ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

472: The Armstrong dictionary (2) 472: Faclan fillte à Faclair Armstrong - Pàirt 2

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Faclan fillte à Faclair Armstrong - Pàirt 2

Gaelic Gàidhlig

Tha mi ag obair tron aibidil ann an seann fhaclair Armstrong. Tha mi a’ lorg fhaclan-fillte annasach. Tha sinn aig an litir ‘g’. Gnùis-nàire. Gnùis-nàire. Bidh fios agaibh dè tha ann an nàire – shame, embarrassment. Agus gnùis – ’s e sin d’ aodann, no an coltas air d’ aodann. Gnùis-nàire – bashfulness, shamefacedness.

Ion-phòsta. Nuair a tha ion- air beulaibh facal eile, tha e a’ ciallachadh fit for no worthy of. Tha neach a tha ion-phòsta airidh air a bhith pòsta. Marriageable.

Agus lèigh-losgadh. Lèigh-losgadh. Tha lèigh co-cheangailte ri slànachadh. Tha e a’ ciallachadh dotair, physician. Agus losgadh – tha sin co-cheangailte ri teas mòr – burning. Lèigh-losgadh. A’ dèanamh leigheas le teas. Cauterization.

Nise, buadhair a tha a’ tòiseachadh le ‘m’ – mòr-roinneach. ’S e stàit mhòr-roinneach a tha ann an Canada. Tha Ontario na mhòr-roinn de Chanada. Mòr-roinn – province. Mòr-roinneach– provincial, air a dhèanamh de mhòr-roinnean.

Nuall-ghuthach. Tha cuideigin nuall-ghuthach ma tha guth aca a tha a’ dèanamh nuallan. Nuall no nuallan – a lament, howl, wail, shriek. Nuall-ghuthach – having a howling voice no howling, roaring.

Tha facal-fillte brèagha agam dhuibh, a’ tòiseachadh le ‘o’. Òr-mhadainn. Òr-mhadainn – briseadh an latha, the break of day. An t-àm dhen mhadainn nuair a tha solas le dath an òir ann.

An ath fhacal – prìomh-sheòl. Ma tha sibh eòlach air bàtaichean-seòlaidh, ’s dòcha gum bi sin follaiseach. ’S e am prìomh-sheòl, an seòl as motha air gheat. Mainsail.

Agus ruadh-thuil. Ruadh-thuil. Tha sin a’ ciallachadh ‘red-brown flood’. ’S e a tha ann tuil air talamh mòintich far a bheil an t-uisge air a dhol ruadh.

Chan eil ach trì litrichean air fhàgail – ‘s’, ‘t’ agus ‘u’. Seo fear a’ tòiseachadh le ‘s’ – seach-labhairt. Seach-labhairt. Tuigidh sibh labhairt – bruidhinn. Agus seach – air an taobh. Tha seach-labhairt a’ ciallachadh speaking allegorically.

Tuil-dhoras. Sin am facal tuil a-rithist. Tuil-dhoras – a flood door. Tha e a’ ciallachadh floodgate no canal-lock. Tuil-dhoras. Tha e ciallach, nach eil?

Agus am facal mu dheireadh – uim-sheòladair. Neach a bhios a’ seòladh uime. Tha uime a’ ciallachadh about him no about it. Uim-sheòladair – circumnavigator. Tha mi air uim-sheòladh gu leòr a dhèanamh timcheall air faclan fillte. Mar sin leibh an-dràsta.

The Armstrong dictionary (2)

English Beurla

I’m working through the alphabet in Armstrong’s old dictionary. I’m looking for unusual compound words. We’re at the letter ‘g’. Gnùis-nàire. Gnùis-nàire. You’ll know what nàire is – shame, embarrassment. And gnùis – that’s your face or the appearance on your face. Gnùis-nàire – bashfulness, shamefacedness.

Ion-phòsta. When ion- is prefixed to another word, it means fit for or worthy of. A person who is ion-phòsta is worthy of being married. Marriageable.

And lèigh-losgadh. Lèigh-losgadh. Lèigh is connected to healing. It means doctor, physician. And losgadh – that’s connected to extreme heat – burning. Lèigh-losgadh. Healing with heat. Cauterization.

Now, an adjective that starts with ‘m’ – mòr-roinneach. Canada is a ‘mòr-roinneach’ state. Ontario is a province of Canada. Mòr-roinn – province. Mòr-roinneach – provincial, made of provinces.

Nuall-ghuthach. Somebody is nuall-ghuthach if their voice is making howls. Nuall or nuallan – a lament, howl, wail, shriek. Nuall-ghuthach – having a howling voice or howling, roaring.

I have a lovely compound word for you, starting with ‘o’. Òr-mhadainn. Òr-mhadainn – daybreak, the break of day. The time of the morning when the light is golden.

The next word – prìomh-sheòl. If you are familiar with sailing boats, perhaps that will be obvious. The prìomh-sheòl is the largest sail on a yacht. Mainsail.

And ruadh-thuil. Ruadh-thuil. That means ‘red-brown flood’. It’s a flood on peaty country where the water has gone red-brown in colour (due to tannins).

There are only three letters left – ‘s’, ‘t’ and ‘u’. Here’s one starting with ‘s’ – seach-labhairt. Seach-labhairt. You’ll understand labhairt – speaking. And seach – on the side. Seach-labhairt means speaking allegorically.

Tuil-dhoras. There’s the word tuil again. Tuil-dhoras – a flood door. It means floodgate or canal-lock. Tuil-dhoras. It’s meaningful, isn’t it?

And the final word – uim-sheòladair. A person who sails around [something]. Uime means about him or about it. Uim-sheòladair – circumnavigator. I’ve done enough circumnavigating around compound words. Cheerio just now.

Show English

Faclan fillte à Faclair Armstrong - Pàirt 2

Gaelic Gàidhlig

Tha mi ag obair tron aibidil ann an seann fhaclair Armstrong. Tha mi a’ lorg fhaclan-fillte annasach. Tha sinn aig an litir ‘g’. Gnùis-nàire. Gnùis-nàire. Bidh fios agaibh dè tha ann an nàire – shame, embarrassment. Agus gnùis – ’s e sin d’ aodann, no an coltas air d’ aodann. Gnùis-nàire – bashfulness, shamefacedness.

Ion-phòsta. Nuair a tha ion- air beulaibh facal eile, tha e a’ ciallachadh fit for no worthy of. Tha neach a tha ion-phòsta airidh air a bhith pòsta. Marriageable.

Agus lèigh-losgadh. Lèigh-losgadh. Tha lèigh co-cheangailte ri slànachadh. Tha e a’ ciallachadh dotair, physician. Agus losgadh – tha sin co-cheangailte ri teas mòr – burning. Lèigh-losgadh. A’ dèanamh leigheas le teas. Cauterization.

Nise, buadhair a tha a’ tòiseachadh le ‘m’ – mòr-roinneach. ’S e stàit mhòr-roinneach a tha ann an Canada. Tha Ontario na mhòr-roinn de Chanada. Mòr-roinn – province. Mòr-roinneach– provincial, air a dhèanamh de mhòr-roinnean.

Nuall-ghuthach. Tha cuideigin nuall-ghuthach ma tha guth aca a tha a’ dèanamh nuallan. Nuall no nuallan – a lament, howl, wail, shriek. Nuall-ghuthach – having a howling voice no howling, roaring.

Tha facal-fillte brèagha agam dhuibh, a’ tòiseachadh le ‘o’. Òr-mhadainn. Òr-mhadainn – briseadh an latha, the break of day. An t-àm dhen mhadainn nuair a tha solas le dath an òir ann.

An ath fhacal – prìomh-sheòl. Ma tha sibh eòlach air bàtaichean-seòlaidh, ’s dòcha gum bi sin follaiseach. ’S e am prìomh-sheòl, an seòl as motha air gheat. Mainsail.

Agus ruadh-thuil. Ruadh-thuil. Tha sin a’ ciallachadh ‘red-brown flood’. ’S e a tha ann tuil air talamh mòintich far a bheil an t-uisge air a dhol ruadh.

Chan eil ach trì litrichean air fhàgail – ‘s’, ‘t’ agus ‘u’. Seo fear a’ tòiseachadh le ‘s’ – seach-labhairt. Seach-labhairt. Tuigidh sibh labhairt – bruidhinn. Agus seach – air an taobh. Tha seach-labhairt a’ ciallachadh speaking allegorically.

Tuil-dhoras. Sin am facal tuil a-rithist. Tuil-dhoras – a flood door. Tha e a’ ciallachadh floodgate no canal-lock. Tuil-dhoras. Tha e ciallach, nach eil?

Agus am facal mu dheireadh – uim-sheòladair. Neach a bhios a’ seòladh uime. Tha uime a’ ciallachadh about him no about it. Uim-sheòladair – circumnavigator. Tha mi air uim-sheòladh gu leòr a dhèanamh timcheall air faclan fillte. Mar sin leibh an-dràsta.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 776

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile