ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

574: The year of the mouse 574: Bliadhna nan luch 

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Bliadhna nan luch 

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhliadhna nan Caorach. Ach cuin a bha Bliadhna nan Luch? Cha chuala sibh riamh oirre? Uill, b’ e Bliadhna nan Luch – the year of the mice – ochd ceud deug is còig-deug (1815). Cha robh i aithnichte mar sin ann an Alba. Bha, ge-ta, ann an Alba Nuaidh ann an Canada.

Anns a’ bhliadhna sin, nochd an t-uabhas de luchan. Cha robh fios aig duine cò as a thàinig iad no carson a bha iad cho pailt. Cho luath ʼs a bha a’ chruithneachd air fàs suas, fhuair na tuathanaich a-mach gun robh na luchan air sgrios a dhèanamh air na freumhaichean.

Chaidh dàn a sgrìobhadh ann an Gàidhlig mu dheidhinn Bliadhna nan Luch. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh:

Is iomadh creachadair an taobh-sʼ

Am measg na tuathadh:

Mathain, marsantan is maoir,

A’ sìor thoirt uatha:

Tha luchaidhean ann cho lìonmhor

ʼS nach fhàg iad sìol air bàrr sguaibe;

Is am beagan a thèid fo dhìon dheth

Is bochd a bhrìgh ’n àm a’ bhualaidh.

Chan eil fios le cinnt cò sgrìobh an dàn. Nochd e fon ainm pinn ‘I.P.’ anns an iris ‘An Cuairtear Òg Gàidhealach’. ʼS dòcha gur e fear a bh’ ann – Iain ‘Pìobaire’ MacGhilleBhrath.

Anns an ath earrainn, tha e a’ guidhe bàs air na luchan:

Mallachd bhuan o shluagh gach dùthcha

Lughdachadh cunntais an t-seòrs’ ud;

Neasgaidean, cait, clamhain, dùldachd,

Bàs is fanntachadh ʼs gach dòigh dhuibh;

Is leibh gamhlas uile shliochd Adhaimh

ʼS chan eil bàigh aig neach a tha beò ribh,

Is duilich leam nach deach ur bàthadh

Mun d’ fhuair sibh san Àirc aig Nòa.

Chan eil fhios a’m cia mheud duine a tha a’ cuimhneachadh Bliadhna nan Luch an-diugh. ʼS e Mìcheal Newton a thug a’ chùis gu m’ aire. Tha cunntas aige mun dàn seo anns an leabhar aige a thàinig a-mach an-uiridh – ‘Seanchaidh na Coille: The Memory-Keeper of the Forest’.

ʼS e cruinneachadh a tha ann de litreachas Chanada ann an Gàidhlig. Tha an leabhar a’ dearbhadh cho prìseil ʼs a tha dualchas Gàidhlig Chanada. Innsidh mi tuilleadh mun leabhar seo an-ath-sheachdain.

The year of the mouse

English Beurla

I was telling you about ‘the year of the sheep’. But when was ‘the year of the mice’? You’ve never heard of it? Well, ‘the year of the mice’ was 1815. It wasn’t recognised as such in Scotland. It was, however, in Nova Scotia in Canada.

In that year, a fantastic number of mice appeared. Nobody knew where they had come from or why they were so numerous. As soon as the wheat had grown up, the farmers found out that the mice had damaged the roots.

A poem was written in Gaelic about ‘the year of the mice’. Here’s how it begins:

There are many plunderers here

Among the farmers:

Bears, merchants and bureaucrats,

constantly taking from them:

The mice are so plentiful

That they don’t leave seed on the sheaf tops;

And the little of it that is protected

Will be of poor quality when it comes to threshing.

It’s not certain who wrote the poem. It appeared under the nom de plume ‘I.P.’ in the magazine ‘An Cuairtear Òg Gàidhealach’. Perhaps it was a man – Iain ‘Piper’ MacGillivray.

In the next section, he wishes death upon the mice:

[May] an everlasting curse from the people of all lands

Lower the numbers of that species;

Boils, cats, buzzards, winter cold,

Death and weakness in every way to them;

You bear the malice of all of Adam’s offspring

And no living person has affection for you,

I’m sorry you were not drowned

Before you got into Noah’s Ark.

I don’t know how many people remember the year of the mice today. It’s Michael Newton that brought the matter to my attention. He has an account about this poem in his book that came out last year –

Seanchaidh na Coille: The Memory-Keeper of the Forest’.

It’s a collection of Canadian literature in Gaelic. The book proves how valuable the Gaelic heritage of Canada is. I’ll tell you more about this book next week.

Show English

Bliadhna nan luch 

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhliadhna nan Caorach. Ach cuin a bha Bliadhna nan Luch? Cha chuala sibh riamh oirre? Uill, b’ e Bliadhna nan Luch – the year of the mice – ochd ceud deug is còig-deug (1815). Cha robh i aithnichte mar sin ann an Alba. Bha, ge-ta, ann an Alba Nuaidh ann an Canada.

Anns a’ bhliadhna sin, nochd an t-uabhas de luchan. Cha robh fios aig duine cò as a thàinig iad no carson a bha iad cho pailt. Cho luath ʼs a bha a’ chruithneachd air fàs suas, fhuair na tuathanaich a-mach gun robh na luchan air sgrios a dhèanamh air na freumhaichean.

Chaidh dàn a sgrìobhadh ann an Gàidhlig mu dheidhinn Bliadhna nan Luch. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh:

Is iomadh creachadair an taobh-sʼ

Am measg na tuathadh:

Mathain, marsantan is maoir,

A’ sìor thoirt uatha:

Tha luchaidhean ann cho lìonmhor

ʼS nach fhàg iad sìol air bàrr sguaibe;

Is am beagan a thèid fo dhìon dheth

Is bochd a bhrìgh ’n àm a’ bhualaidh.

Chan eil fios le cinnt cò sgrìobh an dàn. Nochd e fon ainm pinn ‘I.P.’ anns an iris ‘An Cuairtear Òg Gàidhealach’. ʼS dòcha gur e fear a bh’ ann – Iain ‘Pìobaire’ MacGhilleBhrath.

Anns an ath earrainn, tha e a’ guidhe bàs air na luchan:

Mallachd bhuan o shluagh gach dùthcha

Lughdachadh cunntais an t-seòrs’ ud;

Neasgaidean, cait, clamhain, dùldachd,

Bàs is fanntachadh ʼs gach dòigh dhuibh;

Is leibh gamhlas uile shliochd Adhaimh

ʼS chan eil bàigh aig neach a tha beò ribh,

Is duilich leam nach deach ur bàthadh

Mun d’ fhuair sibh san Àirc aig Nòa.

Chan eil fhios a’m cia mheud duine a tha a’ cuimhneachadh Bliadhna nan Luch an-diugh. ʼS e Mìcheal Newton a thug a’ chùis gu m’ aire. Tha cunntas aige mun dàn seo anns an leabhar aige a thàinig a-mach an-uiridh – ‘Seanchaidh na Coille: The Memory-Keeper of the Forest’.

ʼS e cruinneachadh a tha ann de litreachas Chanada ann an Gàidhlig. Tha an leabhar a’ dearbhadh cho prìseil ʼs a tha dualchas Gàidhlig Chanada. Innsidh mi tuilleadh mun leabhar seo an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 878

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile