ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

516: The fox's oath to the grey goat 516: Mionnan a’ mhadaidh ruaidh don ghobhair ghlais’

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Mionnan a’ mhadaidh ruaidh don ghobhair ghlais’

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh mu ‘mhionnan a’ mhadaidh ruaidh don ghobhair ghlais’? Tha e a’ ciallachadh mionnan a tha breugach. Tha e a’ tighinn bhon t-seann stòiridh ‘A’ Ghobhar Ghlas’.

Latha a bha seo, lorg am madadh ruadh dà mheann. Bha iad ann am feur tiugh. Bha am màthair air am fàgail an sin, falaichte. Dh’ith an sionnach na minn. Bha iad fhathast a’ meigeadaich na bhroinn nuair a thill a’ ghobhar.

Chuala i na minn aice. Dh’fhaighnich i dhen mhadadh cà’ robh iad. Agus seo na thuirt am madadh:

Air an droighinn, air an dris,

Air an uisge ’ruith san eas,

Air an adhar os do chionn,

Air an talamh fo do bhonn,

Air a’ ghrèin a tha san iar,

Air a’ ghealaich seachad siar,

Air na reultan anns a’ chiar,

Chan fhac’ mi riamh do chuid mheann.

Aidh, ceart, mar a thuirt am fear eile!

Tha stòiridh beag eile agam dhuibh – ‘Sionnach na Maoile’. Thachair e air creag mhòr air Maol Chinn Tìre.

Bha tollairean aig tuathanaich. ’S e sin coin a bhios a’ sealg nan sionnach. Ach bha an sionnach seo ro sheòlta dhaibh. Bhiodh e a’ dol leis a’ chreig agus na coin a’ dol às a dhèidh. Bhiodh na coin marbh aig a’ bhonn. Ach bhiodh an sionnach fhathast beò. Cha robh fios aig duine mar a bha e ga dhèanamh.

Dh’iarr na tuathanaich air brocair an sionnach a mharbhadh. Chaidh a leigeil air ròp sìos aghaidh na creige. Lorg e craobh-chaorainn òg. Bha bàrr na craoibhe a’ lùbadh cho fada ’s gun robh e a’ buntainn ri leac chumhang. Bha an leac a’ leantainn gu leacan eile agus sìos don bhonn. Gheàrr am brocair stoc na craoibhe. Ach chuir e a’ chraobh air ais ri chèile.

An ath thuras a rinn an sionnach sgrios, ruith tollairean às a dhèidh. Chaidh am madadh leis a’ chreig. Ach, an turas seo, bha e air a lorg marbh aig bonn na creige. Bha pìos dhen chraoibh-chaorainn na bheul. ’S ann bhon tachartas seo a tha sinn a’ faighinn an t-samhlaidh: cho seòlta ri sionnach na Maoile. Mar sin leibh an-dràsta

The fox's oath to the grey goat

English Beurla

Have you heard about ‘the fox’s oath to the grey goat’? It means a false oath. It comes from the old story ‘The Grey Goat’.

One day, the fox found two kid goats. They were in thick grass. Their mother had left them there, hidden. The fox ate the kids. They were still bleating inside it when the goat returned.

She heard her kids. She asked the fox where they were. And here’s what the fox said:

On the blackthorn, on the bramble bush,

On the water which runs in the waterfall,

On the air above you,

On the ground beneath you,

On the sun which is in the west,

On the moon passed down in the west,

On the stars in the gloom,

I’ve never seen your kids.

Aye, right, like the other guy said.

I have another little story for you – ‘The Mull [of Kintyre] Fox’. It happened on a large cliff at the Mull of Kintyre.

Farmers had foxhounds. Those are dogs that hunt foxes. But this particular fox was too cunning for them. He would go over the cliff with the dogs following him. The dogs would be dead at the bottom. But the fox would survive. Nobody knew how he was doing it.

The farmers asked a foxhunter to kill the fox. He was let on a rope down the cliff-face. He found a young rowan tree. The top of the tree was bending so far that it was touching a narrow ledge. The ledge led to other ledges and down to the bottom. The foxhunter cut the tree’s trunk. But he put the tree back in place.

Next time the fox caused mayhem, foxhounds ran after him. The fox went over the cliff. But, this time, it was found dead at the bottom of the crag. It had a piece of the rowan tree in its mouth. It’s from this event that we get the simile: as cunning as the Mull [of Kintyre] fox. Cheerio just now.

Show English

Mionnan a’ mhadaidh ruaidh don ghobhair ghlais’

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh mu ‘mhionnan a’ mhadaidh ruaidh don ghobhair ghlais’? Tha e a’ ciallachadh mionnan a tha breugach. Tha e a’ tighinn bhon t-seann stòiridh ‘A’ Ghobhar Ghlas’.

Latha a bha seo, lorg am madadh ruadh dà mheann. Bha iad ann am feur tiugh. Bha am màthair air am fàgail an sin, falaichte. Dh’ith an sionnach na minn. Bha iad fhathast a’ meigeadaich na bhroinn nuair a thill a’ ghobhar.

Chuala i na minn aice. Dh’fhaighnich i dhen mhadadh cà’ robh iad. Agus seo na thuirt am madadh:

Air an droighinn, air an dris,

Air an uisge ’ruith san eas,

Air an adhar os do chionn,

Air an talamh fo do bhonn,

Air a’ ghrèin a tha san iar,

Air a’ ghealaich seachad siar,

Air na reultan anns a’ chiar,

Chan fhac’ mi riamh do chuid mheann.

Aidh, ceart, mar a thuirt am fear eile!

Tha stòiridh beag eile agam dhuibh – ‘Sionnach na Maoile’. Thachair e air creag mhòr air Maol Chinn Tìre.

Bha tollairean aig tuathanaich. ’S e sin coin a bhios a’ sealg nan sionnach. Ach bha an sionnach seo ro sheòlta dhaibh. Bhiodh e a’ dol leis a’ chreig agus na coin a’ dol às a dhèidh. Bhiodh na coin marbh aig a’ bhonn. Ach bhiodh an sionnach fhathast beò. Cha robh fios aig duine mar a bha e ga dhèanamh.

Dh’iarr na tuathanaich air brocair an sionnach a mharbhadh. Chaidh a leigeil air ròp sìos aghaidh na creige. Lorg e craobh-chaorainn òg. Bha bàrr na craoibhe a’ lùbadh cho fada ’s gun robh e a’ buntainn ri leac chumhang. Bha an leac a’ leantainn gu leacan eile agus sìos don bhonn. Gheàrr am brocair stoc na craoibhe. Ach chuir e a’ chraobh air ais ri chèile.

An ath thuras a rinn an sionnach sgrios, ruith tollairean às a dhèidh. Chaidh am madadh leis a’ chreig. Ach, an turas seo, bha e air a lorg marbh aig bonn na creige. Bha pìos dhen chraoibh-chaorainn na bheul. ’S ann bhon tachartas seo a tha sinn a’ faighinn an t-samhlaidh: cho seòlta ri sionnach na Maoile. Mar sin leibh an-dràsta

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 820

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile