ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

189: The Old Fox 189: Seann Mhadadh Ruadh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Seann Mhadadh Ruadh

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Robbie is Anne Northway. Bha iad anns an t-Srathan air a’ Pharbh. Bha mi ann as t-fhoghar am-bliadhna. Bha mi ann còmhla ri caraid. Ach bha sinn ann am bothan eile anns an sgìre sin cuideachd. ’S e sin am bothan ann an Srath Chailleach.

Tha am bothan sin gu math beag, ìosal is dorch. Tha e seachd mìle bho rathad sam bith. Chan eil mòran daoine a’ dol ann. Ach tha an togalach ann an deagh òrdugh. ’S e Comann Bothain nam Beann a tha ga chumail ann an òrdugh.

Ràinig sinn am bothan. “Seo far an robh e – an Seann Mhadadh Ruadh,” thuirt mo charaid.

“Cò bha anns a’ Mhadadh Ruadh?” dh’fhaighnich mi. Dh’innis mo charaid dhomh mun turas a thàinig e don bhothan. Bha fear a’ fuireach ann. Cha robh e laghach. “Thalla!” thuirt e. B’ e an duine sin Seumas MacRuairidh Mac a’ Ghobhainn. Bha e a’ fuireach anns a’ bhothan sin airson trithead bliadhna.

Bhuineadh Seumas do Dhùn Bhreatainn. Bha e anns an arm anns a’ Ghearmailt an Iar às dèidh a’ chogaidh. Thill e a dh’Alba. Ach cha deach gu math dha. Chaill e a bhean ann an tubaist rathaid.

Ghluais Seumas don cheann a tuath. Agus rinn e a dhachaigh anns an t-seann taigh ann an Srath Chailleach. Bha e ochd mìle air cois eadar an taigh agus a’ bhùth. Ach tha e coltach gun robh Seumas toilichte a bhith a’ fuireach leis fhèin.

Cha robh gnothach aig Comann nam Bothan ris an àite – aig an àm sin. Ach bha stoirm mhòr ann. Bha sin ann an naoi ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1981). Rinn an stoirm milleadh air an togalach. Dh’aontaich Comann nam Bothan an togalach a chàradh. Ach, airson sin, dh’aontaich Seumas aon seòmar aige fhàgail fosgailte do luchd-coiseachd.

Dh’aontaich Seumas ach cha do chùm e ris a’ bhargan. Bha iomadh duine a chaidh ann, nach d’ fhuair fàilte.

Dh’fhalbh Seumas anns na naochadan. Chaochail e anns na naochadan cuideachd. Tha an taigh aige nise na bhothan do luchd-coiseachd. Ach tha na dealbhan a rinn e fhathast air a’ bhalla – mar chuimhneachan air.

The Old Fox

English Beurla

I was telling you about Robbie and Anne Northway. They were in Strathan on Cape Wrath. I was there in autumn this year. I was there with a friend. But we were also in another bothy in the area. That is the bothy in Strathcailleach.

That bothy is very small, low and dark. It is seven miles from any road. Not many people go there. But the building itself is in good repair. It is the Mountain Bothies Association that keeps it in repair.

We reached the bothy. “Here’s where he was – the Old Fox,” said my friend.

“Who was the Old Fox?” I asked. My friend told me about a time he came to the bothy. A man was living there. He wasn’t nice. “Go away!” he said. That man was James McRory Smith. He was living in that bothy for thirty years.

James belonged to Dumbarton. He was in the army in West Germany after the war. He returned to Scotland. But things didn’t go well for him. He lost his wife in a road accident.

James moved to the north. And he made his home in the old house in Strathcailleach. It was eight miles on foot between the house and the shop. But it appears that James was happy living on his own.

The Bothies Association had nothing to do with the place – at that time. But there was a big storm. That was in 1981. The storm damaged the building. The Bothies Association agreed to repair the building. But, for that, James agreed to leave one of his rooms open to walkers.

James agreed but he didn’t keep [his part of] the bargain. There were many people who went there.

James left during the nineties. He also died in the nineties. His house is now a bothy for walkers. But the pictures he drew are still on the wall – as a reminder of him.

Show English

Seann Mhadadh Ruadh

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Robbie is Anne Northway. Bha iad anns an t-Srathan air a’ Pharbh. Bha mi ann as t-fhoghar am-bliadhna. Bha mi ann còmhla ri caraid. Ach bha sinn ann am bothan eile anns an sgìre sin cuideachd. ’S e sin am bothan ann an Srath Chailleach.

Tha am bothan sin gu math beag, ìosal is dorch. Tha e seachd mìle bho rathad sam bith. Chan eil mòran daoine a’ dol ann. Ach tha an togalach ann an deagh òrdugh. ’S e Comann Bothain nam Beann a tha ga chumail ann an òrdugh.

Ràinig sinn am bothan. “Seo far an robh e – an Seann Mhadadh Ruadh,” thuirt mo charaid.

“Cò bha anns a’ Mhadadh Ruadh?” dh’fhaighnich mi. Dh’innis mo charaid dhomh mun turas a thàinig e don bhothan. Bha fear a’ fuireach ann. Cha robh e laghach. “Thalla!” thuirt e. B’ e an duine sin Seumas MacRuairidh Mac a’ Ghobhainn. Bha e a’ fuireach anns a’ bhothan sin airson trithead bliadhna.

Bhuineadh Seumas do Dhùn Bhreatainn. Bha e anns an arm anns a’ Ghearmailt an Iar às dèidh a’ chogaidh. Thill e a dh’Alba. Ach cha deach gu math dha. Chaill e a bhean ann an tubaist rathaid.

Ghluais Seumas don cheann a tuath. Agus rinn e a dhachaigh anns an t-seann taigh ann an Srath Chailleach. Bha e ochd mìle air cois eadar an taigh agus a’ bhùth. Ach tha e coltach gun robh Seumas toilichte a bhith a’ fuireach leis fhèin.

Cha robh gnothach aig Comann nam Bothan ris an àite – aig an àm sin. Ach bha stoirm mhòr ann. Bha sin ann an naoi ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1981). Rinn an stoirm milleadh air an togalach. Dh’aontaich Comann nam Bothan an togalach a chàradh. Ach, airson sin, dh’aontaich Seumas aon seòmar aige fhàgail fosgailte do luchd-coiseachd.

Dh’aontaich Seumas ach cha do chùm e ris a’ bhargan. Bha iomadh duine a chaidh ann, nach d’ fhuair fàilte.

Dh’fhalbh Seumas anns na naochadan. Chaochail e anns na naochadan cuideachd. Tha an taigh aige nise na bhothan do luchd-coiseachd. Ach tha na dealbhan a rinn e fhathast air a’ bhalla – mar chuimhneachan air.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 493

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile