ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

249: John Fraser 249: Iain Friseal

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Iain Friseal

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh mu Chatrìona Uaibhreach, Ban-ìmpire na Ruis? Bha i os cionn na Ruis aig deireadh an ochdamh linn deug. Bha i cumhachdach.

Bha i measail air lusan. Fhuair an Gàidheal, Iain Friseal, cùmhnant bho Chatrìona. Bha sin airson lusan a chruinneachadh dhi ann an Ameireagaidh. Thug Friseal lusan Ameireagan- ach don Ruis. Agus thug e lusan Ruiseanach a dh’Ameireagaidh. Am measg sin bha siridh ris an canar Tartarian Cherry. Nuair a bha e ann an Ameireagaidh, lorg e Rhododendron catawbiense. Thug e sin dhachaigh leis a Bhreatainn. Bha fèill mhòr air.

Bha Iain còmhla ri a mhac ann an Ameireagaidh. ’S e Iain an t-ainm a bha airsan cuideachd. Air an rathad dhachaigh, chaidh iad a Chiùba. Ach bha Ciùba fo smachd na Spàinne. Bha an Spàinn agus Breatainn ri cogadh an aghaidh a chèile. Fhuair an Riaghladair a-mach gun robh na Frisealaich Breatannach. Ach cha do chuir e stad orra. Cha robh iad a’ dèanamh dad ach a’ cruinneachadh lusan.

Nuair a bha Iain thall an sin, dh’atharraich cùisean anns an Ruis. Chaochail a’ Bhan-ìmpire Catrìona. Thàinig an gille aice, Pòl, don rìgh-chathair. Bha Friseal a’ smaoineachadh gun robh Pòl ag iarraidh nan lusan fhathast. Ach cha robh Pòl beò fada. Bha e air a mhurt. B’ e an t-ìmpire ùr an gille aigesan, Alasdair.

Cha robh Alasdair dhen aon bheachd mu na lusan. Cha robh e deònach pàigheadh air an son. Bha Friseal air bliadhnaichean a chur seachad. Bha e an dùil fortan a bhith aige bho na Ruiseanaich. Ach fhuair e glè bheag. Bha e mì-thoilichte.

Aig aois caogad ’s a seachd, cha robh mòran airgid aige. Chaidh e aon turas eile a dh’Ameireagaidh. Bha e airson tuilleadh lusan a chruinneachadh. Nuair a bha e ann an Ameireag-aidh, bha e air muin eich. Thuit e. Cha do dh’fhàs e mòran na b’ fheàrr. Agus chaochail e ann an Lunnainn beagan mhìosan às dèidh sin ann an ochd ceud deug is aon-deug (1811).

John Fraser

English Beurla

Have you heard of Catherine the Great, Empress of Russia? She was in charge of Russia at the end of the 18th Century. She was powerful.

She liked plants. The Gael, John Fraser, got a contract from Catherine. That was for collecting plants for her in America. Fraser took American plants to Russia. And he took Russian plants to America. Among those was the cherry called Tartarian Cherry. When he was in America, he found Rhododendron catawbiense. He took that home with him to Britain. It was well received.

John was along with his son in America. He was also called John. On the way home, they went to Cuba. But Cuba was under Spanish control. Spain and Britain were at war with each other. The Governor found out the Frasers were British. But he didn’t stop them. They were only collecting plants.

When John was over there, things changed in Russia. The Empress Catherine died. Her son, Paul, came to the throne. Fraser was thinking that Paul was still wanting the plants. But Paul wasn’t alive for long. He was murdered. The new emperor was his son, Alexander.

Alexander didn’t have the same opinion about the plants. He wasn’t willing to pay for them. Fraser had spent years. He expected to get a fortune from the Russians. But he got very little. He was unhappy.

At the age of 57, he didn’t have much money. He went one other time to America. He wanted to collect more plants. When he was in America he was on horseback. He fell. He didn’t get much better. And he died in London a few months after that in 1811.

Show English

Iain Friseal

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh mu Chatrìona Uaibhreach, Ban-ìmpire na Ruis? Bha i os cionn na Ruis aig deireadh an ochdamh linn deug. Bha i cumhachdach.

Bha i measail air lusan. Fhuair an Gàidheal, Iain Friseal, cùmhnant bho Chatrìona. Bha sin airson lusan a chruinneachadh dhi ann an Ameireagaidh. Thug Friseal lusan Ameireagan- ach don Ruis. Agus thug e lusan Ruiseanach a dh’Ameireagaidh. Am measg sin bha siridh ris an canar Tartarian Cherry. Nuair a bha e ann an Ameireagaidh, lorg e Rhododendron catawbiense. Thug e sin dhachaigh leis a Bhreatainn. Bha fèill mhòr air.

Bha Iain còmhla ri a mhac ann an Ameireagaidh. ’S e Iain an t-ainm a bha airsan cuideachd. Air an rathad dhachaigh, chaidh iad a Chiùba. Ach bha Ciùba fo smachd na Spàinne. Bha an Spàinn agus Breatainn ri cogadh an aghaidh a chèile. Fhuair an Riaghladair a-mach gun robh na Frisealaich Breatannach. Ach cha do chuir e stad orra. Cha robh iad a’ dèanamh dad ach a’ cruinneachadh lusan.

Nuair a bha Iain thall an sin, dh’atharraich cùisean anns an Ruis. Chaochail a’ Bhan-ìmpire Catrìona. Thàinig an gille aice, Pòl, don rìgh-chathair. Bha Friseal a’ smaoineachadh gun robh Pòl ag iarraidh nan lusan fhathast. Ach cha robh Pòl beò fada. Bha e air a mhurt. B’ e an t-ìmpire ùr an gille aigesan, Alasdair.

Cha robh Alasdair dhen aon bheachd mu na lusan. Cha robh e deònach pàigheadh air an son. Bha Friseal air bliadhnaichean a chur seachad. Bha e an dùil fortan a bhith aige bho na Ruiseanaich. Ach fhuair e glè bheag. Bha e mì-thoilichte.

Aig aois caogad ’s a seachd, cha robh mòran airgid aige. Chaidh e aon turas eile a dh’Ameireagaidh. Bha e airson tuilleadh lusan a chruinneachadh. Nuair a bha e ann an Ameireag-aidh, bha e air muin eich. Thuit e. Cha do dh’fhàs e mòran na b’ fheàrr. Agus chaochail e ann an Lunnainn beagan mhìosan às dèidh sin ann an ochd ceud deug is aon-deug (1811).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 553

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile