ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

89: Culbin Sands 89: Bàr Inbhir Èireann

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Bàr Inbhir Èireann

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Bhàr Inbhir Èireann – no na Culbin Sands. Tha iad ann am Moireibh faisg air Inbhir Narann. Eadar Inbhir Narann is Inbhir Èireann. Dh’fhalbh na daoine. Thachair sin ann an sia ceud deug, naochad ’s a ceithir (1694). Chòmhdaich gainmheach an t-àite.

An-diugh ’s e coille a th’ ann. Tha tòrr gainmhich fon choille. Chan eil duine a’ fuireach ann. Ach tha ceist agam – dè dh’adhbharaich an sgrios? Carson a sgap a’ ghainmheach anns a’ bhliadhna sin? Tha feadhainn a’ coireachadh mac an duine.

Faisg air a’ chladach, eadar Uisge Narann is Uisge Èireann, cha robh clach ann. Mar sin, cha do chleachd na daoine bochda clach airson taighean a thogail. Chleachd iad sgrathan an àite clach.

Càite an d’ fhuair na daoine na sgrathan? Uill, fhuair bho na seann dùin-ghainmhich. Bha ùir air na dùin sin. Ach leis an ùir air falbh, sgap a’ ghainmheach leis a’ ghaoith.

Cuideachd, bha mullaichean tughaidh aig daoine bochda ann an Alba aig an àm sin. Agus càite an d’ fhuair muinntir Bhàr Inbhir Èireann an tughadh? Uill, fhuair bho dhùin-ghainmhich eile – feadhainn na b’ òige a bha na b’ fhaisge air a’ mhuir. Spìon iad am muran a bha a’ fàs air na dùin sin. ’S e muran feur a tha a’ fàs air gainmheach – marram grass ann am Beurla. Bidh am muran a’ cumail na gainmhich ri chèile. Nuair a dh’fhalbh am muran, sgap a’ ghainmheach leis a’ ghaoith.

Mus do thachair an sgrios mhòr, bha daoine ag aithris mu stoirmean gainmhich anns an sgìre sin. Bho àm gu àm bha Comhairle Inbhir Narann a’ cur casg air buain sgrathan. Ach cha do chuir sin stad air daoine.

Bliadhna às dèidh na stoirme mòire, sgrìobh an t-uachdaran – Alexander Kinnaird – gu Pàrlamaid na h-Alba. Thuirt e gun robh na cìsean aige ro àrd. Bha an dàrna cuid dhen oighreachd aige fo ghainmheach, thuirt e. Chuir a’ Phàrlamaid achd an sàs. Bha e an uair sin an aghaidh an lagh a bhith a’ spìonadh muran. Ach bha e ro fhadalach airson Bàr Inbhir Èireann. Cha do thill na daoine. B’ e Alexander Kinnaird an t-uachdaran mu dheireadh ann.

Faclan is abairtean: Bàr Inbhir Èireann: Culbin Sands; eadar Inbhir Narann is Inbhir Èireann: between Nairn and Findhorn; dh’fhalbh na daoine:the people left; chòmhdaich gainmheach an t-àite: sand covered the place; tha tòrr gainmhich fon choille: there is much sand under the forest; dè dh’adhbharaich an sgrios?: what caused the destruction?; tha feadhainn a’ coireachadh mac an duine: some people blame Man; eadar Uisge Narann is Uisge Èireann: between the Nairn River and the Findhorn River; cha do chleachd na daoine bochda clach: the poor people didn’t use stone; chleachd iad sgrathan: they used turf [pieces of turf]; seann dùin-ghainmhich: old sand dunes; leis an ùir air falbh: with the soil away; mullaichean tughaidh: thatched roofs; feadhainn na b’ òige a bha na b’ fhaisge air a’ mhuir: some younger ones that were closer to the sea; spìon iad am muran: they pulled out the marram grass; a’ cumail na gainmhich ri chèile: holding the sand together; sgap a’ ghainmheach leis a’ ghaoith: the sand spread with the wind; bha Comhairle Inbhir Narann a’ cur casg air buain sgrathan: Nairn Town Council banned the digging of turf; cha do chuir sin stad air: that didn’t stop; bliadhna às dèidh na stoirme mòire: a year after the great storm; sgrìobh an t-uachdaran gu Pàrlamaid na h-Alba: the laird wrote to the Scottish Parliament; gun robh na cìsean aige ro àrd: that his taxes were too high; bha an dàrna cuid dhen oighreachd aige fo ghainmheach: half of his estate was under sand; an aghaidh an lagh: against the law; ro fhadalach: too late; cha do thill na daoine: the people did not return; b’ e X an t-uachdaran mu dheireadh: X was the last laird.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 393

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile