ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

176: Different types of hawks 176: Diofar sheòrsaichean de chlamhain

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Diofar sheòrsaichean de chlamhain

Gaelic Gàidhlig

Bha mi anns a’ Chuimrigh. Bha mi air trèana a’ dol gu Aberystwyth. Chunnaic mi clamhan anns an adhar. Bha e mòr. Bha earball gobhlach air. Bha mi a’ coimhead air clamhan gobhlach – no red kite.

Thug sin toileachas dhomh. Carson? Uill, tha a-nise clamhain ghobhlach gu leòr ann an Alba. Ach, o chionn fichead bliadhna, cha robh gin ann. B’ e a’ Chuimrigh an t-aon àite ann am Breatainn far an robh e.

Bha an clamhan gobhlach uaireigin pailt ann am Breatainn. Sgrìobh Uilleam Shakespeare gun robh iad pailt ann an Lunnainn nuair a bha esan beò. Bha iad a’ tighinn beò air an sgudal air na sràidean. Agus bha iad pailt a-muigh air an dùthaich cuideachd.

Ach an-diugh chan eil sgudal air sràidean nam bailtean mòra. Uill, chan eil uiread ’s a b’ àbhaist! Mharbh geamairean tòrr chlamhan gobhlach. Bha iad a’ smaoineachadh gun robh iad a’ sgrios nan cearcan-fraoich. Ge-tà, tha luchd-glèidhteachais ag ràdh nach dèan iad cron air cearcan-fraoich.

Mu dheireadh, b’ e meadhan na Cuimrigh an aon sgìre far an robh an clamhan gobhlach. Ach cha do thuig mi cho gann ’s a bha iad sa Chuimrigh cuideachd. Faisg air Aberystwyth tha baile beag Tregaron. Tha taigh-tasgaidh ann don chlamhan ghobhlach. Aig toiseach an fhicheadamh linn, cha robh ach trì paidhrichean ann.

Bha dragh air luchd-glèidhteachais. Thug iad uighean a-steach bhon Spàinn. Chuir iad na h-uighean ann an neadan chlamhan. Sin am buzzard. Rugadh gu leòr de dh’iseanan. Gu mì-fhortanach, ge-tà, bidh an clamhan gobhlach Spàinneach a’ falbh bhon àite anns a bheil an nead. Chaidh a’ chuid a bu mhotha de na h-eòin air falbh!

Ach lean an luchd-glèidhteachais orra. Anns na seasgadan, dh’èirich àireamh nan clamhan gobhlach gu fichead paidhir. A-nise tha an àireamh dhiubh gu math fallain. Tha i fallain ann an Alba cuideachd. Chaidh eòin a thoirt a-steach a dh’Alba bhon Ghearmailt agus bhon t-Suain.

Tha an t-eun seo brèagha. Thug e toileachas mòr dhomh an clamhan gobhlach fhaicinn anns a’ Chuimrigh. Agus tha mi a’ faighinn toileachas mòr nuair a chì mi clamhan gobhlach ann an Alba cuideachd.

Different types of hawks

English Beurla

I was in Wales. I was on a train going to Aberystwyth. I saw a hawk in the air. It was big. It had a forked tail. I was looking at a red kite.

That gave me pleasure. Why? Well, now there are many red kites in Scotland. But, twenty years ago, there were none. Wales was the one place in Britain where it was.

The red kite was at one time plentiful in Britain. William Shakespeare wrote that they were plentiful in London when he was alive. They were living [“coming alive”] on the rubbish on the streets. And they were plentiful out in the country as well.

But today there isn’t rubbish on the streets of the cities. Well, there’s not as much as there used to be! Gamekeepers killed many red kites. They were thinking they were killing the grouse. However, conservationists say that they don’t damage grouse.

Eventually mid-Wales was the one place where the red kite was. But I hadn’t understood [didn’t understand] how scarce they were in Wales as well. Close to Aberystwyth there is the small town of Tregaron. There is a museum there to the red kite. At the start of the twentieth century, there were only three pairs left.

Conservationists were concerned. They imported eggs from Spain. They put the eggs in nests of buzzards [That’s the buzzard]. Many chicks were born. Unfortunately, however, the Spanish red kite leaves the area where the nest is. Most of the birds went away!

But the conversationists continued. In the sixties, the number[s] of red kites increased to twenty pairs. Now their number is very healthy. It’s healthy in Scotland also. Birds were brought into Scotland from Germany and [from] Sweden.

This bird is beautiful. It gave me great pleasure to see the red kite in Wales. And I get great pleasure when I see a red kite in Scotland as well.

Show English

Diofar sheòrsaichean de chlamhain

Gaelic Gàidhlig

Bha mi anns a’ Chuimrigh. Bha mi air trèana a’ dol gu Aberystwyth. Chunnaic mi clamhan anns an adhar. Bha e mòr. Bha earball gobhlach air. Bha mi a’ coimhead air clamhan gobhlach – no red kite.

Thug sin toileachas dhomh. Carson? Uill, tha a-nise clamhain ghobhlach gu leòr ann an Alba. Ach, o chionn fichead bliadhna, cha robh gin ann. B’ e a’ Chuimrigh an t-aon àite ann am Breatainn far an robh e.

Bha an clamhan gobhlach uaireigin pailt ann am Breatainn. Sgrìobh Uilleam Shakespeare gun robh iad pailt ann an Lunnainn nuair a bha esan beò. Bha iad a’ tighinn beò air an sgudal air na sràidean. Agus bha iad pailt a-muigh air an dùthaich cuideachd.

Ach an-diugh chan eil sgudal air sràidean nam bailtean mòra. Uill, chan eil uiread ’s a b’ àbhaist! Mharbh geamairean tòrr chlamhan gobhlach. Bha iad a’ smaoineachadh gun robh iad a’ sgrios nan cearcan-fraoich. Ge-tà, tha luchd-glèidhteachais ag ràdh nach dèan iad cron air cearcan-fraoich.

Mu dheireadh, b’ e meadhan na Cuimrigh an aon sgìre far an robh an clamhan gobhlach. Ach cha do thuig mi cho gann ’s a bha iad sa Chuimrigh cuideachd. Faisg air Aberystwyth tha baile beag Tregaron. Tha taigh-tasgaidh ann don chlamhan ghobhlach. Aig toiseach an fhicheadamh linn, cha robh ach trì paidhrichean ann.

Bha dragh air luchd-glèidhteachais. Thug iad uighean a-steach bhon Spàinn. Chuir iad na h-uighean ann an neadan chlamhan. Sin am buzzard. Rugadh gu leòr de dh’iseanan. Gu mì-fhortanach, ge-tà, bidh an clamhan gobhlach Spàinneach a’ falbh bhon àite anns a bheil an nead. Chaidh a’ chuid a bu mhotha de na h-eòin air falbh!

Ach lean an luchd-glèidhteachais orra. Anns na seasgadan, dh’èirich àireamh nan clamhan gobhlach gu fichead paidhir. A-nise tha an àireamh dhiubh gu math fallain. Tha i fallain ann an Alba cuideachd. Chaidh eòin a thoirt a-steach a dh’Alba bhon Ghearmailt agus bhon t-Suain.

Tha an t-eun seo brèagha. Thug e toileachas mòr dhomh an clamhan gobhlach fhaicinn anns a’ Chuimrigh. Agus tha mi a’ faighinn toileachas mòr nuair a chì mi clamhan gobhlach ann an Alba cuideachd.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 480

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile