ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

98: Fair Farquhar's dog 98: Cù Fhearchair Bhàin

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Cù Fhearchair Bhàin

Gaelic Gàidhlig

Tha sinn a’ tighinn gu deireadh na seann sgeulachd Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Chaidh Fionn is càch cuide ri gille fuadain. Bha iad ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Bha iad a’ leantainn ris na ballachan is ris an ùrlar. Cha robh comas aca èirigh.

Airson a bhith saor, bha iad feumach air fuil. Fuil mic Rìgh Innis Tìle. Nuair a thàinig ciaradh an fheasgair, thuirt Fionn ri Oscar, “bidh an fhuil agad a-nochd.” Dh’fhalbh Oscar is Laoghaire gu beul na h-abhainn.

Thàinig sluagh mòr. Bha mic Rìgh Innis Tìle ann. Thug Oscar ionnsaigh air an t-sluagh mhòr. Thug Laoghaire ionnsaigh air mic an Rìgh. Bha buaidh aig Oscar. Cha do dh’fhàg e aon duine beò. Chaidh e far an robh Laoghaire. Bha làmh-an-uachdair aig Laoghaire.

Ach chunnaic Oscar an fhuil. Bha i a’ taomadh air an lòn. Thòisich Oscar air an fhuil a chur ann an cupaichean. Ach mun robh na cupaichean làn dh’fhàs na cuirp rag.

Dh’fhalbh an dà laoch leis an fhuil a bh’ aca. Chaidh iad don taigh anns an robh Fionn agus a dhaoine. Thuirt Fionn, “Suathaibh an fhuil ris a h-uile pìos dhibh a bheanas don taigh.” Rinn Oscar is Laoghaire sin. Chaidh iad a-staigh. Thòisich iad air na daoine fhuasgladh. Shuath iad fuil ri gach pìos dhiubh a bha a’ leantainn ris a’ bhalla, no ris an ùrlar. Dh’fhuasgail iad mar sin gach duine. Ach aon duine – Conan. Cha robh fuil gu leòr aca airson Chonain. Bha a cheann ceangailte ri leac an teine.

Dh’fhalbh Fionn. Bha e gu math toilichte. Cha deach e fada, ge-tà. Bha Conan a’ tighinn. Thàinig Cònan. Bha e gun fhalt is gun chraiceann eadar a cheann agus amhaich. Nuair a dh’fhairich e gun do dh’fhalbh càch, thug e slaodadh mòr air a cheann. Dh’fhàg e fhalt is a chraiceann ceangailte ri leac an teine. On latha sin a-mach, thuirt daoine ris “Conan Maol gun Fhalt”.

Chaidh Fionn agus a dhaoine dhachaigh. Thuirt Fionn nach robh e a’ dol a dh’fhastadh gille fuadain tuilleadh.

Faclan is abairtean: deireadh na seann sgeulachd: the end of the old story; chaidh Fionn is càch cuide ri gille fuadain: Fionn and the others went with a wandering lad; a’ leantainn ris na ballachan is ris an ùrlar: stuck to the walls and the floor; cha robh comas aca èirigh: they couldn’t get up; airson a bhith saor: to be free; bha iad feumach air fuil: they needed blood; fuil mic Rìgh Innis Tìle: the blood of the sons of the King of Iceland; ciaradh an fheasgair: dusk; bidh an fhuil agad a-nochd:you will have the blood tonight; beul na h-abhainn: the mouth of the river; thug Laoghaire ionnsaigh air mic an Rìgh: Laoghaire attacked the King’s son; buaidh: victory; cha do dh’fhàg e aon duine beò: he didn’t leave one man alive; làmh-an-uachdair: the upper hand; a’ taomadh air an lòn: spilling onto the meadow; thòisich Oscar air an fhuil a chur ann an cupaichean:Oscar started to put the blood in cups; dh’fhàs na cuirp rag: the bodies grew stiff; leis an fhuil a bh’ aca:with the blood they had; suathaibh an fhuil ris a h-uile pìos dhibh a bheanas don taigh:rub the blood on every part of you which will touch the house; a bha a’ leantainn ris a’ bhalla, no ris an ùrlar: which was sticking to the wall, or to the floor; dh’fhuasgail iad mar sin gach duine: in that way they freed every man; bha a cheann ceangailte ri leac an teine: his head was attached to the hearthstone; cha deach e fada, ge-tà: he didn’t go far, however; gun fhalt is gun chraiceann eadar a cheann agus amhaich: without hair and without skin between his head and his neck; nuair a dh’fhairich e gun do dh’fhalbh càch: when he sensed that the others had left; thug e slaodadh mòr air a cheann: he gave a great pull on his head ; dh’fhàg e fhalt is a chraiceann ceangailte ri leac an teine: he left his hair and his skin attached to the hearthstone; thuirt daoine ris “Conan Maol gun Fhalt”:people called him “Bald Conan without Hair”; nach robh e a’ dol a dh’fhastadh gille fuadain tuilleadh: that he wasn’t going to employ a wandering lad ever again.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 402

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile