ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

295: The Gaelic Bible 295: A' Bhìoball Gàidhlig

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

A' Bhìoball Gàidhlig

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a leughadh earrann às a’ Bhìoball. Tha i às an Tiomnadh Nuadh. Seo i: Anns an toiseach bha am Facal, agus bha am Facal còmhla ri Dia, agus b’ e am Facal Dia.

’S e sin eadar-theangachadh ùr dhen t-Soisgeul a rèir Eòin, Caibideil 1, Earrann 1. ’S e cànan beò a tha anns a’ Ghàidhlig. Bidh i ag atharrachadh tro thìm. Tha e ciallach eadar-theangachadh ùr a dhèanamh dhen Bhìoball bho àm gu àm. Air neo bidh dà chànan ann – Gàidhlig na coimhearsnachd agus Gàidhlig a’ Bhìobaill.

Rinn Comunn Bhìobaill na h-Alba eadar-theangachadh ùr de Leabhar Eòin. Tha e ann an Gàidhlig an latha an-diugh. Thàinig e a-mach o chionn ghoirid. Tha e nas fhasa do luchd-ionnsachaidh a’ chànain. Agus do dhaoine òga.

Tha mi a’ dol a dhèanamh coimeas eadar earrannan às a’ chiad chaibideil de Leabhar Eòin anns an t-seann Bhìoball agus san iris ùir. Seo earrannan 9 gu 12. Tha mi a’ tòiseachadh leis an t-seann iris: B’ e so an solus fìor a tha ’soillseachadh gach uile dhuine ’tha ’teachd chum an t-saoghal. Bha e anns an t-saoghal, agus rinneadh an saoghal leis, agus cha d’aithnich an saoghal e. Thàinig e a dh’ionnsuidh a dhùthcha féin, agus cha do ghabh a mhuinntir féin ris. Ach a mheud as a ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a bhi ’n an cloinn do Dhia, eadhon dhoibhsan a tha ’creidsinn ’n a ainm .

Seo a-nise an aon phìos anns an iris ùir: Bha an solas fìor, a tha a’ soillseachadh a h-uile neach, a’ tighinn dhan t-saoghal. Bha e anns an t-saoghal, agus ged a chaidh an saoghal a dhèanamh troimhe, cha do dh’aithnich an saoghal e. Thàinig e gu a chuid fhèin, ach cha do ghabh a chuid fhèin ris. Ach dhan fheadhainn a ghabh ris, dhan fheadhainn a chreid na ainm, thug e dhaibh còir a bhith nan cloinn do Dhia.

Tha diofar ann, nach eil? Chleachd na h-eadar-theangairean ùra seann dreach a’ Bhìoball ann an Greugais. Rinn iad obair mhath.

The Gaelic Bible

English Beurla

I’m going to read a verse from the Bible. It’s from the New Testament. Here it is: In the beginning was the Word, and the Word was with God, and the Word was God.

That is a new translation of the Gospel according to John, Chapter 1, Verse 1. Gaelic is a living language. It changes through time. It’s sensible to make a new translation of the Bible from time to time. Otherwise there will be two languages – the Gaelic of the community and the Gaelic of the Bible.

The Scottish Bible Society made a new translation of the Book of John. It’s in modern [today’s] Gaelic. It came out recently. It’s easier for learners of the language. And for young people.

I’m going to make a comparison between verses from the first chapter of the Book of John in the old Bible and in the new edition. Here are verses 9 to 12. I’m starting with the old edition: This was the true light that lights every man that comes into the world. He was in the world, and the world was made by him, and the world did not know him. He came to his own country, and his own people did not accept him. But as many as accepted him, he gave them power to be the children of God, even to them who believe in his name.

Here now is the same piece in the new edition: The true light, that lights every person, was coming into the world. He was in the world, and although the world was made through him, the world did not recognise him. He came to his own people, but his own people did not accept him. But to those who accepted him, to those who believed in his name, he gave them the right to be the children of God.

There’s a difference, isn’t there? The new translators used the old form of the Bible in Greek. They did a good job.

Show English

A' Bhìoball Gàidhlig

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a leughadh earrann às a’ Bhìoball. Tha i às an Tiomnadh Nuadh. Seo i: Anns an toiseach bha am Facal, agus bha am Facal còmhla ri Dia, agus b’ e am Facal Dia.

’S e sin eadar-theangachadh ùr dhen t-Soisgeul a rèir Eòin, Caibideil 1, Earrann 1. ’S e cànan beò a tha anns a’ Ghàidhlig. Bidh i ag atharrachadh tro thìm. Tha e ciallach eadar-theangachadh ùr a dhèanamh dhen Bhìoball bho àm gu àm. Air neo bidh dà chànan ann – Gàidhlig na coimhearsnachd agus Gàidhlig a’ Bhìobaill.

Rinn Comunn Bhìobaill na h-Alba eadar-theangachadh ùr de Leabhar Eòin. Tha e ann an Gàidhlig an latha an-diugh. Thàinig e a-mach o chionn ghoirid. Tha e nas fhasa do luchd-ionnsachaidh a’ chànain. Agus do dhaoine òga.

Tha mi a’ dol a dhèanamh coimeas eadar earrannan às a’ chiad chaibideil de Leabhar Eòin anns an t-seann Bhìoball agus san iris ùir. Seo earrannan 9 gu 12. Tha mi a’ tòiseachadh leis an t-seann iris: B’ e so an solus fìor a tha ’soillseachadh gach uile dhuine ’tha ’teachd chum an t-saoghal. Bha e anns an t-saoghal, agus rinneadh an saoghal leis, agus cha d’aithnich an saoghal e. Thàinig e a dh’ionnsuidh a dhùthcha féin, agus cha do ghabh a mhuinntir féin ris. Ach a mheud as a ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a bhi ’n an cloinn do Dhia, eadhon dhoibhsan a tha ’creidsinn ’n a ainm .

Seo a-nise an aon phìos anns an iris ùir: Bha an solas fìor, a tha a’ soillseachadh a h-uile neach, a’ tighinn dhan t-saoghal. Bha e anns an t-saoghal, agus ged a chaidh an saoghal a dhèanamh troimhe, cha do dh’aithnich an saoghal e. Thàinig e gu a chuid fhèin, ach cha do ghabh a chuid fhèin ris. Ach dhan fheadhainn a ghabh ris, dhan fheadhainn a chreid na ainm, thug e dhaibh còir a bhith nan cloinn do Dhia.

Tha diofar ann, nach eil? Chleachd na h-eadar-theangairean ùra seann dreach a’ Bhìoball ann an Greugais. Rinn iad obair mhath.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 599

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile