ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

352: Dugald Buchanan - Part 3 352: Dùghall Bochanan - Pàirt 3

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Dùghall Bochanan - Pàirt 3

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha Dùghall Bochanan, am bàrd spioradail, na dheugaire chaidh e a dh’fhuireach ann an Sruighlea. Chaidh e far rathad an Tighearna. Ach bha na peacaidhean aige a’ bualadh air a chogais. Chaidh e tro bhliadhnaichean de theagamh mun chreideamh aige.

Tha e ag innse anns an leabhar aige Beatha agus Iompachadh Dhùghaill Bhochanain mar a thachair dha aon latha. Bha e air an t-sràid. “Bha saighdear air mhisg a’ falbh romham,” tha e ag ràdh. “Bha gillean òg’ eile a’ cur mì-thlachd air le bhith tilgeadh seann ghiobal de luideag shalach na aodann…”

Cha do thuig Dùghall an suidheachadh. Thog e an clobhd. Bha e a’ dol ga thilgeil air fhalbh. Bha an saighdear dhen beachd gum b’ e Dùghall fear de na bleigeardan. Tharraing e a bheigeileid. Ruith Dùghall suas clobhsa. Bha an saighdear a’ dol ga shàthadh le a bheig-eileid. Ach thuit e air a bheul fodha. Laigh e an sin gun mhothachadh. Agus theich Dùghall. Bha Dùghall dhen bheachd gun robh Dia air a bheatha a shàbhaladh.

An dèidh ùine ann an Sruighlea agus Dùn Èideann, chaidh e don Cheapan ann an Siorrachd Shruighlea. Bha e ochd bliadhn’ deug a dh’aois. Bha athair ag iarraidh air ceàird a thoirt a-mach. Tha e fhèin ag ràdh gun robh e leisg. Ach fhuair e obair airson saoirsneachd ionnsachadh.

Ach chaidh Dùghall is a mhaighstir a-mach air a chèile. Chaidh Dùghall gu fear eile ann an Dùn Breatann. Cha do mhair an obair sin fada nas motha.

Ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1742), chaidh Dùghall gu co-chruinneachadh mòr ann an Camas Long faisg air Glaschu. Thàinig dà fhichead mìle duine cruinn. Bha iad ag èisteachd ris an t-searmonaiche ainmeil, Seòras Whitefield.

Fhuair Dùghall misneachd. Ach bha fhathast teagamhan a’ bualadh air. Bha a bheatha a’ dol a dh’atharrachadh gu mòr, ge-tà, mar a chì sinn anns an ath Litir.

Dugald Buchanan - Part 3

English Beurla

When Dugald Buchanan, the spiritual poet, was a teenager, he went to live in Stirling. He departed from the Lord’s way. But his sins preyed on his conscience. He went through years of doubt about his religion.

He tells in his book The Life and Conversion of Dugald Buchanan, what happened to him one day. He was on the street. “A drunken soldier was walking in front of me,” he says. “Other young lads were annoying him by throwing a torn old piece of dirty rag in his face...”

Dugald didn’t understand the situation. He picked up the cloth. He was going to throw it away. The soldier thought that Dugald was one of the louts. He drew his bayonet. Dugald ran up a close. The soldier was going to run him through with his bayonet. But he fell flat on his face. He lay there unconscious. And Dugald fled. Dugald reckoned that God had saved his life.

After a period in Stirling and Edinburgh, he went to Kippen in Stirlingshire. He was eighteen years old. His father was wanting him to take out a trade. He himself says he was lazy. But he got work to learn joinery.

But Dugald and his master fell out with each other. Dugald went to another man in Dumbarton. That work didn’t last long either.

In 1742, Dugald went to a large gathering in Cambuslang near Glasgow. Twenty thousand people gathered. They were listening to the famous preacher, George Whitefield.

Dugald was encouraged. But doubts still assailed him. His life was about to change in a big way, however, as we’ll see in the next Litir.

Show English

Dùghall Bochanan - Pàirt 3

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha Dùghall Bochanan, am bàrd spioradail, na dheugaire chaidh e a dh’fhuireach ann an Sruighlea. Chaidh e far rathad an Tighearna. Ach bha na peacaidhean aige a’ bualadh air a chogais. Chaidh e tro bhliadhnaichean de theagamh mun chreideamh aige.

Tha e ag innse anns an leabhar aige Beatha agus Iompachadh Dhùghaill Bhochanain mar a thachair dha aon latha. Bha e air an t-sràid. “Bha saighdear air mhisg a’ falbh romham,” tha e ag ràdh. “Bha gillean òg’ eile a’ cur mì-thlachd air le bhith tilgeadh seann ghiobal de luideag shalach na aodann…”

Cha do thuig Dùghall an suidheachadh. Thog e an clobhd. Bha e a’ dol ga thilgeil air fhalbh. Bha an saighdear dhen beachd gum b’ e Dùghall fear de na bleigeardan. Tharraing e a bheigeileid. Ruith Dùghall suas clobhsa. Bha an saighdear a’ dol ga shàthadh le a bheig-eileid. Ach thuit e air a bheul fodha. Laigh e an sin gun mhothachadh. Agus theich Dùghall. Bha Dùghall dhen bheachd gun robh Dia air a bheatha a shàbhaladh.

An dèidh ùine ann an Sruighlea agus Dùn Èideann, chaidh e don Cheapan ann an Siorrachd Shruighlea. Bha e ochd bliadhn’ deug a dh’aois. Bha athair ag iarraidh air ceàird a thoirt a-mach. Tha e fhèin ag ràdh gun robh e leisg. Ach fhuair e obair airson saoirsneachd ionnsachadh.

Ach chaidh Dùghall is a mhaighstir a-mach air a chèile. Chaidh Dùghall gu fear eile ann an Dùn Breatann. Cha do mhair an obair sin fada nas motha.

Ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1742), chaidh Dùghall gu co-chruinneachadh mòr ann an Camas Long faisg air Glaschu. Thàinig dà fhichead mìle duine cruinn. Bha iad ag èisteachd ris an t-searmonaiche ainmeil, Seòras Whitefield.

Fhuair Dùghall misneachd. Ach bha fhathast teagamhan a’ bualadh air. Bha a bheatha a’ dol a dh’atharrachadh gu mòr, ge-tà, mar a chì sinn anns an ath Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 656

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile