ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

260: Hannibal 260: Hannibal

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Hannibal

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu na Ceiltich agus ailbheanan. Tha iomadach seann fhacal airson ailbhean ann an Gàidhlig. Bha na Ceiltich eòlach air ailbheanan anns an t-seann aimsir. Chuir Hannibal ailbheanan an sàs an aghaidh threubhan Ceilteach anns a’ Ghaill. Bha sin mus deach e tarsainn nam beann Ailpeach.

Ach cha b’ e sin deireadh a’ ghnothaich. Ceud bliadhna às dèidh Hannibal, chuir na Ròmanach fhèin ailbheanan an sàs an aghaidh threubhan Ceilteach. Bha sin timcheall na bliadhna ceud, fichead ’s a h-aon (121) RC. Chuir na proconsulan Ròmanach, Domitius Ahenobarbus agus Quintus Fabius Maximus, arm gu ruige ceann a deas na Gaille. B’ e sin dùthaich air robh Gallia Transalpina ann an Laideann. Bha treubh làidir Ceilteach an sin – na h-Arverni. Bha iad a’ seasamh an aghaidh nan Ròmanach. Cha robh na Ròmanaich toilichte.

Bha batail ann. Rinn na Ròmanaich a’ chùis air na Ceiltich. Ciamar? Uill, chleachd iad ailbheanan-cogaidh. Chuir na h-ailbheanan eagal air na Ceiltich. Smaoinichibh air ailbhean fiadhaich a’ ruith dhad ionnsaigh. Is beag an t-iong-nadh gun do theich na Ceiltich!

Bha sin anns a’ Ghaill. Ach an do chleachd na Ròmanaich ailbheanan cogaidh ann am Breatainn? Uill, a rèir choltais, chleachd. Tha cuid dhen bheachd gun do chleachd Iulius Cesar iad. Ràinig na Ròmanaich abhainn. Bha arm Breatannach ann. Ach ghabh na Breatannaich eagal ro na h-ailbheanan. Rinn na Ròmanaich a’ chùis.

Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh, ge-tà, nach e Cesar a rinn sin. Tha iad ag ràdh gur e ìmpire eile – Claudius – a chuir ailbheanan-cogaidh an sàs an aghaidh nan Ceilteach ann am Breatainn. Rinn e sin anns a’ bhliadhna 43 AC. Chan eil fhios agam cuin a chunnaic Gàidheal ailbhean a’ chiad turas. Ach bha ar sinnsirean Ceilteach eòlach gu leòr orra air droch adhbhar.

Hannibal

English Beurla

I was talking last week about the Celts and elephants. There are many old words for elephant in Gaelic. The Celts were familiar with elephants in olden times. Hannibal involved against Celtic tribes in Gaul. That was before he went across the Alps.

But that was not the end of the matter. A hundred years after Hannibal, the Romans themselves set elephants against Celtic tribes. That was around 121 BC. The Roman proconsuls Domitius Ahenobarbus and Quintus Maximus sent an army to the south of Gaul. That was a country called Gallia Transalpina in Latin. There was a strong Celtic tribe there – the Arverni. They were standing against the Romans. The Romans were not pleased.

There was a battle. The Romans defeated the Celts. How? Well, they used war-elephants. The elephants frightened Think of a wild elephant running towards you. It’s hardly surprising that the Celts fled!

That was in Gaul. But did the Romans use war-elephants in Britain? Well, apparently they did. Some people think Julius Caesar used them. The Romans reached a river. There was a British army. But the Britons were frightened by the elephants. The Romans won.

But some historians say it wasn’t Caesar that did that. They say it was another emperor – Claudius – that set war-elephants against the Celts in Britain. He did that in the year 43 AC. I don’t know when a Gael first saw an elephant. But our Celtic ancestors were familiar enough with them for the wrong reasons.

Show English

Hannibal

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu na Ceiltich agus ailbheanan. Tha iomadach seann fhacal airson ailbhean ann an Gàidhlig. Bha na Ceiltich eòlach air ailbheanan anns an t-seann aimsir. Chuir Hannibal ailbheanan an sàs an aghaidh threubhan Ceilteach anns a’ Ghaill. Bha sin mus deach e tarsainn nam beann Ailpeach.

Ach cha b’ e sin deireadh a’ ghnothaich. Ceud bliadhna às dèidh Hannibal, chuir na Ròmanach fhèin ailbheanan an sàs an aghaidh threubhan Ceilteach. Bha sin timcheall na bliadhna ceud, fichead ’s a h-aon (121) RC. Chuir na proconsulan Ròmanach, Domitius Ahenobarbus agus Quintus Fabius Maximus, arm gu ruige ceann a deas na Gaille. B’ e sin dùthaich air robh Gallia Transalpina ann an Laideann. Bha treubh làidir Ceilteach an sin – na h-Arverni. Bha iad a’ seasamh an aghaidh nan Ròmanach. Cha robh na Ròmanaich toilichte.

Bha batail ann. Rinn na Ròmanaich a’ chùis air na Ceiltich. Ciamar? Uill, chleachd iad ailbheanan-cogaidh. Chuir na h-ailbheanan eagal air na Ceiltich. Smaoinichibh air ailbhean fiadhaich a’ ruith dhad ionnsaigh. Is beag an t-iong-nadh gun do theich na Ceiltich!

Bha sin anns a’ Ghaill. Ach an do chleachd na Ròmanaich ailbheanan cogaidh ann am Breatainn? Uill, a rèir choltais, chleachd. Tha cuid dhen bheachd gun do chleachd Iulius Cesar iad. Ràinig na Ròmanaich abhainn. Bha arm Breatannach ann. Ach ghabh na Breatannaich eagal ro na h-ailbheanan. Rinn na Ròmanaich a’ chùis.

Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh, ge-tà, nach e Cesar a rinn sin. Tha iad ag ràdh gur e ìmpire eile – Claudius – a chuir ailbheanan-cogaidh an sàs an aghaidh nan Ceilteach ann am Breatainn. Rinn e sin anns a’ bhliadhna 43 AC. Chan eil fhios agam cuin a chunnaic Gàidheal ailbhean a’ chiad turas. Ach bha ar sinnsirean Ceilteach eòlach gu leòr orra air droch adhbhar.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 564

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile