ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

489: Cheeky Gaelic Words 489: Mì-mhodh ann an Gàidhlig

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Mì-mhodh ann an Gàidhlig

Gaelic Gàidhlig

Chan eil cus sgrìobhaidh againn ann an Gàidhlig a tha a’ dèiligeadh ri ana-miann no sannt. Co-dhiù an seòrsa de dh’ana-miann is sannt a tha co-cheangailte ri feise. Sgrìobh am bàrd ainmeil, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, bàrdachd mar sin, ge-tà. Ach cha deach mòran dhith fhoillseachadh. Cha robh na Bhictòirianaich ro dhèidheil oirre. Sgrìobh Iain MacCoinnich anns a’ chruinneachadh ainmeil aige ‘Sàr-obair nam Bàrd Gàidhealach’, ‘while as a poet [Mac Mhaighstir Alasdair] merits the highest praise, he is not to be excused for his immoral pieces, which of course are excluded from [this publication].’

Cha robh na Bhictòirianaich ro dhèidheil air sgrìobhadh sam bith a bha ‘mì-mhoralta’, co-dhiù nuair a thigeadh e gu feise. ’S dòcha gun robh sabaid is marbhadh ceart gu leòr, ach cha bhiodh e idir fallain a bhith a’ foillseachadh gu robh fir is boireannaich ana-miannach, co-dhiù bha sin anns an t-seòmar-chadail no air an taobh a-muigh dheth. Ann an saoghal na Gàidhlig, bha an casg sin a cheart cho làidir ’s a bha e ann an saoghal na Beurla. Chun an latha an-diugh, cha mhòr nach eil e do-dhèante bàrdachd dhrabasta Mhic Mhaighstir Alasdair a lorg.

Anns an fhicheadamh linn, dh’atharraich cùisean ann an saoghal na Beurla. Thug e ùine, ge-tà. Chaidh Lady Chatterley’s Lover le D H Lawrence fhoillseachadh san Eadailt ann an naoi ceud deug, fichead ’s a h-ochd (1928). Ach ’s ann an naoi ceud deug is seasgad (1960) a chaidh an dreach slàn a chur ann an clò anns an Rìoghachd Aonaichte. Agus, ann an Gàidhlig, uill … tha sinn a’ feitheamh fhathast airson a leithid de nobhail!

Ach – cleas gach sluagh eile san t-saoghal – bhitheadh na Gàidheil a’ beachdachadh air cuspairean mar sin – gaol, nòisean, miann, sannt. Agus bithidh fhathast! Ach chan eil e furasta sin fhaicinn anns an litreachas againn. Tha e coltach nach bi sinn eadhon ri droch chainnt!

Uill, chan eil sin fìor tuilleadh. O chionn ghoirid thàinig leabhar beag a-mach air a bheil The Naughty Little Book of Gaelic. Bheir sinn sùil air an-ath-sheachdain. Co-dhiù air na pìosan a tha ceadaichte…!

Cheeky Gaelic Words

English Beurla

We don’t have too much writing in Gaelic that deals with desire and lust. At least the type of desire and lust connected to sex. The famous poet, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, wrote poetry like that, however. But not much of it was published. The Victorians weren’t too keen on it. John Mackenzie in his famous collection ‘The Beauties of Gaelic Poetry’ wrote, ‘while as a poet [Mac Mhaighstir Alasdair] merits the highest praise, he is not to be excused for his immoral pieces, which of course are excluded from [this publication].’

The Victorians weren’t too keen on any writing that was ‘immoral’, at least when it came to sex. Perhaps fighting and killing were okay, but it wouldn’t be at all healthy to advertise that men and women were lustful, whether or not that was inside the bedroom or outside of it. In the Gaelic world, that restriction was just as strong as it was in the English-speaking world. To this very day, it’s almost impossible to locate Mac Mhaighstir’s erotic poetry.

In the twentieth century, things changed in the English-speaking world. It took time, however. Lady Chatterley’s Lover by D H Lawrence was published in Italy in 1928. But it was in 1960 that the full version was published in the United Kingdom. And in Gaelic, well ... we’re still waiting for a novel like that!

But – like every other people in the world – the Gaels would think about things like that – love, fancy, desire, lust. And they still do! But it’s not easy to see that in our literature. It appears that we don’t even swear!

Well, that’s no longer true. Recently a small book came out called The Naughty Little Book of Gaelic. We’ll look at it next week. At least, we’ll look at the permitted passages...!

Show English

Mì-mhodh ann an Gàidhlig

Gaelic Gàidhlig

Chan eil cus sgrìobhaidh againn ann an Gàidhlig a tha a’ dèiligeadh ri ana-miann no sannt. Co-dhiù an seòrsa de dh’ana-miann is sannt a tha co-cheangailte ri feise. Sgrìobh am bàrd ainmeil, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, bàrdachd mar sin, ge-tà. Ach cha deach mòran dhith fhoillseachadh. Cha robh na Bhictòirianaich ro dhèidheil oirre. Sgrìobh Iain MacCoinnich anns a’ chruinneachadh ainmeil aige ‘Sàr-obair nam Bàrd Gàidhealach’, ‘while as a poet [Mac Mhaighstir Alasdair] merits the highest praise, he is not to be excused for his immoral pieces, which of course are excluded from [this publication].’

Cha robh na Bhictòirianaich ro dhèidheil air sgrìobhadh sam bith a bha ‘mì-mhoralta’, co-dhiù nuair a thigeadh e gu feise. ’S dòcha gun robh sabaid is marbhadh ceart gu leòr, ach cha bhiodh e idir fallain a bhith a’ foillseachadh gu robh fir is boireannaich ana-miannach, co-dhiù bha sin anns an t-seòmar-chadail no air an taobh a-muigh dheth. Ann an saoghal na Gàidhlig, bha an casg sin a cheart cho làidir ’s a bha e ann an saoghal na Beurla. Chun an latha an-diugh, cha mhòr nach eil e do-dhèante bàrdachd dhrabasta Mhic Mhaighstir Alasdair a lorg.

Anns an fhicheadamh linn, dh’atharraich cùisean ann an saoghal na Beurla. Thug e ùine, ge-tà. Chaidh Lady Chatterley’s Lover le D H Lawrence fhoillseachadh san Eadailt ann an naoi ceud deug, fichead ’s a h-ochd (1928). Ach ’s ann an naoi ceud deug is seasgad (1960) a chaidh an dreach slàn a chur ann an clò anns an Rìoghachd Aonaichte. Agus, ann an Gàidhlig, uill … tha sinn a’ feitheamh fhathast airson a leithid de nobhail!

Ach – cleas gach sluagh eile san t-saoghal – bhitheadh na Gàidheil a’ beachdachadh air cuspairean mar sin – gaol, nòisean, miann, sannt. Agus bithidh fhathast! Ach chan eil e furasta sin fhaicinn anns an litreachas againn. Tha e coltach nach bi sinn eadhon ri droch chainnt!

Uill, chan eil sin fìor tuilleadh. O chionn ghoirid thàinig leabhar beag a-mach air a bheil The Naughty Little Book of Gaelic. Bheir sinn sùil air an-ath-sheachdain. Co-dhiù air na pìosan a tha ceadaichte…!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 793

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile