ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

44: Boiling your bannocks 44: Air do bhonnagan a ghaoil

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Air do bhonnagan a ghaoil

Gaelic Gàidhlig

Nochd iomadh leabhar math Gàidhlig an-uiridh. ’S e deagh bhliadhna a bh’ ann airson leabhraichean Gàidhlig. Am measg nan leabhraichean bha fear a tha làn rannan cloinne. Tha e math do chloinn agus do phàrantan. Agus do luchd-ionnsachaidh!

’S e an tiotal a th’ air “Air do bhonnagan a ghaoil”. Chaidh a chur ri chèile le Tormod Caimbeul. Tha Tormod à Nis ann an Leòdhas. Tha dà cheud gu leth duilleag ann. Agus tha dealbhan brèagha ann.

Tha cuid de rannan coltach ri rannan Beurla. Mar eisimpleir an rann Beurla:

Seagull, seagull, sit on the sand,

It’s never good weather when you’re on land

Agus seo ann an Gàidhlig:

Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,

Na faiceam thu air talamh cruaidh:

Air talamh cruaidh ma nì thu fois,

Bidh gaoth is dìle tighinn na chois.

Canaidh mi sin a-rithist:

Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,

Na faiceam thu air talamh cruaidh:

Air talamh cruaidh ma nì thu fois,

Bidh gaoth is dìle tighinn na chois.

A bheil sibh eòlach air “Four and Twenty Blackbirds” ann am Beurla? Uill, seo an dearbh rud ann an Gàidhlig. Chan e blackbirds a th’ ann an Gàidhlig, ach starlings – druidean:

Seinn port na sia sg’inn,

Mo phòcaid làn sìol-cur;

Ann am broinn a’ bhonnaich mhòir

Bha còrr is fichead druid;

Nuair dh’fhosgladh am bonnach suas

’S a sheinn na h-eòin le spìd,

Nach b’ e siud an truinnsear brèagh’,

Ga chur air beulaibh rìgh.

Bha ’n rìgh an taigh an ionmhais

A’ cunntadh suas nan sgillinn;

Bha bhanrigh anns a’ chùlaist

Ag ithe mìr is mil air;

Bha ’n t-searbhant anns a’ ghàrradh

Cur aodach air an ròp –

Nuas druid dhubh le sgreuch

Is spìon i dhith an t-sròn.

Seo an rann a-rithist, rud beag nas luaithe. Bhuamsa, an t-seachdain seo, beannachd leibh:

Seinn port na sia sg’inn,

Mo phòcaid làn sìol-cur;

Ann am broinn a’ bhonnaich mhòir

Bha còrr is fichead druid;

Nuair dh’fhosgladh am bonnach suas

’S a sheinn na h-eòin le spìd,

Nach b’ e siud an truinnsear brèagh’,

Ga chur air beulaibh rìgh.

Bha ’n rìgh an taigh an ionmhais

A’ cunntadh suas nan sgillinn;

Bha bhanrigh anns a’ chùlaist

Ag ithe mìr is mil air;

Bha ’n t-searbhant anns a’ ghàrradh

Cur aodach air an ròp –

Nuas druid dhubh le sgreuch

Is spìon i dhith an t-sròn.

Faclan is abairtean: nochd iomadh leabhar math Gàidhlig an-uiridh: many good Gaelic books appeared last year; ’s e deagh bhliadhna a bh’ ann:it was a good year; rannan cloinne: nursery rhymes; chaidh a chur ri chèile le Tormod Caimbeul:it was compiled by Norman Campbell; fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan: seagull, seagull, beside the ocean (strictly speaking, it should be taobh a’ chuain); na faiceam thu air talamh cruaidh:don’t let me see you on hard land; ma nì thu fois: if you rest; bidh gaoth is dìle tighinn na chois:wind and rain will come with it; an dearbh rud: the same thing; seinn port na sia sg’inn: sing the tune of six pennies (sgillinnean); mo phòcaid làn sìol-cur: my pocket full of planting-seed; ann am broinn a’ bhonnaich mhòir:inside the big cake; bha còrr is fichead druid: there were more than twenty starlings; nuair dh’fhosgladh am bonnach suas:when the cake was opened up; ’s a sheinn na h-eòin le spìd: and the birds sang with haste; nach b’ e siud an truinnsear brèagha:wasn’t that the lovely plate: ga chur air beulaibh rìgh: to put [being put] in front of a king; bha an rìgh [ann] an taigh an ionmhais: the king was in the counting house [treasury]: a’ cunntadh suas nan sgillinn: counting up the pennies; bha [a’] bhanrigh anns a’ chùlaist: the queen was in the parlour; ag ithe mìr is mil air: eating bread with honey on it; bha an t-searbhant anns a’ ghàrradh:the servant was in the garden; [a’] cur aodach air an ròp: putting clothes on the washing line; nuas druid dhubh le sgreuch:down [came] a black starling with a screech; is spìon i dhith an t-sròn; and plucked off her [the] nose; bhuamsa: from me (emphatic).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 348

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile