ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

81: Halifax 81: Halifax

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Halifax

Gaelic Gàidhlig

Bha feadhainn à Barraigh ann an Alba Nuadh ann an Canada o chionn ghoirid. Chùm iad seirbheis cuimhneachaidh do dhaoine a chaill am beatha ann an spreadhadh mòr Halifax. Bha sin ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917). Am measg nam marbh bha còignear à Barraigh. Bha iad air bòrd soitheach. Bha i ann an cala Halifax.

Tha cuid ag ràdh gun robh an spreadhadh na bu mhotha na gin eile mus robh bomaichean niùclasach ann. Thachair e ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917) air an t-siathamh latha dhen Dùbhlachd. Bha an Cogadh Mòr a’ dol. Bha port Halifax trang. Bha e làn soithichean. Bha mòran longan a’ dol a Bhreatainn.

Air an latha sin chaidh còrr is mìle is còig ceud duine a mharbhadh. Chaochail na ceudan eile às dèidh na tubaist.

Bha an soitheach Frangach, am Mont Blanc, taobh a-muigh a’ phuirt. Bha i làn stuth-spreadhaidh. Rudan mar TNT. Bha soitheach eile a’ fàgail a’ phuirt. B’ ise tè à Nirribhidh, an Imo. Bha i air an t-slighe a New York. Bhuail an dà shoitheach na chèile. Thòisich teine air bòrd a’ Mhont Blanc. Theich an criutha ann am bàtaichean beaga.

Dh’fhalbh am Mont Blanc leis an t-sruth. Stad i ri taobh a’ chidhe ann an Halifax. Cha robh fios aig a’ phoball gun robh an suidheachadh cunnartach. Chaidh na mìltean a-mach airson an gnothach fhaicinn. Aig còig mionaidean an dèidh naoi spreadh an stuth air a’ Mhont Blanc.

Chaidh soitheach nam Barrach fodha. Sgrios an spreadhadh taighean, eaglaisean, sgoiltean is factaraidhean. Chaidh clann a mharbhadh air an rathad gu sgoil. Chaidh na ceudan a mharbhadh a bha a’ coimhead an t-soithich. Bha mòran air cùl uinneagan. Chaill cuid na sùilean aca. Bha tuinn ann coltach ri tsunami. Rinn na tuinn milleadh mòr anns a’ bhaile.

Thuit togalaichean. Chaidh daoine a ghlasadh annta. Bha cuid beò ach chaochail iad leis an fhuachd.

Thug sgioba Ameireaganach sùil air spreadhadh Halifax nuair a bha iad a’ dèanamh boma niùclasach. Bha sin anns an Dàrna Cogadh. Bha iad a’ tomhas cho mòr ’s a bha na bomaichean gu bhith a bha iad a’ dol a leigeil air Hiroshima is Nagasaki.

Faclan is abairtean: Bha feadhainn à Barraigh ann an Alba Nuadh: some people from Barra were in Nova Scotia; chùm iad seirbheis cuimhneachaidh: they held a memorial service; a chaill am beatha ann an spreadhadh mòr Halifax: who lost their lives in the great explosion of Halifax; còignear: five people; bha iad air bòrd soitheach: they were on board a vessel; na bu mhotha na gin eile: bigger than any other; mus robh bomaichean niùclasach ann: before nuclear bombs existed; air an t-siathamh latha dhen Dùbhlachd: on 6th December; an Cogadh Mòr: the Great War; làn soithichean: full of vessels; bha mòran longan a’ dol a Bhreatainn: many ships were going to Britain; chaidh còrr is mìle is còig ceud duine a mharbhadh: more than 1,500 people were killed; às dèidh na tubaist: after the accident; làn stuth-spreadhaidh: full of explosive material; a’ fàgail a’ phuirt: leaving the port; Nirribhidh: Norway; bhuail an dà shoitheach na chèile: the two vessels hit each other; theich an criutha: the crew fled; dh’fhalbh am Mont Blanc leis an t-sruth: the Mont Blanc drifted with the current; stad i ri taobh a’ chidhe: she stopped beside the quay; cha robh fios aig a’ phoball: the population didn’t know; airson an gnothach fhaicinn: to see the event; chaidh soitheach nam Barrach fodha: the Barra men’s vessel sank; sgrios e: it destroyed; chaidh clann a mharbhadh air an rathad gu sgoil:children were killed on the way to school; a bha a’ coimhead an t-soithich: who were watching the vessel; air cùl uinneagan: behind windows; chaill cuid na sùilean aca: some lost their eyes; rinn na tuinn milleadh mòr: the waves did great damage; chaidh daoine a ghlasadh annta: people were trapped in them; chaochail iad leis an fhuachd: they died with the cold; thug sgioba Ameireaganach sùil air spreadhadh Halifax: an American team examined the Halifax explosion; boma niùclasach: nuclear bomb; an Dàrna Cogadh:the Second [World] War; bha iad a’ tomhas cho mòr ’s a bha na bomaichean gu bhith: they were estimating how big the bombs were going to be; a bha iad a’ dol a leigeil air: that they were going to drop on.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 385

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile