menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

William Elphinstone, Bishop of Aberdeen (2) (Litir Bheag 596) Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain (2) (Litir Bheag 596)

William Elphinstone, Bishop of Aberdeen (2) Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain (2)

William Elphinstone, the Bishop of Aberdeen, got permission from the Pope to establish a university in the town in 1495. He also got agreement from the King of Scotland, James IV. To begin with, it wasn’t called ‘The University of Aberdeen’, but ‘St Mary’s College’. The name was changed to ‘University and King’s College’.

Elphinstone was highly regarded. It was easy for him to hire capable staff.

I want to return to Elphinstone’s memorial. It is situated outside King’s College Chapel. There is Gaelic writing on it.

Elphinstone died in 1514. His mortal remains were buried in the chapel. But his tomb disappeared at the time of the Reformation. Shortly before 1914, the leaders of the university decided to build a new memorial. It was the designer Henry Wilson that made it.

The project was delayed, however, because the Great War began. It was finished in 1931. The memorial was put in King’s College Chapel. But it was too big. After the Second [World] War, it was moved to the site where it is today.

For the rest of my account, I’m indebted to Colm Ò Baoill. Colm used to teach in the university’s Celtic Department. He wrote about the matter in the periodical Gath.

The university began to teach Gaelic in 1916. It was John Fraser from Glenurquhart that was teaching it. He wrote two verses in old Gaelic for the memorial. Here is part of the first verse, but in old Gaelic: The resting place of our saintly teacher, one Elphinstone, scholar of the Gaels ...

Well now, did Elphinstone speak Gaelic? Or was there another reason for John Fraser to write that? I don’t know. But I do know this – William Elphinstone was some guy.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain (2) (Litir Bheag 596)

William Elphinstone, Bishop of Aberdeen (2)

Fhuair Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain, cead bhon Phàp airson oilthigh a stèidheachadh sa bhaile ann an ceithir cheud deug, naochad ʼs a còig (1495). Fhuair e cùmhnant cuideachd bho Rìgh na h-Alba, Seumas IV. An toiseach, chan e ‘Oilthigh Obar Dheathain’ a bha air, ach ‘Colaiste Moire’. Chaidh an t-ainm atharrachadh gu ‘Oilthigh agus Colaiste an Rìgh’.

Bha Elphinstone cliùiteach. Bha e furasta dha luchd-obrach comasach fhastadh.

Tha mi airson tilleadh don charragh-chuimhne aig Elphinstone. Tha e suidhichte taobh a-muigh Caibeal Cholaiste an Rìgh. Tha sgrìobhadh Gàidhlig air.

Chaochail Elphinstone ann an còig ceud deug is ceithir-deug (1514). Chaidh an dust aige a thiodhlacadh anns a’ chaibeal. Ach chaidh an tuam aige à fianais aig àm an Ath-leasachaidh. Beagan ron bhliadhna naoi ceud deug is ceithir-deug (1914), chuir ceannardan an oilthigh romhpa carragh-cuimhne ùr a thogail. ʼS e an dealbhadair Eanraig MacUilleim a rinn e.

Bha dàil air a’ phròiseact, ge-tà, oir thòisich an Cogadh Mòr. ʼS ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a h-aon (1931) a bha e deiseil. Chaidh an carragh-cuimhne a chur ann an Caibeal Cholaiste an Rìgh. Ach bha e ro mhòr. An dèidh an Dàrna Cogaidh, chaidh a ghluasad don làraich far a bheil e an-diugh.

Airson a’ chòrr dhen chunntas agam, tha mi an comain Cholm Ò Baoill. Bha Colm uaireigin a’ teagasg ann an Roinn na Ceilteis san oilthigh. Sgrìobh e mun chùis anns an iris Gath.

Thòisich an t-oilthigh air Gàidhlig a theagasg ann an naoi ceud deug is sia-deug (1916). ʼS e fear Iain Friseal à Gleann Urchardain a bha ga teagasg. Sgrìobh esan dà rann ann an seann Ghàidhlig airson a’ charraigh-chuimhne. Seo pàirt dhen chiad rann, ach ann an seann Ghàidhlig: Àite-laighe ar n-oide naoimh, am fear Elphinstone, sgoilear nan Gàidheal ...

Uill, a-nise, an robh Gàidhlig aig Elphinstone? No an robh adhbhar eile aig Iain Friseal airson sin a sgrìobhadh? Chan eil fhios a’m. Ach tha fhios a’m air seo – ʼs e duine air leth a bha ann an Uilleam Elphinstone.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 900

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word