ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

255: Mac-Talla 255: Mac-Talla

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Mac-Talla

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ coimhead air seann duilleag ann am Mac-Talla. ’S e sin seann phàipear-naidheachd. Bha Mac-Talla air fhoillseachadh ann an Alba Nuadh. Bha sin aig deireadh an naoidheamh linn deug agus toiseach an fhicheadamh linn. Air an duilleig bha briathrachas airson rothaidheachd. A bheil sibh a’ tuigsinn an fhacail sin – rothaidheachd? Tha e a’ ciallachadh “cycling”. ’S dòcha gur e baidhsagal a chanas sibh fhèin airson “bicycle”. Thàinig am facal sin bhon Bheurla. Chan eil e ann am Faclair Dwelly.

Ann an cuid de na faclairean Gàidhlig as ùire, tha rothair ann airson bicycle. Rothair – R-O-T-H-A-I-R. Ach ann an Dwelly, ’s e rothar – R-O-T-H- A-R. Tha am facal stèidhichte air roth, seann fhacal Gàidhlig airson cuibhle. Tha sin againn ann am barra-roth, a’ Ghàidhlig air wheelbarrow. Co-dhiù, ann an Dwelly, tha am facal Beurla bicycle ann dà thuras. Agus seo a’ Ghàidhlig air a shon: rothar dà-chuibhleach agus each-iarainn. Chan eil mi a’ smaoineachadh gun canadh duine “each-iarainn” an-diugh! Cuideachd ann an Dwelly tha rothar (cycle), rothar trì-rothan (tricycle), rothaidhe (cyclist) agus rothaidheachd (cycling).

Tha an t-alt ann am Mac-Talla a’ toirt dhuinn faclan co-cheangailte ri rothar. Seo cuid aca: cluas (handle); slat (handlebar); gabhal (fork). Agus dè a’ Ghàidhlig a tha air “spoke of a wheel”? Uill – ga, air a litreachadh G-A. Agus ’s e bonn a tha aca air “tyre”: bonn cruaidh (solid tyre), bolg-bhonn (pneumatic tyre). Tha bolg no balg a’ ciallachadh “air tube”. Ach cò chleachdadh bonn cruaidh air rothar an-diugh?!

Seo cuid eile de na faclan air an liosta: luasgan (spring); troighean (pedal), cnò (nut), deocan (valve), teannaire (pump) agus priocadh (puncture). Bidh sinn a’ cleachdadh cuid de na faclan sin fhathast. Ach, an àite teannaire bidh daoine ag ràdh pump. An àite priocadh canaidh iad toll.

Mac-Talla

English Beurla

I was looking at an old page in Mac-Talla. That’s an old newspaper. Mac-Talla was published in Nova Scotia. That was at the end of the 19th Century and beginning of the 20th Century. On the page was a vocabulary for rothaidheachd. Do you understand that word – rothaidheachd. It means “cycling”. Perhaps it’s baidhsagal you say yourself for “bicycle”. That word came from English. It’s not in Dwelly’s dictionary.

In some of the most recent Gaelic dictionaries, rothair is there for bicycle. Rothair – R-O-T-H-A-I-R. But in Dwelly, it’s rothar – R-O-T-H- A-R. The word is based on roth an old Gaelic word for a wheel. We have that in barra-roth, the Gaelic for “wheelbarrow”. Anyway, in Dwelly, the English word bicycle appears twice. And here’s the Gaelic for it: rothar dà-chuibhleach (“two-wheeled cycle”) and each-iarainn (“iron horse”). I don’t think anyone would say “each-iarainn” today! Also in Dwelly are rothar (cycle), rothar trì- rothan (tricycle), rothaidhe (cyclist) and rothaidheachd (cycling).

The article in Mac-Talla gives us words connected to a bicycle. Here are some of them: cluas (handle); slat (handlebar); gabhal (fork). And what’s the Gaelic for the “spoke of a wheel”? Well – ga, spelt G-A. And it’s bonn they have for “tyre”: bonn cruaidh (solid tyre), bolg-bhonn (pneumatic tyre). Bolg or balg means “air tube”. But who’d use a solid tyre on a bicycle today?!

Here are some of the other words on the list: luasgan (spring); troighean (pedal), cnò (nut), deocan (valve), teannaire (pump) and priocadh (puncture). We still use some of those words. But instead of teannaire, people say pump. Instead of priocadh, they say toll.

Show English

Mac-Talla

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ coimhead air seann duilleag ann am Mac-Talla. ’S e sin seann phàipear-naidheachd. Bha Mac-Talla air fhoillseachadh ann an Alba Nuadh. Bha sin aig deireadh an naoidheamh linn deug agus toiseach an fhicheadamh linn. Air an duilleig bha briathrachas airson rothaidheachd. A bheil sibh a’ tuigsinn an fhacail sin – rothaidheachd? Tha e a’ ciallachadh “cycling”. ’S dòcha gur e baidhsagal a chanas sibh fhèin airson “bicycle”. Thàinig am facal sin bhon Bheurla. Chan eil e ann am Faclair Dwelly.

Ann an cuid de na faclairean Gàidhlig as ùire, tha rothair ann airson bicycle. Rothair – R-O-T-H-A-I-R. Ach ann an Dwelly, ’s e rothar – R-O-T-H- A-R. Tha am facal stèidhichte air roth, seann fhacal Gàidhlig airson cuibhle. Tha sin againn ann am barra-roth, a’ Ghàidhlig air wheelbarrow. Co-dhiù, ann an Dwelly, tha am facal Beurla bicycle ann dà thuras. Agus seo a’ Ghàidhlig air a shon: rothar dà-chuibhleach agus each-iarainn. Chan eil mi a’ smaoineachadh gun canadh duine “each-iarainn” an-diugh! Cuideachd ann an Dwelly tha rothar (cycle), rothar trì-rothan (tricycle), rothaidhe (cyclist) agus rothaidheachd (cycling).

Tha an t-alt ann am Mac-Talla a’ toirt dhuinn faclan co-cheangailte ri rothar. Seo cuid aca: cluas (handle); slat (handlebar); gabhal (fork). Agus dè a’ Ghàidhlig a tha air “spoke of a wheel”? Uill – ga, air a litreachadh G-A. Agus ’s e bonn a tha aca air “tyre”: bonn cruaidh (solid tyre), bolg-bhonn (pneumatic tyre). Tha bolg no balg a’ ciallachadh “air tube”. Ach cò chleachdadh bonn cruaidh air rothar an-diugh?!

Seo cuid eile de na faclan air an liosta: luasgan (spring); troighean (pedal), cnò (nut), deocan (valve), teannaire (pump) agus priocadh (puncture). Bidh sinn a’ cleachdadh cuid de na faclan sin fhathast. Ach, an àite teannaire bidh daoine ag ràdh pump. An àite priocadh canaidh iad toll.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 559

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile