FaclairDictionary EnglishGàidhlig

966: Loch Rannoch (1) 966: Loch Raineach (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Loch Raineach (1)

Gaelic Gàidhlig

As t-samhradh sa chaidh bha mi ann an Stèisean Rèile Raineach ann an Siorrachd Pheairt. Tha an stèisean gu math iomallach, ged a tha e air an rathad-iarainn eadar Glaschu agus An Gearasdan.

Bha mi a’ toirt lioft do chuideigin. Bha i a’ dol a chur seachad an latha faisg air an ath stèisean gu tuath. ʼS e sin Stèisean a’ Choire Odhair. Chan eil rathad ceart a’ dol ann. Ach tha ostail òigridh faisg air làimh. Tha taigh-bìdh aig an stèisean fhèin. Bidh daoine a’ falbh ’s a’ tighinn air an trèana.

Bha mi gu bhith ann an Raineach fad an latha. Thug mi geòla rubair leam airson falbh a-mach air Loch Raineach. Stad mi aig ceann an iar Loch Raineach. Chuir mi am bàta a dh’at le pumpa. Cheangail mi an dà ràmh ris. Chuir mi seacaid-shàbhalaidh orm agus dh’fhalbh mi air fleod.

Chaidh mi an toiseach gu eilean air a bheil, air na mapaichean, Eilean Beul na Gaoire. Tha Beul sgrìobhte mar B-E-A-L air mapaichean an latha an-diugh. Ach bha e sgrìobhte mar B-E-U-L air na seann mhapaichean. Tha an t-eilean còmhdaichte le preaslach de sheilich.

Bha mi a’ gabhail iongnadh mu ainm na h-aibhne. Mar a shaoileas sibh, tha an t-eilean aig beul aibhne. ’S e River Gaur a tha air an abhainn mar ainm, co-dhiù a rèir mapaichean an latha an-diugh. Ach dè a’ Ghàidhlig air sin? Uill, air cuid de na seann mhapaichean ʼs e Abhainn Gaoire a tha ann.

Shaoileadh sibh gu bheil an t-ainm co-cheangailte ris an fhacal gaoir. Tha faclair Dwelly ga mhìneachadh mar ‘loud and continuous murmuring sound’.

Ge-tà, tha an t-eòlaiche, Uilleam MacBhàtair, ag ràdh gur e Gamhar – G-A-M-H-A-R a tha air an abhainn mar ainm. Tha MacBhàtair dhen bheachd gu bheil Gamhar na dhreach Gàidhlig air ainm àrsaidh Ceilteach. Tha e a’ ciallachadh ‘uisge geamhraidh’ no ‘wintry stream’. Bidh an abhainn na tuil nuair tha sneachd a’ gheamhraidh a’ leaghadh. Dh’fhàg sin ceist nam cheann. Am bu chòir don eilean a bhith ainmichte mar Eilean Beul a’ Ghamhair no Eilean Beul na Gamhair, seach Eilean Beul na Gaoire?

Loch Rannoch (1)

English Beurla

Last summer I was in Rannoch Station in Perthshire. The station is quite remote, although it is on the railway line between Glasgow and Fort William.

I was giving somebody a lift. She was going to spend the day near the next station to the north. That is Corrour Station. No proper road goes there. But there is a youth hostel nearby. There is a restaurant at the station itself. People come and go on the train.

I was going to be in Rannoch all day. I took a rubber dinghy with me to go out on Loch Rannoch. I pumped up the boat with a pump. I attached the two oars to it. I donned a lifejacket and I went afloat.

I went first to an island which is called, on the maps, Eilean Beul na Gaoire. Beul is written B-E-A-L on today’s maps. But it was written B-E-U-L on the old maps. The island is covered by willow scrub.

I was intrigued by the river’s name. As you realise, the island is at a river mouth. The river is called River Gaur, at least according to today’s maps. But what is the Gaelic for that? Well, on some of the old maps it’s called Abhainn Gaoire.

You’d think that the name is connected to the word gaoir. Dwelly’s dictionary explains it as a ‘loud and continuous murmuring sound’.

However, the expert William (J) Watson, says that the river is called Gamhar – G-A-M-H-A-R. Watson is of the opinion that Gamhar is the Gaelic form of an ancient Celtic name. It means ‘wintry stream’. The river becomes a flood when the winter snow is melting. That left me with a question [in my head]. Should the island be called Eilean Beul a’ Ghamhair or Eilean Beul na Gamhair, rather than Eilean Beul na Gaoire?

Loch Raineach (1)

Gaelic Gàidhlig

As t-samhradh sa chaidh bha mi ann an Stèisean Rèile Raineach ann an Siorrachd Pheairt. Tha an stèisean gu math iomallach, ged a tha e air an rathad-iarainn eadar Glaschu agus An Gearasdan.

Bha mi a’ toirt lioft do chuideigin. Bha i a’ dol a chur seachad an latha faisg air an ath stèisean gu tuath. ʼS e sin Stèisean a’ Choire Odhair. Chan eil rathad ceart a’ dol ann. Ach tha ostail òigridh faisg air làimh. Tha taigh-bìdh aig an stèisean fhèin. Bidh daoine a’ falbh ’s a’ tighinn air an trèana.

Bha mi gu bhith ann an Raineach fad an latha. Thug mi geòla rubair leam airson falbh a-mach air Loch Raineach. Stad mi aig ceann an iar Loch Raineach. Chuir mi am bàta a dh’at le pumpa. Cheangail mi an dà ràmh ris. Chuir mi seacaid-shàbhalaidh orm agus dh’fhalbh mi air fleod.

Chaidh mi an toiseach gu eilean air a bheil, air na mapaichean, Eilean Beul na Gaoire. Tha Beul sgrìobhte mar B-E-A-L air mapaichean an latha an-diugh. Ach bha e sgrìobhte mar B-E-U-L air na seann mhapaichean. Tha an t-eilean còmhdaichte le preaslach de sheilich.

Bha mi a’ gabhail iongnadh mu ainm na h-aibhne. Mar a shaoileas sibh, tha an t-eilean aig beul aibhne. ’S e River Gaur a tha air an abhainn mar ainm, co-dhiù a rèir mapaichean an latha an-diugh. Ach dè a’ Ghàidhlig air sin? Uill, air cuid de na seann mhapaichean ʼs e Abhainn Gaoire a tha ann.

Shaoileadh sibh gu bheil an t-ainm co-cheangailte ris an fhacal gaoir. Tha faclair Dwelly ga mhìneachadh mar ‘loud and continuous murmuring sound’.

Ge-tà, tha an t-eòlaiche, Uilleam MacBhàtair, ag ràdh gur e Gamhar – G-A-M-H-A-R a tha air an abhainn mar ainm. Tha MacBhàtair dhen bheachd gu bheil Gamhar na dhreach Gàidhlig air ainm àrsaidh Ceilteach. Tha e a’ ciallachadh ‘uisge geamhraidh’ no ‘wintry stream’. Bidh an abhainn na tuil nuair tha sneachd a’ gheamhraidh a’ leaghadh. Dh’fhàg sin ceist nam cheann. Am bu chòir don eilean a bhith ainmichte mar Eilean Beul a’ Ghamhair no Eilean Beul na Gamhair, seach Eilean Beul na Gaoire?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1270

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile