menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

Niall Odhar (Litir Bheag 280) Niall Odhar (Litir Bheag 280)

Niall Odhar Niall Odhar

I was telling you last week about Neil MacLeod of Lewis. He was a murderer. But he stood against the Fifers who were trying to take Lewis over. To some he was a hero. In the government’s opinion he was a criminal.

Now he was in front of a gibbet in Edinburgh. He was hoping that an order of clemency was coming. But it wasn’t. Neil was hanged. And his head was cut off.

But he took a secret with him. He had a big store of treasure. He got that from the English pirate, Peter Love. Love was hanged in Leith. That was three years before, in 1610. MacLeod kept the Englishman’s treasure. There were jewels, and gold and silver. There was no sign of the treasure after Love’s death. MacLeod didn’t say what he did with it. And there is no sign of it to this day. Nobody knows what happened to the treasure. Do you think it might be – like the Lewis Chessmen – under the sand in Uig [parish in Lewis]?!

The Fifers tried to establish a colony in Lewis. They failed. Nearly a hundred years after that, Scots tried to create a colony in Darien. That was in Central America. They also failed.

And, more than a hundred years after Darien, a Scotsman came home from Central America. He was full of stories about a country that was rich and favourable. He was Gregor MacGregor. He was as full of himself as the egg is of food [Gaelic saying]. And he was full of lies.

He told people in Britain that he had a title – His Serene Highness Gregor I, Prince of Poyais. There wasn’t a country like Poyais. It was full of forests. It was fertile. It was waiting for Scots to go and live there. Aye – Scots who were too willing to believe lies. I’ll tell you more about the matter next week.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Niall Odhar (Litir Bheag 280)

Niall Odhar

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Niall MacLeòid à Leòdhas. ’S e murtair a bha ann. Ach sheas e an aghaidh nam Fìobhach a bha a’ feuchainn ri Leòdhas a ghabhail thairis. Do chuid bha e na ghaisgeach. Ann am beachd an riaghaltais ’s e eucoireach a bha ann.

A-nise, bha e air beulaibh croiche ann an Dùn Èideann. Bha e an dòchas gun robh òrdugh maitheanais a’ tighinn. Ach cha robh. Bha Niall air a chrochadh. Agus chaidh a cheann a ghearradh dheth.

Ach thug e rùn-dìomhair leis. Bha stòras mòr aige de dh’ionmhas. Fhuair e sin bhon spùinneadair Shasannach, Peter Love. Chaidh Love a chrochadh ann an Lìte. Bha sin trì bliadhna roimhe, ann an sia ceud deug is deich (1610). Chùm MacLeòid ionmhas an t-Sasannaich. Bha seudan ann, agus òr is airgead. Cha robh sgeul air an ionmhas às dèidh bàs Love. Cha do dh’inns MacLeòid dè rinn e leis. Agus chan eil sgeul air chun an latha an-diugh. Chan eil fios aig duine dè thachair don ionmhas. Saoil a bheil e – cleas nam Fear-tàilisg – fon ghainmhich ann an Sgìre Ùige?!

Dh’fheuch na Fìobhaich ri tuineachas a dhèanamh ann an Leòdhas. Dh’fhàilnich orra. Faisg air ceud bliadhna às dèidh sin, dh’fheuch Albannaich ri tuineachas a dhèanamh ann an Darien. Bha sin ann am Meadhan Ameireagaidh. Dh’fhàilnich orrasan cuideachd.

Agus, còrr is ceud bliadhna às dèidh Darien, thàinig fear Albannach dhachaigh à Meadhan Ameireagaidh. Bha e làn stòiridhean mu dhùthaich a bha beartach is fàbharach. B’ esan Griogair MacGriogair. Bha e cho làn dheth fhèin ’s a tha an t-ugh de bhiadh. Agus bha e làn bhreugan.

Dh’inns e do dhaoine ann am Breatainn gun robh tiotal aige – His Serene Highness Gregor I, Prince of Poyais. Cha robh dùthaich coltach ri Poyais. Bha i làn choilltean. Bha i torrach. Bha i a’ feitheamh ri Albannaich a dhol a dh’fhuireach innte. Seadh – Albannaich a bha ro dheònach a bhith a’ creidsinn bhreugan. Innsidh mi tuilleadh mun ghnothach an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 584

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word