menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

George Campbell Hay (2) (Litir Bheag 545) Deòrsa mac Iain Deòrsa (2) (Litir Bheag 545)

George Campbell Hay (2) Deòrsa mac Iain Deòrsa (2)

The poet George Campbell Hay was born in 1915. He was brought up in Tarbert Loch Fyne. He learned Gaelic there.

When he was ten years old, he went to John Watson’s Colllege and then Fettes College in Edinburgh. In his holidays, he was working on a fishing boat on Loch Fyne. He was speaking Gaelic to the fishermen. He was good at learning languages.

In 1934, George went to university in Oxford. But his politics become more nationalistic. He wrote that he was indifferent to England being defeated by the Nazis – as long as Scotland remained free. Because of that, not everybody who is keen on Gaelic poetry will be commemorating his life.

He wasn’t willing to go into the army. For seven months, he was hiding in the hills of Argyll. Eventually, the authorities captured him. He was sent to prison for a while. He accepted the call-up from the army after that because of his mother.

He spent the rest of the war as a clerk in the Royal Army Ordnance Corps. He was in Algeria and Tunisia. Then he was in the army in Italy, working as a translator. While he was in those countries, he learned about the culture of the Arabs and the Italians. And he wrote a lot of poetry.

At the end of the war, George was sent to Greece. He was involved in a political riot there. He suffered mental illness after that and obtained a pension from the army. He never worked full-time again.

He spent years in a mental hospital in Edinburgh. Although he returned for a spell to Tarbert, things didn’t work out for him there. The place wasn’t as it had been. George died in Edinburgh in 1984. But his poetry – in Gaelic, Scots and English – lives on. It’s worth reading.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Deòrsa mac Iain Deòrsa (2) (Litir Bheag 545)

George Campbell Hay (2)

Rugadh am bàrd Deòrsa mac Iain Deòrsa ann an naoi ceud deug is còig-deug (1915). Thogadh e ann an Tairbeart Loch Fìne. Dh’ionnsaich e Gàidhlig an sin.

Nuair a bha e deich bliadhna a dh’aois, chaidh e gu Colaiste John Watson agus an uair sin Colaiste Fettes ann an Dùn Èideann. Anns na làithean-saora aige, bha e ag obair air eathar-iasgaich air Loch Fìne. Bha e a’ bruidhinn Gàidhlig ris na h-iasgairean. Bha e math air cànanan ionnsachadh.

Ann an naoi ceud deug, trithead ’s a ceithir (1934) chaidh Deòrsa don oilthigh ann an Oxford. Ach chaidh a phoilitigs na bu nàiseantaiche. Sgrìobh e gun robh e coma ged a bheireadh na Natsaich buaidh air Sasainn – fhad ’s a bhiodh Alba saor. Air sgàth sin, cha bhi a h-uile duine a tha measail air bàrdachd Ghàidhlig a’ comharrachadh a bheatha.

Cha robh e deònach a dhol a-steach don arm. Airson seachd mìosan bha e am falach ann am monaidhean Earra-Ghàidheal. Mu dheireadh thall, fhuair na h-ùghdarrasan grèim air. Chaidh a chur don phrìosan airson greis. Ghabh e ri a ghairm bhon arm an dèidh sin air sgàth a mhàthar.

Chuir e seachad an còrr dhen chogadh mar chlàrc anns an Royal Army Ordnance Corps. Bha e ann an Algeria agus Tunisia. An uair sin bha e san arm anns an Eadailt, ag obair mar eadar-theangair. Fhad ’s a bha e anns na dùthchannan sin, dh’ionnsaich e mu chultar nan Arabach agus nan Eadailteach. Agus sgrìobh e tòrr bàrdachd.

Aig deireadh a’ chogaidh, chaidh Deòrsa a chur don Ghrèig. Bha e an sàs ann an ùpraid phoilitigeach an sin. Dh’fhuiling e tinneas-inntinn an dèidh sin agus fhuair e peinnsean bhon arm. Cha do dh’obraich e làn-thìde a-rithist.

Chuir e bliadhnaichean seachad ann an ospadal airson tinneas-inntinn ann an Dùn Èideann. Ged a thill e airson greis don Tairbeart, cha deach gu math leis an sin. Cha robh an t-àite mar a bha. Chaochail Deòrsa ann an Dùn Èideann ann an naoi ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1984). Ach tha a bhàrdachd – ann an Gàidhlig, Albais is Beurla – beò fhathast. ’S fhiach a leughadh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 849

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word