ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

501: Magnus Eunson 501: Magnus Eunson

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Magnus Eunson

Gaelic Gàidhlig

’S ann ann an Arcaibh a tha an taigh-staile uisge-bheatha as fhaide tuath ann an Alba. Tha iad a’ dèanamh Highland Park ann am Baile na h-Eaglaise no Kirkwall. Fhuair an taigh-staile ainm bho High Park, an t-ainm a bha air an àite sin anns an t-seann aimsir.

Tha High Park co-cheangailte ri fear Magnus Eunson no ‘Mansie’. Bha Mansie a’ dèanamh uisge-bheatha gu mì-laghail air an làraich sin aig deireadh an ochdamh linn deug.

Agus cha robh e leis fhèin. Bha feadhainn eile ann an Arcaibh an sàs ann an dèanamh agus cùl-mhùtaireachd uisge-bheatha.

Bha Mansie na bhùidsear agus na oifigear eaglais tron latha. Bha e ri cùl-mhùtaireachd air an oidhche. Bha fios aig na h-oifigearan cusbainn gun robh e an sàs ann an gnothaichean mì-laghail. Ach cha d’ fhuair iad lorg air an uisge-bheatha aige.

Chuala iad gun robh Mansie ga fhalach anns an eaglais. Agus, latha a bha seo, rinn iad reud air an eaglais. Ach fhuair Mansie fios gu robh iad a’ tighinn. Ghluais e na baraillean don taigh aige. Chuir e ann am meadhan seòmar falamh iad. Chuir e ceann ciste-laighe air am muin. Agus chuir e siota bàn glan thairis air a h-uile nì. Bha e a’ coimhead coltach ri eileatrom, le corp ann an ciste.

Nuair a chunnaic Mansie gun robh na h-oifigearan air an rathad chun an taigh’ aige, chruinnich e grunnan còmhla anns an t-seòmar. Shleuchdaich iad – chaidh iad air an glùinean – mar gun robh iad ag adhradh. Bha Bìoball mòr aig Mansie. Bha leabhar-ùrnaigh aig a h-uile duine eile. Nuair a chuala iad na h-oifigearan a’ tighinn a-steach don taigh, thòisich iad air caoineadh.

Thàinig a’ chiad oifigear a-steach. Nuair a chunnaic e na bha a’ dol, thug e a bhonaid dheth. Choimhead Mansie suas bhon Bhìoball aige. Bha coltas bròin air. Ann an cagair, thuirt e aon rud sìmplidh ris an oifigear – ‘a’ Bhreac’. ’S e galair uabhasach a bha sin, agus gu math gabhaltach. Theich na h-oifigearan cusbainn gun rannsachadh sam bith a dhèanamh. Agus cha deach iad faisg air Mansie airson greis mhath an dèidh sin!

Magnus Eunson

English Beurla

The most northerly whisky distillery in Scotland is in Orkney. They make Highland Park in Kirkwall. The distillery got its name from High Park, the area’s name in olden times.

High Park is connected to Magnus Eunson or ‘Mansie’. Mansie was illegally making whisky on that site at the end of the eighteenth century.

But he wasn’t alone. Some others in Orkney were involved in the making and smuggling of whisky.

Mansie was a butcher and a church officer by day. He was involved in smuggling by night. The excise officers knew that he was involved in illegal affairs. But they never found his whisky.

They heard that Mansie was hiding it in the church. And, one day, they raided the church. But Mansie knew they were coming. He moved the barrels to his house. He placed them in the middle of an empty room. He put a coffin lid on top of them. And he put a clean white sheet over everything. It looked like a funeral bier, with a body in a coffin.

When Mansie saw that the officers were on the way to his house, he gathered a few people together in the room. They kneeled – they went on their knees – as if they were worshipping. Mansie had a large Bible. Everybody else had a prayer book. When they heard the officers coming into the house, they began to keen.

The first officer entered. When he saw what was happening, he took off his hat. Mansie looked up from his Bible. He wore an expression of sadness. In a whisper, he said one simple thing to the officer – ‘smallpox’. That was a terrible disease, and extremely infectious. The excise officers fled without doing any investigating. And they didn’t go near Mansie for a good time after that!

Show English

Magnus Eunson

Gaelic Gàidhlig

’S ann ann an Arcaibh a tha an taigh-staile uisge-bheatha as fhaide tuath ann an Alba. Tha iad a’ dèanamh Highland Park ann am Baile na h-Eaglaise no Kirkwall. Fhuair an taigh-staile ainm bho High Park, an t-ainm a bha air an àite sin anns an t-seann aimsir.

Tha High Park co-cheangailte ri fear Magnus Eunson no ‘Mansie’. Bha Mansie a’ dèanamh uisge-bheatha gu mì-laghail air an làraich sin aig deireadh an ochdamh linn deug.

Agus cha robh e leis fhèin. Bha feadhainn eile ann an Arcaibh an sàs ann an dèanamh agus cùl-mhùtaireachd uisge-bheatha.

Bha Mansie na bhùidsear agus na oifigear eaglais tron latha. Bha e ri cùl-mhùtaireachd air an oidhche. Bha fios aig na h-oifigearan cusbainn gun robh e an sàs ann an gnothaichean mì-laghail. Ach cha d’ fhuair iad lorg air an uisge-bheatha aige.

Chuala iad gun robh Mansie ga fhalach anns an eaglais. Agus, latha a bha seo, rinn iad reud air an eaglais. Ach fhuair Mansie fios gu robh iad a’ tighinn. Ghluais e na baraillean don taigh aige. Chuir e ann am meadhan seòmar falamh iad. Chuir e ceann ciste-laighe air am muin. Agus chuir e siota bàn glan thairis air a h-uile nì. Bha e a’ coimhead coltach ri eileatrom, le corp ann an ciste.

Nuair a chunnaic Mansie gun robh na h-oifigearan air an rathad chun an taigh’ aige, chruinnich e grunnan còmhla anns an t-seòmar. Shleuchdaich iad – chaidh iad air an glùinean – mar gun robh iad ag adhradh. Bha Bìoball mòr aig Mansie. Bha leabhar-ùrnaigh aig a h-uile duine eile. Nuair a chuala iad na h-oifigearan a’ tighinn a-steach don taigh, thòisich iad air caoineadh.

Thàinig a’ chiad oifigear a-steach. Nuair a chunnaic e na bha a’ dol, thug e a bhonaid dheth. Choimhead Mansie suas bhon Bhìoball aige. Bha coltas bròin air. Ann an cagair, thuirt e aon rud sìmplidh ris an oifigear – ‘a’ Bhreac’. ’S e galair uabhasach a bha sin, agus gu math gabhaltach. Theich na h-oifigearan cusbainn gun rannsachadh sam bith a dhèanamh. Agus cha deach iad faisg air Mansie airson greis mhath an dèidh sin!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 805

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile