ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

99: Antonine Wall 99: Balla Antonine

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Balla Antonine

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air Àird Chlach? Tha i ann an Siorrachd Narann. Tha i gu deas air Inbhir Narann. Tha i air an rathad eadar Inbhir Narann agus Baile nan Granndach. Tha Uisge Èireann – the Findhorn River – a’ ruith tron sgìre.

Tha mòran ainmean-àite Gàidhlig ann an Àird Chlach. Ann am meadhan na sgìre, tha loch ann. Air a’ mhap, tha ainm an locha air a litreachadh B-E-L-I-V-A-T. Ahà, thuirt mi rium fhìn, chan e ainm Gàidhlig a th’ ann an sin. ’S e ainm Lochlannach a th’ ann. Tha –vat aig deireadh ainm a’ ciallachadh “loch” ann an Lochlannais. Mar eisimpleir, Langavat – loch fada. No Laxavat – loch nam bradan. Mar sin bha mi a’ smaoineachadh gur e “BEL-ee-vat” an t-ainm a th’ air an loch.

Uill, ’s dòcha gun robh mi ceàrr. Bha mi a’ bruidhinn ri fear a tha a’ fuireach anns an sgìre. Dh’innis e dhomh gur e “bel-EEV-ut” a chanas daoine. Mmm, thuirt mi rium fhìn, cò as a thàinig an t-ainm? Agus a bheil e Lochlannach?

A rèir choltais, ’s e ainm Gàidhlig a th’ ann. Buaile Fhiodhaid – a tha a’ ciallachadh the cattle fold at the wooded place. Buaile Fhiodhaid. Tha a’ Ghàidhlig a’ mìneachadh mar a chanas daoine ann am Beurla “bel-EEV-ut” seach “BEL-ee-vat”.

Bha fiodh gu leòr ann uaireigin. Tha an t-ainm-àite ag innse sin dhuinn. Agus tha fiodh gu leòr ann fhathast. Dè tha mi a’ ciallachadh? Uill, tha coille mhòr mhòr timcheall an locha. Tha craobhan dùthchasach agus neo-dhùthchasach anns a’ choille. ’S e àite brèagha a th’ ann.

Tha dualchas àraidh aig Loch Buaile Fhiodhaid. Bhathar ag ràdh anns an t-seann aimsir gun robh tarbh-uisge a’ fuireach san loch. Tarbh-uisge no water-bull. Bha e mòr mòr. Bha e cho dubh ris an t-suith.

Bha an tarbh-uisge ag ithe lusan anns an loch agus air bruach an locha. Nuair a bha na lusan gann, bha an t-acras air an tarbh-uisge. Bha e a’ dol gu àiteachan eile airson biadh a lorg. Bha e cunnartach an uair sin. Innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn an tairbh-uisge sin an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: A bheil sibh eòlach air Àird Chlach?: do you know Ardclach?; Siorrachd Narann: Nairnshire; eadar Inbhir Narann agus Baile nan Granndach: between Nairn and Grantown on Spey; Uisge Èireann: Findhorn River; meadhan na sgìre: the middle of the parish/area; tha ainm an locha air a litreachadh: the loch’s name is spelt; thuirt mi rium fhìn: I said to myself; ’s e ainm Lochlannach a th’ ann: it’s a Norse name; ’s dòcha gun robh mi ceàrr: perhaps I was wrong; dh’innis e dhomh: he told me; Buaile Fhiodhaid:Belivat; bha fiodh gu leòr ann uaireigin: there was plenty of wood there at one time; tha coille mhòr mhòr timcheall an locha: there is a great forest around the loch; dùthchasach agus neo-dhùthchasach: native and non-native; bhathar ag ràdh anns an t-seann aimsir: it was said in olden times; tarbh-uisge: water-bull; cho dubh ris an t-suith: as black as the soot; lusan anns an loch agus air bruach an locha: plants in the loch and on the bank of the loch; airson biadh a lorg: to find food; cunnartach: dangerous; tuilleadh mu dheidhinn an tairbh-uisge: more about the water-bull.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 403

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile