ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

374: Tannochbrae and other "Scottish" places 374: Tannochbrae agus Àiteachan “Albannach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Tannochbrae agus Àiteachan “Albannach

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ bruidhinn mu Tannochbrae, Balamory agus Glendarroch. ’S iad trì àiteachan ficseanail air prògraman telebhisein Albannach. Tha na h-ainmean uile Gàidhlig no leth-Ghàidhlig.

Tha Balamory a’ riochdachadh Baile Mhoire. Tha e stèidhichte air Tobermory, no Tobar Mhoire, ann am Muile. Agus chan eil e uile-gu-lèir ficseanail. Tha Balmory ann an Eilean Bhòid.

Tha am facal cill(e) uaireannan ceangailte ri Moire. Tha mòran àiteachan air a bheil Cille Mhoire – Kilmory no Kilmuir ann am Beurla. Tha iad eadar An t-Eilean Sgitheanach agus Siorrachd Àir. Tha a’ chuid as motha aca ann an Earra-Ghàidheal.

Bha Glendarroch anns a’ phrògram Take the High Road. Bha am filmeadh air a dhèanamh ann an Lus, taobh Loch Laomainn. Tha Glendarroch a’ tighinn bho Gleann Darach “glen of oaks”.

Cha tuirt mi càil air dà phrògram eile air an telebhisean – Hamish MacBeth agus Monarch of the Glen. Bha Hamish MacBeth stèidhichte ann an Lochdubh. ’S e sin deagh ainm Gàidhlig! Agus chruthaich Compton MacCoinnich àite macmeanmnach air an robh Glenbogle. Bha sin airson a nobhail Monarch of the Glen. Tha e às a’ Ghàidhlig, ach chan eil fhios agam dè tha e a’ ciallachadh. “Gleann na Boglaich” ’s dòcha?

Tha teachdaireachd an seo, nach eil? Ma tha sibh airson ainm baile a chruthachadh a tha aithnichte mar “Albannach”, dèanaibh cinnteach gu bheil e stèidhichte air a’ Ghàidhlig!

Ach a bheil sin fìor anns na bailtean mòra? Tha River City stèidhichte ann an Glaschu. Chruthaich iad ainm sgìre airson a’ phrògraim – Shieldinch. Chanainn gu bheil a’ chiad phàirt bhon t-seann Bheurla, a’ ciallachadh “bothain aig iasgairean”. Agus an dàrna pàirt? “Riverine meadow” à Gàidhlig no Breatannais.

Agus dè mu na caractaran cartùin, na Broons agus Oor Wullie? Airson iomadach bliadhna, cha robh iad ag ainmeachadh a’ bhaile aca. Anns na naochadan, ge-tà, thàinig an t-ainm a-mach – Auchenshoogle. Ainm Gàidhlig – Achadh an t-Seagail “field of the rye”.

Sin Tannochbrae, Balamory, Glendarroch, Lochdubh, Glenbogle, Shieldinch agus Auchenshoogle. Tha iad coltach ris na h-ainmean a bhiodh tu a’ leughadh air botail uisge-bheatha!

Tannochbrae and other "Scottish" places

English Beurla

Last week I was talking about Tannochbrae, Balamory and Glendarroch. They are three fictional places in Scottish television programmes. The names are all Gaelic or semi-Gaelic.

Balamory represents Baile Mhoire. It’s based on Tobermory, or Tobar Mhoire, in Mull. And it’s not entireljy fictional. There is a Balmory in Bute.

The word cill(e) is sometimes linked to Moire. There are many places called Cille Mhoire – Kilmory or Kilmuir in English. They are between Skye and Ayrshire. Most of them are in Argyll.

Glendarroch was in the programme Take the High Road. The filming was done in Luss, by Loch Lomond. Glendarroch comes from Gleann Darach “glen of oaks”.

I haven’t said anything about two other programmes on television – Hamish MacBeth and Monarch of the Glen. Hamish MacBeth was based in Lochdubh. That’s a good Gaelic name! And Compton MacKenzie created an imaginary place called Glenbogle. That was for his novel Monarch of the Glen. It comes from Gaelic but I don’t know what it means. “Glen of the Bog” perhaps?

There’s a message here, isn’t there? If you want to create the name of a village that is recognised as “Scottish”, make sure it’s based on Gaelic!

But is that true in the cities? River City is based in Glasgow. They created an area name for the programme – Shieldinch. I’d say that the first part is from old English, meaning “fishermen’s bothies”. And the second part? “Riverine meadow” from Gaelic or British [Cumbric].

And what about the cartoon characters, The Broons and Oor Wullie? For many years they weren’t naming their town. In the nineties, however, the name came out – Auchenshoogle. A Gaelic name – Achadh an t-Seagail “field of the rye”.

That’s Tannochbrae, Balamory, Glendarroch, Lochdubh, Glenbogle, Shieldinch and Auchenshoogle. They’re like the names you’d read on whisky bottles!

Show English

Tannochbrae agus Àiteachan “Albannach

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ bruidhinn mu Tannochbrae, Balamory agus Glendarroch. ’S iad trì àiteachan ficseanail air prògraman telebhisein Albannach. Tha na h-ainmean uile Gàidhlig no leth-Ghàidhlig.

Tha Balamory a’ riochdachadh Baile Mhoire. Tha e stèidhichte air Tobermory, no Tobar Mhoire, ann am Muile. Agus chan eil e uile-gu-lèir ficseanail. Tha Balmory ann an Eilean Bhòid.

Tha am facal cill(e) uaireannan ceangailte ri Moire. Tha mòran àiteachan air a bheil Cille Mhoire – Kilmory no Kilmuir ann am Beurla. Tha iad eadar An t-Eilean Sgitheanach agus Siorrachd Àir. Tha a’ chuid as motha aca ann an Earra-Ghàidheal.

Bha Glendarroch anns a’ phrògram Take the High Road. Bha am filmeadh air a dhèanamh ann an Lus, taobh Loch Laomainn. Tha Glendarroch a’ tighinn bho Gleann Darach “glen of oaks”.

Cha tuirt mi càil air dà phrògram eile air an telebhisean – Hamish MacBeth agus Monarch of the Glen. Bha Hamish MacBeth stèidhichte ann an Lochdubh. ’S e sin deagh ainm Gàidhlig! Agus chruthaich Compton MacCoinnich àite macmeanmnach air an robh Glenbogle. Bha sin airson a nobhail Monarch of the Glen. Tha e às a’ Ghàidhlig, ach chan eil fhios agam dè tha e a’ ciallachadh. “Gleann na Boglaich” ’s dòcha?

Tha teachdaireachd an seo, nach eil? Ma tha sibh airson ainm baile a chruthachadh a tha aithnichte mar “Albannach”, dèanaibh cinnteach gu bheil e stèidhichte air a’ Ghàidhlig!

Ach a bheil sin fìor anns na bailtean mòra? Tha River City stèidhichte ann an Glaschu. Chruthaich iad ainm sgìre airson a’ phrògraim – Shieldinch. Chanainn gu bheil a’ chiad phàirt bhon t-seann Bheurla, a’ ciallachadh “bothain aig iasgairean”. Agus an dàrna pàirt? “Riverine meadow” à Gàidhlig no Breatannais.

Agus dè mu na caractaran cartùin, na Broons agus Oor Wullie? Airson iomadach bliadhna, cha robh iad ag ainmeachadh a’ bhaile aca. Anns na naochadan, ge-tà, thàinig an t-ainm a-mach – Auchenshoogle. Ainm Gàidhlig – Achadh an t-Seagail “field of the rye”.

Sin Tannochbrae, Balamory, Glendarroch, Lochdubh, Glenbogle, Shieldinch agus Auchenshoogle. Tha iad coltach ris na h-ainmean a bhiodh tu a’ leughadh air botail uisge-bheatha!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 678

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile