ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

63: The Great Fight of Wick 63: Sabaid Mhòr Inbhir Ùige

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Sabaid Mhòr Inbhir Ùige

Gaelic Gàidhlig

Bha an Siorram ann an Inbhir Ùige airson a’ mhì-rian anns a’ bhaile a thoirt gu ceann. Chuir e feachd a-mach airson grèim fhaighinn air Raibeart Dòmhnallach. Bha Raibeart à Leòdhas. Bha an Siorram dhen bheachd gun do thòisich e an aimhreit air a bheil “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige”.

Ach fhuair Raibeart fios. Theich e. Aig Thrumster, gu deas air Inbhir Ùige, ghabh e coidse thairis. Chaidh e gu Poll Iù anns a’ choidse. Ann am Poll Iù, ghabh e bàta gu na h-Eileanan a-Muigh. Chaidh e am falach ann an Sgìre nan Loch ann an Leòdhas.

Ann an Inbhir Ùige, chùm an Siorram na saighdearan aige am falach. Chaidh innse don mhòr-shluagh gun a bhith a’ dol air na sràidean. Aig deich uairean a dh’oidhche, fhuair an Siorram droch naidheachd. Chaidh grunnan Ghàidheal a shàthadh le sgeinean ann am Pulteneytown. ’S iad gillean às a’ bhaile fhèin a rinn an sàthadh. Gu fortanach, cha deach duine a mharbhadh. Bha poilis is saighdearan a’ coiseachd nan sràidean airson beagan làithean. Ach bha Inbhir Ùige sìtheil.

Cha do dhìochuimhnich na h-ùghdarrasan mu Raibeart Dòmhnallach, ge-tà. Chaidh barantas air a shon a Steòrnabhagh. Ach bha e am falach air na Lochan. Chaidh seachdainean seachad. Cha do thachair dad. Thòisich Raibeart air a dhol a-mach gu cèilidhean. Chuala na poilis mu dheidhinn. Oidhche a bha seo, chaidh dithis phoileas à Steòrnabhagh ann.

Chaidh Raibeart a cheangal le glas-làmh ri fear de na poilis. Thòisich iad air coiseachd a Steòrnabhagh. Bha mòran de mhuinntir na sgìre nan cois. Bha iad uile a’ dol seachad air loch. Thuirt Raibeart gun robh e a’ dol a leum a-steach don loch. Thuirt e gun robh e a’ dol a thoirt a’ phoilis leis. Às dèidh spàirn fhuair Raibeart ma sgaoil. Theich e bhon eilean. Bha e na mharaiche às dèidh sin. Chaidh a bhàthadh ann an Sasainn.

Cha robh fàilte cho cridheil air na h-iasgairean Gàidhealach às dèidh Sabaid Mhòr Inbhir Ùige. Às dèidh sin, cha robh na coitheanalan Gàidhlig anns a’ bhaile idir cho mòr ’s a bha iad roimhe.

Faclan is abairtean: bha an Siorram ann an Inbhir Ùige airson a’ mhì-rian anns a’ bhaile a thoirt gu ceann: the Sheriff in Wick wanted to bring the disorder in the town to an end; chuir e feachd a-mach: he sent out a force (“flying squad”): gun do thòisich e an aimhreit air a bheil “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige”: that he started the riot called “The Great Fight of Wick”; fhuair Raibeart fios: Robert received intelligence; theich e: he fled; ghabh e coidse thairis: he hijacked a coach; ann am Poll Iù, ghabh e bàta gu na h-Eileanan a-Muigh: in Poolewe, he took a boat to the Outer Isles; chaidh e am falach ann an Sgìre nan Loch:he went into hiding in Lochs parish; chaidh innse don mhòr-shluagh gun a bhith a’ dol air na sràidean: the population was told not to go onto the streets; chaidh grunnan Ghàidheal a shàthadh le sgeinean: some Gaels were stabbed with knives; ’s iad gillean às a’ bhaile fhèin a rinn an sàthadh: it’s local lads that did the stabbing; cha deach duine a mharbhadh: nobody was killed; sìtheil: peaceful; cha do dhìochuimhnich na h-ùghdarrasan: the authorities didn’t forget; chaidh barantas air a shon a Steòrnabhagh: a warrant for him went to Stornoway; air na Lochan: in the parish of Lochs; chaidh dithis phoileas à Steòrnabhagh ann: two policemen from Stornoway went there; glas-làmh: handcuffs; bha mòran de mhuinntir na sgìre nan cois: many locals were with them; thuirt Raibeart gun robh e a’ dol a leum a-steach don loch: Robert said he was going to jump into the loch; gun robh e a’ dol a thoirt a’ phoilis leis: that he was going to take the policeman with him; às dèidh spàirn: after a struggle; fhuair Raibeart ma sgaoil: Robert got away; bha e na mharaiche: he was a seaman; chaidh a bhàthadh: he was drowned; cha robh fàilte cho cridheil air na h-iasgairean: the fishermen weren’t so warmly welcomed; cha robh na coitheanalan Gàidhlig cho mòr ’s a bha iad roimhe: the Gaelic congregations weren’t as big as they were previously.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 367

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile