ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

40: Kindrochit Castle 40: Caisteal Ceann na Drochaid

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Caisteal Ceann na Drochaid

Gaelic Gàidhlig

Bha àite ann am Bràigh Mhàrr a bha ainmeil. B’ e sin Caisteal Ceann na Drochaid. Bha rìghrean na h-Alba a’ fuireach ann aig amannan. Bha na rìghrean a’ dol ann airson sealg. Bha sealg mhath anns an sgìre.

Nuair a bha Calum a’ Chinn Mhòir na rìgh, bha e a’ fuireach ann an Caisteal Ceann na Drochaid aig amannan. Bha am fear leis an robh an caisteal a’ cumail torc nimhe. Bha sin airson an rìgh a chumail toilichte. Bha an torc uabhasach mòr. Bha e a’ fuireach ann an toll faisg air a’ chaisteal. Bha Rìgh Calum a’ coimhead air gach turas a bha e san sgìre.

Bha an torc ainmeil. ’S e Tad-Losgann an t-ainm a bh’ air. Bha an rìgh measail air Tad-Losgann. Ach cha robh muinntir na sgìre measail air Tad-Losgann idir. Bha e acrach is sanntach. Bha e ag ithe cus. Airson biadh a chumail ris, dh’iarr an t-uachdaran air a h-uile teaghlach bò a thoirt dha.

Bha aig banntrach bhochd ri bò a thoirt don uachdaran. ’S e an t-ainm a bh’ air a’ bhoireannach a’ Bhanntrach NicLeòid. Bha gille aice. B’ e Sanndaidh an t-ainm a bh’ air. Bha e còig bliadhn’ deug a dh’aois. Bha athair Shanndaidh air a mharbhadh nuair a bha Sanndaidh òg.

Bha a’ Bhanntrach NicLeòid uabhasach brònach. B’ e sin an aona bhò a bh’ aice. Bha i uabhasach bochd. Bha Sanndaidh ag iarraidh bò a mhàthar a shàbhaladh. Bha e sgileil mar bhoghadair. Rinn e boghachan is saighdean. Chleachd e na boghachan is saighdean airson losgadh air eòin is ainmhidhean.

An ath-là, rinn Sanndaidh trì saighdean ùra. Chaidh e suas air a’ Chàrn Liath. Mharbh e capall-coille. Thill e dhachaigh. Chuir e an capall-coille am falach. Chaidh e a leabaidh.

Dh’èirich Sanndaidh tràth. Bha e fhathast dorch. Thug e an capall-coille leis, agus chaidh e don chaisteal. Chaidh e tarsainn Uisge Dè. Chaidh e gu àite mu choinneimh toll an tuirc. Bha sin air taobh thall allt ris an canar Uisge Cluainidh. Chunnaic Sanndaidh saighdear anns a’ chaisteal. Bha e air bàrr a’ bhalla. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: bha àite ann am Bràigh Mhàrr a bha ainmeil: there was a place in Braemar which was famous; Caisteal Ceann na Drochaid: Kindrochit Castle; bha rìghrean na h-Alba a’ fuireach ann aig amannan: the kings of Scotland stayed there at times; sealg mhath: good hunting; nuair a bha Calum a’ Chinn Mhòir na rìgh: when Malcolm Canmore was king; bha am fear leis an robh an caisteal a’ cumail torc nimhe: the man who owned the castle kept [was keeping] a wild boar; bha e a’ fuireach ann an toll: he lived [was living] in a pit; cha robh muinntir na sgìre measail air X: the people of the area were not keen on X; sanntach: greedy; airson biadh a chumail ris:to keep him supplied with food; dh’iarr an t-uachdaran air a h-uile teaghlach bò a thoirt dha:the landlord asked every family to give him a cow; banntrach: widow; bha e còig bliadhn’ deug a dh’aois: he was fifteen years old; bha athair Shanndaidh air a mharbhadh: Sandy’s father was killed; brònach: sad; b’ e sin an aona bhò a bh’ aice: that was her only cow; bha Sanndaidh ag iarraidh bò a mhàthar a shàbhaladh:Sandy wanted [was wanting] to save his mother’s cow; bha e sgileil mar bhoghadair: he was skilful as an archer; boghachan is saighdean:bows and arrows; airson losgadh air eòin is ainmhidhean: to fire at birds and animals; chuir e an capall-coille am falach:he hid the capercaillie; dh’èirich Sanndaidh tràth: Sandy rose early; thug e an capall-coille leis:he took the capercaillie with him; chaidh e tarsainn Uisge Dè: he went across the River Dee; mu choinneimh toll an tuirc:opposite the boar’s pit; allt ris an canar Uisge Cluainidh: a burn which is called Clunie Water; chunnaic Sanndaidh saighdear: Sandy saw a soldier; bha e air bàrr a’ bhalla: he was on top of the wall.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 344

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile