ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

715: A’ Ghàidhlig airson ‘twilight’ 715: The Gaelic for 'twilight'

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

The Gaelic for 'twilight'

Gaelic Gàidhlig

Am faca sibh riamh dol-fodha na grèine ann an àite tropaigeach? Bidh a’ ghrian a’ dol fodha gu luath. Agus cha mhair solas an latha fada an dèidh dol-fodha na grèine.

Ach smaoinichibh air Alba as t-samhradh. Bidh a’ ghrian a’ dol fodha gu mall. Mairidh solas anns an iarmailt airson ùine mhòr mus tig dorchadas ceart.

Cha bu chòir dha a bhith na iongnadh, ma-thà, gu bheil tòrr fhaclan is abairtean ann an Gàidhlig co-cheangailte ri lughdachadh an t-solais anns an adhar aig àm dol-fodha na grèine.

An toiseach – ciaradh. Bidh sinn a’ bruidhinn air ciaradh an fheasgair. Saoilidh mi gur e seann fhacal Ceilteach a th’ ann an ciar. Ach tha facal eile againn airson ciaradh an fheasgair a tha a’ tighinn bhon Bheurla Ghallta. ʼS e sin glòmadh.

Bidh camhanach – no camhanaich – a’ seasamh airsontwilight. Canaidh sinn camhanach an latha nocamhanach na maidne airson morning twilight, agus camhanach na h-oidhche airson evening twilight.

Tha am facal breac-sholas ann cuideachd, agusbreacarsaich. Ann am faclair Dwelly, tha an gnìomhair ann –breac-shoillsich ‘glimmer as the twilight’. Breac-shoillsich. Thaeadar-shoillsich aig Dwelly cuideachd airson ‘ glimmer, as in twilight or dawn’. Eadar-shoillsich.

Tha am facal iomall-soillse ann – iomall-soillse. Agus an fhionnairidh. Tha seanfhacal againn: Bheir fear na mocheirigh buaidh air fear na fionnairidh ‘the early riser beats the evening watcher’ . Bheir fear na mocheirigh buaidh air fear na fionnairidh. Èirichibh tràth, a chàirdean!

Tha sgarthanaich ann cuideachd airson ‘dawn’ no ‘twilight’. Bha e an seo san sgarthanaich ‘he was here at dawn’.

Airson evening twilight, tha dà abairt eile ann. Liath-fheasgar – tha sin ciallach gu leòr, nach eil? Nuair a tha am feasgar a’ liathachadh. Agus iargal. Nise, ʼs e facal inntinneach a th’ ann an iargal. Tha e stèidhichte air iar – the west – far am bi a’ ghrian a’ dol fodha. Bha iar uaireigin a’ ciallachadh ‘ behind ’. Bha iargal o thùs a’ ciallachadh ‘ remote district ’ – à iar agus cùl – the behind place . Às a sin, tha sinn a’ faighinn an fhacail iargalta – inhospitable, churlish, surly . Nach annasach e gu bheil facal grànda mar iargalta co-cheangailte ri dol-fodha na grèine, a tha uaireannan cho brèagha?

A’ Ghàidhlig airson ‘twilight’

English Beurla

Have you ever seen the sunset in a tropical place? The sun sets quickly. And the light of the day doesn’t last long after sunset.

But consider Scotland in summer. The sun sets slowly. Light remains in the heavens for a long time before proper darkness comes.

It shouldn’t be a surprise, then, that there are many words and phrases in Gaelic connected to the lessening of the light in the sky around sunset.

To begin with – ciaradh. We speak of ciaradh an fheasgair. I reckon ciar is an old Celtic word. But we have another word for ‘dusk’ that comes from Scots. That is glòmadh.

Camhanach – or camhanaich – stands for twilight. We say camhanach an latha or camhanach na maidne for ‘morning twilight’, and camhanach na h-oidhche for ‘evening twilight’.

There is also the word breac-sholas, and breacarsaich. In Dwelly’s dictionary, there is the verb – breac-shoillsich ‘glimmer as the twilight’. Breac-shoillsich. Dwelly has eadar-shoillsich for glimmer, as in twilight or dawn’. Eadar-shoillsich.

There is also the word iomall-soillse – iomall-soillse. And an fhionnairidh . We have a proverb: Bheir fear na mocheirigh buaidh air fear na fionnairidh ‘the early riser beats the evening watcher’. Bheir fear na mocheirigh buaidh air fear na fionnairidh. Get up early, friends!

There is also sgarthanaich for ‘dawn’ or ‘twilight’. Bha e an seo san sgarthanaich ‘he was here at dawn’.

For evening twilight, there are two other phrases. Liath-fheasgar – that’s meaningful, isn’t it? When the evening is turning grey. And iargal . Now, iargal is an interesting word. It’s based on iar – the west – where the sun sets. Iar at one time meant ‘behind’. Iargal originally meant ‘remote district’ – from iar and cùl – the behind place. From that, we get the word iargalta – inhospitable, churlish, surly. Isn’t it unusual that an ugly word like iargalta is connected to the sunset, that is sometimes so beautiful?

<<<<<<< .mine ßß||||||| .r2861

This week I’m in Gaick in Badenoch. There’s a strange place-name there. Near Loch an Dùin, there is a slope called Vinegar Hill. The Gaelic scholar, Alexander MacBain, wrote that the name of the slope in Gaelic is A’ Mhin-choiseachd ‘the easy walking’. ‘The English,’ he wrote, ‘is a fancy name founded on the Gaelic.’

Gaick had a bad reputation among the people of Badenoch and Atholl. There is a phrase: ʼS mòr a b’ fheàrr leam a bhith an Druim Uachdair na bhith ann an Gàdhaig nan creagan gruamach ‘ I’d much rather be in Drumochter than in Gaick of the gloomy crags ’. I’d much rather be in Drumochter than in Gaick of the gloomy crags ’.

There was a local curse – Dìol Bhaltair an Gàdhaig ort! That means ‘Walter’s fate in Gaick to you’. Dìol Bhaltair an Gàdhaig ort. It is connected to the terrible death that Walter Comyn, the Lord of Badenoch, suffered in the 13th Century.

His home was in Ruthven, near Kingussie. He was wanting there to be a proper road between Badenoch and Atholl. He was out looking at the route on the hills in 1258.

On the way out, Walter gave an order. When he returned [would return], every woman between the age of fifteen and thirty who was working the land in Ruthven must be stark-naked.

On the high country east of Loch an Dùin, there is a burn called Allt a’ Chaoirnich. There is famous place called Leum nam Fiann, where people would jump across the burn. Walter fell off his horse there. But his foot got caught in the stirrup. His horse must have been under a spell – or fear, and it made for Ruthven in a hurry. When he reached Ruthven, there was only Walter’s leg left – still in the stirrup. When some people went to look for the rest of his body, they found it. Two eagles were ripping it apart.

======= >>>>>>> .r2897
Show English

The Gaelic for 'twilight'

Gaelic Gàidhlig

Am faca sibh riamh dol-fodha na grèine ann an àite tropaigeach? Bidh a’ ghrian a’ dol fodha gu luath. Agus cha mhair solas an latha fada an dèidh dol-fodha na grèine.

Ach smaoinichibh air Alba as t-samhradh. Bidh a’ ghrian a’ dol fodha gu mall. Mairidh solas anns an iarmailt airson ùine mhòr mus tig dorchadas ceart.

Cha bu chòir dha a bhith na iongnadh, ma-thà, gu bheil tòrr fhaclan is abairtean ann an Gàidhlig co-cheangailte ri lughdachadh an t-solais anns an adhar aig àm dol-fodha na grèine.

An toiseach – ciaradh. Bidh sinn a’ bruidhinn air ciaradh an fheasgair. Saoilidh mi gur e seann fhacal Ceilteach a th’ ann an ciar. Ach tha facal eile againn airson ciaradh an fheasgair a tha a’ tighinn bhon Bheurla Ghallta. ʼS e sin glòmadh.

Bidh camhanach – no camhanaich – a’ seasamh airsontwilight. Canaidh sinn camhanach an latha nocamhanach na maidne airson morning twilight, agus camhanach na h-oidhche airson evening twilight.

Tha am facal breac-sholas ann cuideachd, agusbreacarsaich. Ann am faclair Dwelly, tha an gnìomhair ann –breac-shoillsich ‘glimmer as the twilight’. Breac-shoillsich. Thaeadar-shoillsich aig Dwelly cuideachd airson ‘ glimmer, as in twilight or dawn’. Eadar-shoillsich.

Tha am facal iomall-soillse ann – iomall-soillse. Agus an fhionnairidh. Tha seanfhacal againn: Bheir fear na mocheirigh buaidh air fear na fionnairidh ‘the early riser beats the evening watcher’ . Bheir fear na mocheirigh buaidh air fear na fionnairidh. Èirichibh tràth, a chàirdean!

Tha sgarthanaich ann cuideachd airson ‘dawn’ no ‘twilight’. Bha e an seo san sgarthanaich ‘he was here at dawn’.

Airson evening twilight, tha dà abairt eile ann. Liath-fheasgar – tha sin ciallach gu leòr, nach eil? Nuair a tha am feasgar a’ liathachadh. Agus iargal. Nise, ʼs e facal inntinneach a th’ ann an iargal. Tha e stèidhichte air iar – the west – far am bi a’ ghrian a’ dol fodha. Bha iar uaireigin a’ ciallachadh ‘ behind ’. Bha iargal o thùs a’ ciallachadh ‘ remote district ’ – à iar agus cùl – the behind place . Às a sin, tha sinn a’ faighinn an fhacail iargalta – inhospitable, churlish, surly . Nach annasach e gu bheil facal grànda mar iargalta co-cheangailte ri dol-fodha na grèine, a tha uaireannan cho brèagha?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1019

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile