Dòmhnallach eile, Aonghas Alasdair Ruaidh. Bhruidhinn fear às a’ Cheapaich ris – fear Gilleasbu’ na Ceapaich – an dèidh an tiodhlacaidh. Thug Aonghas an dàn seo dha:

Bha mi ʼn-diugh ʼn Tom Aingeal, ʼS chunna mi crìoch air m’ fhear-cinnidh, Iubhair nam bàrd, Rìgh nam Filidh, A Dhia, a dhèanamh sìth ri d’ anam; B’ fhuath leat Màiri, b’ fhuath leat Uilleam, B’ fhuath leat Sìol Dhiarmaid uile; A h-uile neach nach biodh rìoghail. Dh’innseadh tu dhaibh e gun iarraidh, Gaol an leòmhainn ʼs fuath an tuirc, Anns an uaigh sa bheil do chorp, Dhia thoirt maitheanas dhut, Bha thu dìoghaltach anns an olc.

Chan e òran molaidh a tha ann! Ach ʼs dòcha gun robh e a’ tighinn ris an stoidhle sgrìobhaidh aig Iain fhèin.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 948

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word