ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

701: The Three Bog Cotton Shirts (1) 701: Na Trì Lèintean Canaich (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Na Trì Lèintean Canaich (1)

Gaelic Gàidhlig

Seo seann sgeulachd air a bheil ‘Na Trì Lèintean Canaich’. Bha rìgh ann aig an robh triùir mhac agus nighean. Chaochail a bhean. Phòs e a-rithist. Bha eagal air nach biodh a bhean ùr measail air a chloinn. Mar sin, thog e taigh dhaibh air a’ bheinn-sheilg. Cha robh fios aig a bhean ùir mu dheidhinn an taighe no mu dheidhinn na cloinne.

Bha an rìgh gu tric a’ tadhal air a chloinn air a’ bheinn-sheilg. Gach eun a mharbh e, thug e dhaibh e.

Latha de na làithean, bha an rìgh a-muigh. Nochd bana-bhuidseach anns an lùchairt. Bhruidhinn i ri bean an rìgh. ‘Tha thu dhen bheachd nach eil duine as docha leis an rìgh na thu, ach tha,’ thuirt i.

‘Cò?’

‘A thriùir mhac agus nighean. Tha iad ann an grianan air a’ bheinn-sheilg.’

‘O,’ thuirt a’ bhanrigh. ‘Cha robh fios a’m. Ciamar a gheibh mi dhachaigh iad?’

‘Nuair a thig an rìgh dhachaigh,’ ars a’ bhana-bhuidseach, ‘lìon do bheul le fìon dearg. Nuair a thig e tron doras, spùt am fìon a-mach. Can ris gu bheil thu a’ cur a-mach fuil do chridhe. Cha bhi leigheas air a shon ach a thriùir mhac agus nighean a thoirt dhachaigh.’

Thàinig an rìgh. Spùt a bhean am fìon dearg a-mach.

‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich an rìgh.

‘Tha fuil mo chridhe a’ tighinn às mo bheul,’ fhreagair i. ‘ ʼS e do thriùir mhac agus nighean tighinn dhachaigh a nì leigheas orm.’

Chuir an rìgh searbhant a-mach chun a’ ghrianain. Thill a’ chlann dhachaigh. An ath latha, chaidh an rìgh a-mach. Chuir a bhean fios don bhana-bhuidsich. ‘Ciamar a gheibh mi cuidhteas clann an rìgh?’ dh’fhaighnich i.

‘Ma gheibh mise pàigheadh,’ ars a’ bhana-bhuidseach, ‘cuiridh mi fhìn às dhaibh.’

‘Dè am pàigheadh?’ dh’fhaighnich a’ bhanrigh.

‘Uiread de chlòimh a lìonas mo dhà chluais agus min a lìonas crogan dubh.’

‘Dè bhios an sin?’ dh’fhaighnich a’ bhanrigh.

‘De chlòimh – toradh seachd taighean-chaorach fad seachd bliadhna. Dè mhin – toradh seachd grainnsichean fad seachd bliadhna.’

‘Gheibh thu sin,’ ars a’ bhanrigh.

‘Uill, cuir a’ chlann a-nall thugam aon is aon a dh’iarraidh na cìre mìne,’ thuirt a’ bhana-bhuidseach.

Agus, an-ath-sheachdain, chì sinn dè thachair.

The Three Bog Cotton Shirts (1)

English Beurla

Here is an old story called ‘The Three Bog Cotton Shirts’. There was a king who had three sons and a daughter. His wife died. He married again. He was afraid his new wife would not like the children. Thus, he built them a house on the hunting-hill. His new wife didn’t know about the house or the children.

The king was often visiting his children on the hunting-hill. Every bird he killed, he gave it to them.

One day, the king was out. A witch appeared in the palace. She spoke to the king’s wife. ‘You think there is nobody the king is keener on than you, but you’re wrong,’ she said.

‘Who?’

‘His three sons and daughter. They are in a sun-house on the hunting-hill.’

‘Oh,’ said the queen. ‘I didn’t know. How will I get them home?’

‘When the king comes home,’ said the witch, ‘fill your mouth with red wine. When he comes through the door, spit the wine out. Tell him you are vomiting the blood of your heart. There is no treatment for it except bringing home his three sons and daughter.’

The king came. His wife spat out the red wine.

‘What’s wrong with you?’ asked the king.

‘The blood of my heart is coming out of my mouth,’ she replied. ‘What will cure me will be your three sons and daughter coming home.’

The king sent a servant to the sun-house. The children returned home. The next day, the king went out. His wife sent for the witch. ‘How will I get rid of the king’s children?’ she asked.

‘If I receive payment,’ said the witch, I’ll get rid of them myself.

‘What payment?’ asked the queen.

‘Enough wool to fill my two ears and meal that fills a black jar.’

‘What will that be?’ asked the queen.

‘Of wool – the produce of seven sheep-houses over seven years. Of meal – the produce of seven granaries over seven years.’

‘You’ll get that,’ said the queen.

‘Well, send the children to me one by one to fetch the fine comb,’ said the witch.

And, next week, we’ll see what happened.

Show English

Na Trì Lèintean Canaich (1)

Gaelic Gàidhlig

Seo seann sgeulachd air a bheil ‘Na Trì Lèintean Canaich’. Bha rìgh ann aig an robh triùir mhac agus nighean. Chaochail a bhean. Phòs e a-rithist. Bha eagal air nach biodh a bhean ùr measail air a chloinn. Mar sin, thog e taigh dhaibh air a’ bheinn-sheilg. Cha robh fios aig a bhean ùir mu dheidhinn an taighe no mu dheidhinn na cloinne.

Bha an rìgh gu tric a’ tadhal air a chloinn air a’ bheinn-sheilg. Gach eun a mharbh e, thug e dhaibh e.

Latha de na làithean, bha an rìgh a-muigh. Nochd bana-bhuidseach anns an lùchairt. Bhruidhinn i ri bean an rìgh. ‘Tha thu dhen bheachd nach eil duine as docha leis an rìgh na thu, ach tha,’ thuirt i.

‘Cò?’

‘A thriùir mhac agus nighean. Tha iad ann an grianan air a’ bheinn-sheilg.’

‘O,’ thuirt a’ bhanrigh. ‘Cha robh fios a’m. Ciamar a gheibh mi dhachaigh iad?’

‘Nuair a thig an rìgh dhachaigh,’ ars a’ bhana-bhuidseach, ‘lìon do bheul le fìon dearg. Nuair a thig e tron doras, spùt am fìon a-mach. Can ris gu bheil thu a’ cur a-mach fuil do chridhe. Cha bhi leigheas air a shon ach a thriùir mhac agus nighean a thoirt dhachaigh.’

Thàinig an rìgh. Spùt a bhean am fìon dearg a-mach.

‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich an rìgh.

‘Tha fuil mo chridhe a’ tighinn às mo bheul,’ fhreagair i. ‘ ʼS e do thriùir mhac agus nighean tighinn dhachaigh a nì leigheas orm.’

Chuir an rìgh searbhant a-mach chun a’ ghrianain. Thill a’ chlann dhachaigh. An ath latha, chaidh an rìgh a-mach. Chuir a bhean fios don bhana-bhuidsich. ‘Ciamar a gheibh mi cuidhteas clann an rìgh?’ dh’fhaighnich i.

‘Ma gheibh mise pàigheadh,’ ars a’ bhana-bhuidseach, ‘cuiridh mi fhìn às dhaibh.’

‘Dè am pàigheadh?’ dh’fhaighnich a’ bhanrigh.

‘Uiread de chlòimh a lìonas mo dhà chluais agus min a lìonas crogan dubh.’

‘Dè bhios an sin?’ dh’fhaighnich a’ bhanrigh.

‘De chlòimh – toradh seachd taighean-chaorach fad seachd bliadhna. Dè mhin – toradh seachd grainnsichean fad seachd bliadhna.’

‘Gheibh thu sin,’ ars a’ bhanrigh.

‘Uill, cuir a’ chlann a-nall thugam aon is aon a dh’iarraidh na cìre mìne,’ thuirt a’ bhana-bhuidseach.

Agus, an-ath-sheachdain, chì sinn dè thachair.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1005

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile