ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

520: Eilean Donan Castle 520: Caisteal Eilean Donnain (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Caisteal Eilean Donnain (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal Eilean Donnain. Bha ceann-cinnidh Clann ’ic Mhathain a’ fuireach ann ri linn Rìgh Alasdair II. Fhuair e comas cainnt nan eun a thuigsinn. Thug sinn buannachdan dha. Chaidh e a-null thairis. Rinn e fortan. Nuair a thill e a dh’Alba, dh’iarr an Rìgh air caisteal a thogail air Eilean Donnain airson a bhith a’ dìon na rìoghachd.

Bha smachd aig Clann ’ic Coinnich air an eilean anns an treas linn deug. Anns a’ cheathramh linn deug, nochd Clann ’ic Rath ann an Cinn Tàile. Ghabh Clann ’ic Coinnich earbsa annta. Bha Clann ’ic Rath a’ dìon a’ chaisteil bho sin a-mach. Tha ceangal eadar an caisteal agus Clann ’ic Rath chun an latha an-diugh.

Chaidh a sgrios anns an ochdamh linn deug. Bha na Spàinntich a’ toirt taic do na Seumasaich ann an seachd ceud deug is naoi-deug (1719). Thàinig trì cheud saighdear Spàinnteach don Ghàidhealtachd anns a’ Ghiblean. Ghabh iad smachd air Caisteal Eilean Donnain.

Bha feachdan an riaghaltais air an tòir. Nochd trì soithichean cogaidh anns an loch anns a’ Chèitean. Thug iad ionnsaigh air a’ chaisteal. Bha a’ chuid a bu mhotha de na saighdearan Spàinnteach air teicheadh. Leig na Breatannaich an caisteal gu làr le fùdar-gunna. Air an deicheamh latha dhen Ògmhios rinn armailt Bhreatannach a’ chùis air na Spàinntich ann am Blàr Ghleann Seile.

Bha an caisteal na thobhta chun an fhicheadamh linn. Eadar deireadh a’ Chiad Chogaidh agus naoi ceud deug, trithead ’s a dhà (1932), rinn an Lt. Coirneal Iain MacRath-Gilstrap ath-thogail air.

’S fìor thoigh le luchd-turais an t-àite. ’S e Eilean Donnain an treas caisteal Albannach as motha dhan tèid luchd-turais.

An-uiridh, bha mi fhìn ’s a’ bhean agam a’ cur seachad beagan làithean air a’ Chomraich. Cosgaidh e uair a thìde is cairteal dràibheadh eadar a’ Chomraich agus Eilean Donnain. Chan eil rathad dìreach ann eatarra. Bha a’ bhean agam a’ gabhail cuairt a-muigh aig sia uairean sa mhadainn, nuair a stad car ri a taobh. Dh’fhosgail tè – neach-turais à dùthaich chèin – uinneag, agus dh’fhaighnich i, ‘An e seo an rathad gu Eilean Donnain?’ Uaireannan, tha mapa no sat-nav gu math feumail!

Eilean Donan Castle

English Beurla

I was telling you about Eilean Donan Castle. The chief of Clan Matheson was living there at the time of King Alexander II. He obtained the gift of understanding the speech of birds. That gave him advantages. He went overseas. He made a fortune. When he returned to Scotland, the King asked him to build a castle on Eilean Donan in order to protect the kingdom.

Clan MacKenzie controlled the island in the 13th century. In the 14th century, Clan MacRae appeared in Kintail. The MacKenzies trusted them. The MacRaes were protecting the castle from that point onwards. There is a link between the MacRaes and the castle to this day.

It was destroyed in the 18th century. The Spanish were assisting the Jacobites in 1719. Three hundred Spanish soldiers came to the Highlands in April. They took over Eilean Donan Castle.

Government forces were in pursuit of them. Three warships appeared in the loch in May. They attacked the castle. Most of the Spanish soldiers had fled. The British destroyed the castle with gunpowder. On the tenth of June, a British force defeated the Spanish at the Battle of Glenshiel.

The castle was a ruin until the 20th century. Between the end of the First [World] War and 1932, Lt. Colonel John MacRae-Gilstrap rebuilt it.

Tourists love the place. Eilean Donan is the third most visited Scottish castle.

Last year, my wife and myself were spending a few days in Applecross. It takes an hour and a quarter to drive between Applecross and Eilean Donan. There is no direct road between them. My wife was taking a stroll out of doors at six o’ clock in the morning, when a car stopped next to her. A woman – a tourist from a foreign land – opened the window and asked, ‘Is this the road to Eilean Donan?’ Sometimes a map or sat-nav are very useful!

Show English

Caisteal Eilean Donnain (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal Eilean Donnain. Bha ceann-cinnidh Clann ’ic Mhathain a’ fuireach ann ri linn Rìgh Alasdair II. Fhuair e comas cainnt nan eun a thuigsinn. Thug sinn buannachdan dha. Chaidh e a-null thairis. Rinn e fortan. Nuair a thill e a dh’Alba, dh’iarr an Rìgh air caisteal a thogail air Eilean Donnain airson a bhith a’ dìon na rìoghachd.

Bha smachd aig Clann ’ic Coinnich air an eilean anns an treas linn deug. Anns a’ cheathramh linn deug, nochd Clann ’ic Rath ann an Cinn Tàile. Ghabh Clann ’ic Coinnich earbsa annta. Bha Clann ’ic Rath a’ dìon a’ chaisteil bho sin a-mach. Tha ceangal eadar an caisteal agus Clann ’ic Rath chun an latha an-diugh.

Chaidh a sgrios anns an ochdamh linn deug. Bha na Spàinntich a’ toirt taic do na Seumasaich ann an seachd ceud deug is naoi-deug (1719). Thàinig trì cheud saighdear Spàinnteach don Ghàidhealtachd anns a’ Ghiblean. Ghabh iad smachd air Caisteal Eilean Donnain.

Bha feachdan an riaghaltais air an tòir. Nochd trì soithichean cogaidh anns an loch anns a’ Chèitean. Thug iad ionnsaigh air a’ chaisteal. Bha a’ chuid a bu mhotha de na saighdearan Spàinnteach air teicheadh. Leig na Breatannaich an caisteal gu làr le fùdar-gunna. Air an deicheamh latha dhen Ògmhios rinn armailt Bhreatannach a’ chùis air na Spàinntich ann am Blàr Ghleann Seile.

Bha an caisteal na thobhta chun an fhicheadamh linn. Eadar deireadh a’ Chiad Chogaidh agus naoi ceud deug, trithead ’s a dhà (1932), rinn an Lt. Coirneal Iain MacRath-Gilstrap ath-thogail air.

’S fìor thoigh le luchd-turais an t-àite. ’S e Eilean Donnain an treas caisteal Albannach as motha dhan tèid luchd-turais.

An-uiridh, bha mi fhìn ’s a’ bhean agam a’ cur seachad beagan làithean air a’ Chomraich. Cosgaidh e uair a thìde is cairteal dràibheadh eadar a’ Chomraich agus Eilean Donnain. Chan eil rathad dìreach ann eatarra. Bha a’ bhean agam a’ gabhail cuairt a-muigh aig sia uairean sa mhadainn, nuair a stad car ri a taobh. Dh’fhosgail tè – neach-turais à dùthaich chèin – uinneag, agus dh’fhaighnich i, ‘An e seo an rathad gu Eilean Donnain?’ Uaireannan, tha mapa no sat-nav gu math feumail!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 824

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile