FaclairDictionary EnglishGàidhlig

936: Whisky and Place-names (2) 936: Uisge-beatha agus Ainmean-àite (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Uisge-beatha agus Ainmean-àite (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha sinn a’ toirt sùil air ainmean uisge-bheatha. Tha iad san leabhar ‘The A to Z of Whisky Place-Names’ le Jacob King. Tha gu leòr dhiubh air a bheil ainm fuadain. Ach tha feadhainn ann le ainm stèidhichte air fìor ainm-àite. Bheir sinn sùil air feadhainn dhiubh sin an-diugh.

Tha na h-ainmean ann an Ìle an ìre mhath uile stèidhichte air fìor ainmean-àite. Mar eisimpleir, tha Ardbeg air a dhèanamh faisg air An Àird Bheag ‘the small promontory’. Tha Bowmore às a’ bhaile as motha anns an eilean. Tha Am Bogha Mòr air ann an Gàidhlig. Tha e a’ ciallachadh an dàrna cuid ‘the big reef’ no ‘the big bend’.

Tha Bruichladdich bhon Ghàidhlig Bruthach a’ Chladaich ‘the brae of the shore’. Tha Bunnahabhain o Bun na h-Abhainne ‘the mouth of the river’. Air cladach an earra-dheas an eilein, tha Lagavulin. Tha an t-ainm sin a’ tighinn bho Lag a’ Mhuilinn ‘the hollow of the mill’.

Tha aon taigh-staile ann am Muile. Thathar a’ dèanamh uisge-beatha ann ris an canar Tobermory. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon bhaile far a bheil an taigh-staile – Tobar Mhoire, ‘the well of the Virgin Mary’.

Air ais air tìr-mòr tha Tomatin, deas air Inbhir Nis. Tha sin bhon Ghàidhlig Tom Aitinn ‘hillock of juniper’. Tha Glenlivet ann am Moireibh a’ tighinn bhon Ghàidhlig Gleann Lìobhaid. Tha Jacob King ag innse dhuinn gu bheil e coltach gun tàinig Lìobhaid bho fhreumh Cruithneach. Tha e a’ ciallachadh ‘boillsgeach’ no ‘gleansach’.

Tha uisge-beatha Moireach eile ann air a bheil ainm car annasach dhuinne mar Ghàidheil. Tha e sgrìobhte mar aon fhacal – a-n-c-n-o-c. Bhithinn a’ fuaimneachadh sin mar ‘an cnoc’. Ach tha làrach-lìn an uisge-bheatha ag innse dhuinn gu bheilear ga fhuaimneachadh ‘a-nock’. Tha e air a dhèanamh aig Knockdhu Distillery.

Mu dheireadh, ann an taobh sear Rois, tha uisge-beatha ainmeil air a bheil Glenmorangie. A bheil sin dha-rìribh a’ ciallachadh ‘The Glen of Tranquility’, mar gun tàinig e à Gleann Mòr na Sìth? Tha Jacob King ag innse dhuinn nach eil. Chaidh ‘Glen’ a chur ri Morangie, ainm-àite ionadail a tha a’ ciallachadh ‘big haugh place’.

Whisky and Place-names (2)

English Beurla

We were looking at whisky names. They are in the book ‘The A to Z of Whisky Place-Names’ by Jacob King. There are plenty of them that have an artificial name. But there are some which have a name based on a real place-name. We’ll take a look at some of them today.

The names on Islay are pretty much all based on real place-names. For example, Ardbeg is made near An Àird Bheag ‘the small promontory’. Bowmore is from the largest village on the island. It’s called Am Bogha Mòr in Gaelic. It means either ‘the big reef’ or ‘the big bend’.

Bruichladdich is from the Gaelic Bruthach a’ Chladaich ‘the brae of the shore’. Bunnahabhain is from Bun na h-Abhainne ‘the mouth of the river’. On the south-east coast of the island, there is Lagavulin. That name comes from Lag a’ Mhuilinn ‘the hollow of the mill’.

There is one distillery on Mull. A whisky called Tobermory is made there. The name comes from the village where the distillery is – Tobar Mhoire, ‘the well of the Virgin Mary’.

Back on the mainland is Tomatin, south of Inverness. That is from the Gaelic Tom Aitinn ‘hillock of juniper’. Glenlivet in Moray comes from the Gaelic Gleann Lìobhaid. Jacob King tells us that it is likely that Lìobhaid came from a Pictish root. It means ‘glittering’ or ‘shining’.

There is another Moray whisky which has a name that is somewhat strange to us as Gaels. It’s written as one word – a-n-c-n-o-c. I would pronounce it ‘an cnoc’. But the whisky’s website tells us that it is pronounced ‘a-nock’. It is made at the Knockdhu Distillery.

Finally, in Easter Ross there is a famous whisky called Glenmorangie. Does that really mean ‘The Glen of Tranquility’ as if it came from Gleann Mòr na Sìth? Jacob King tells us it doesn’t. ‘Glen’ was added to Morangie, a local place-name that means ‘big haugh place’.

Uisge-beatha agus Ainmean-àite (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha sinn a’ toirt sùil air ainmean uisge-bheatha. Tha iad san leabhar ‘The A to Z of Whisky Place-Names’ le Jacob King. Tha gu leòr dhiubh air a bheil ainm fuadain. Ach tha feadhainn ann le ainm stèidhichte air fìor ainm-àite. Bheir sinn sùil air feadhainn dhiubh sin an-diugh.

Tha na h-ainmean ann an Ìle an ìre mhath uile stèidhichte air fìor ainmean-àite. Mar eisimpleir, tha Ardbeg air a dhèanamh faisg air An Àird Bheag ‘the small promontory’. Tha Bowmore às a’ bhaile as motha anns an eilean. Tha Am Bogha Mòr air ann an Gàidhlig. Tha e a’ ciallachadh an dàrna cuid ‘the big reef’ no ‘the big bend’.

Tha Bruichladdich bhon Ghàidhlig Bruthach a’ Chladaich ‘the brae of the shore’. Tha Bunnahabhain o Bun na h-Abhainne ‘the mouth of the river’. Air cladach an earra-dheas an eilein, tha Lagavulin. Tha an t-ainm sin a’ tighinn bho Lag a’ Mhuilinn ‘the hollow of the mill’.

Tha aon taigh-staile ann am Muile. Thathar a’ dèanamh uisge-beatha ann ris an canar Tobermory. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon bhaile far a bheil an taigh-staile – Tobar Mhoire, ‘the well of the Virgin Mary’.

Air ais air tìr-mòr tha Tomatin, deas air Inbhir Nis. Tha sin bhon Ghàidhlig Tom Aitinn ‘hillock of juniper’. Tha Glenlivet ann am Moireibh a’ tighinn bhon Ghàidhlig Gleann Lìobhaid. Tha Jacob King ag innse dhuinn gu bheil e coltach gun tàinig Lìobhaid bho fhreumh Cruithneach. Tha e a’ ciallachadh ‘boillsgeach’ no ‘gleansach’.

Tha uisge-beatha Moireach eile ann air a bheil ainm car annasach dhuinne mar Ghàidheil. Tha e sgrìobhte mar aon fhacal – a-n-c-n-o-c. Bhithinn a’ fuaimneachadh sin mar ‘an cnoc’. Ach tha làrach-lìn an uisge-bheatha ag innse dhuinn gu bheilear ga fhuaimneachadh ‘a-nock’. Tha e air a dhèanamh aig Knockdhu Distillery.

Mu dheireadh, ann an taobh sear Rois, tha uisge-beatha ainmeil air a bheil Glenmorangie. A bheil sin dha-rìribh a’ ciallachadh ‘The Glen of Tranquility’, mar gun tàinig e à Gleann Mòr na Sìth? Tha Jacob King ag innse dhuinn nach eil. Chaidh ‘Glen’ a chur ri Morangie, ainm-àite ionadail a tha a’ ciallachadh ‘big haugh place’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1240

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile