ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

46: Where did the word Mod come from? 46: Co às a thàinig am facal 'Mòd'?

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Co às a thàinig am facal 'Mòd'?

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ coimhead air an fhacal mòd an t-seachdain seo. Dè tha mòd a’ ciallachadh? Uill, tha seo bhon fhaclair Ghàidhlig Brìgh nam Facal – mòd: 1. Fèis far am bi co-fharpaisean ann an ceòl, seinn, dràma etc, agus 2. (aosta) cùirt. Tha sin ceart, nach eil? Sin mar a tha am facal mòd an-diugh. Bidh sibh a’ smaoineachadh air a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta. An-uiridh, bha e ann an Steòrnabhagh.

Ach ma thèid sinn air ais ceud bliadhna, bha e eadar-dhealaichte. Tha seo ann am faclair Dwelly – mòd: 1. Court, court of justice, 2. Assembly, meeting, 3. Petty court, 4. Baron baillie court, 5. Court at which presides the agent of landed proprietors, to adjust differences among tenants, and to take cognizance of all abuses of any portion of his employees’ property. Agus sìos aig àireamh 6: Annual competition held in Gaelic literature and music etc, under the auspices of An Comunn Gàidhealach. Atharrachadh mòr ann an ceud bliadhna!

Thàinig am facal mòd bhon t-Seann Lochlannais. Bha mót a’ ciallachadh coinneamh no cùirt. Bha e a’ ciallachadh sin ann an Gàidhlig cuideachd. An uair sin, thagh an Comunn Gàidhealach “mòd” mar ainm airson na fèise ciùil aca. Agus ’s e Mòd a’ Chomuinn a’ phrìomh chiall air an fhacal an-diugh.

Seo seanfhacal anns a bheil “mòd”: Chan ann a h-uile là a bhios mòd aig Mac an Tòisich. Chan ann a h-uile là a bhios mòd aig Mac an Tòisich.

Tha mòd an seo a’ ciallachadh “court”. It is not every day that Mackintosh holds court. Chan ann a h-uile là a bhios mòd aig Mac an Tòisich.

Bha Mac an Tòisich seo na bhàillidh do Iarla Pheairt. Bha fearann aige ann an Srath Èireann. ’S e duine cruaidh a bh’ ann. Nuair a bha cùirt aige, bha e a’ feuchainn ri aon eucoireach a chrochadh gach là. Bha e ag iarraidh eagal a chur air eucoirich eile. Bha e ag iarraidh a bhith ainmeil. Agus tha e ainmeil oir tha e ann an seanfhacal! Is math nach robh mòd aige a h-uile là, ge-tà. Agus bha fios aig na h-eucoirich nach robh!

Sin am facal mòd, ma-thà. Mar a bha e, is mar a tha e. Tha mòdan nas fheàrr an-diugh na bha iad o shean. Bidh feadhainn a’ call ann am farpaisean. Ach cha bhi duine air a chrochadh!

Faclan is abairtean: fèis far am bi co-fharpaisean ann an ceòl, seinn, dràma: a festival where there is [will be] competitions in music, singing, drama; bidh sibh a’ smaoineachadh air a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta: you will be thinking of [on] the Royal National Mod; an-uiridh, bha e ann an Steòrnabhagh: last year it was in Stornoway; ma thèid sinn air ais ceud bliadhna: if we go back a hundred years; eadar-dhealaichte: different; atharrachadh mòr: a big change; thàinig X bhon t-Seann Lochlannais: X came from [the] Old Norse; thagh an Comunn Gàidhealach “mòd”: An Comunn Gàidhealach chose “mòd”; mar ainm airson na fèise ciùil aca: as a name for their music festival; a’ phrìomh chiall air an fhacal: the prime meaning of [on] the word; bha X na bhàillidh do Iarla Pheairt: X was a baillie/chamberlain to the Earl of Perth; bha fearann aige ann an Srath Èireann: he had land in Srath Earn; ’s e duine cruaidh a bh’ ann: he was a hard man; bha e a’ feuchainn ri aon eucoireach a chrochadh gach là: he was trying to hang one criminal each day; bha e ag iarraidh eagal a chur air eucoirich eile: he was wanting to frighten other criminals: tha e ainmeil oir tha e ann an seanfhacal: he is famous because he is in a proverb; is math nach robh mòd aige a h-uile là: it is good he did not have a court every day; bha fios aig na h-eucoirich nach robh: the criminals knew he didn’t; tha mòdan nas fheàrr an-diugh na bha iad o shean: mods are better today than they were in olden times; bidh feadhainn a’ call ann am farpaisean: some [people] will lose in competitions; cha bhi duine air a chrochadh: nobody will be hanged.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 350

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile