ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

206: Rondane 206: Rondane

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Rondane

Gaelic Gàidhlig

O chionn ghoirid bha mi ann an Nirribhidh. Bha mi a’ sgitheadh anns na beanntan. Bha mi anns an Rondane. ’S e pàirc nàiseanta a tha ann.

Tha an Rondane cudromach. Tha na fèidh mhòra – no fèidh an t-sneachda – fhathast a’ fuireach ann. Chan eil smachd aig daoine orra.

Tha bothain anns an sgìre. Ann an Nirribhis, canaidh iad bu riutha. Tha mi an dùil gu bheil sin ceangailte ri bùth is both ann an Gàidhlig, agus ri bothy ann an Beurla. Canaidh na Nirribhich hytte ri togalaichean nas motha na bu. Tha sin ceangailte ris an fhacal Bheurla hut.

Tha an sgìre ainmeil airson beul-aithris. Ràinig mi àite air a bheil Peer Gynt Hytte. Tha e a-muigh anns na beanntan. Uaireannan, bidh e fosgailte mar chafaidh do sgithearan. Tha e co- cheangailte ri caractar ainmeil ann an dualchas Nirribhidh – Peer Gynt.

Sgrìobh Henrik Ibsen an dealbh-chluich Peer Gynt. Chuir Edvard Grieg ceòl ris. Tha an dealbh-chluich agus an ceòl ainmeil air feadh an t-saoghail. Tha an dealbh-chluich stèidhichte air beul-aithris agus air caractar a tha a’ cur seachad ùine anns na beanntan.

Ach dè an ceangal a tha ann eadar bothan anns an Rondane agus an dealbh-chluich? Uill, chuir am fear-cruinneachaidh sgeulachdan, Peter Christian Asbjørnsen, oidhche seachad anns an àite sin. Bha sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842). Chruinnich e sgeulachdan mu shealg nam fiadh mòra agus mu mharcachd air muin ghobhar. Chuir Ibsen na rudan sin anns an dealbh-chluich.

Dh’fhàg mi an Rondane. Chaidh mi gu baile Otta, far a bheil stèisean-rèile. Ann an sin, chuala mi stòiridh a tha a’ ceangal na sgìre sin do dh’Alba. Chan e deagh stòiridh a tha ann. Bha batail ann eadar Albannaich agus Nirribhich.

Bidh sinn a’ cluinntinn mu fheachdan Lochlannach ann an Alba. An ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh mu fheachd Albannach ann an Lochlann agus mar a chaill na h-Albannaich am batail.

Rondane

English Beurla

Recently I was in Norway. I was skiing in the mountains. I was in the Rondane. It is a national park.

The Rondane is important. [The] reindeer still live there. They are not controlled by man.

There are bothies in the area. In Norwegian they’re called bu. I reckon that’s connected to bùth and both in Gaelic and to bothy in English. The Norwegians call buildings bigger than that hytte. That’s linked to the English word hut.

The area is famous for oral tradition. I reached a place called Peer Gynt Hytte. It’s out in the mountains. Sometimes it’s open as a café to skiers. It’s linked to a famous character in Norway’s cultural heritage – Peer Gynt.

Henrik Ibsen wrote the play Peer Gynt. Edvard Grieg wrote music for it. The play and the music are famous throughout the world. The play is based on oral tradition and on a character that spends time in the mountains.

But what’s the link between a bothy in the Rondane and the play? Well, the story collector, Peter Christian Asbjørnsen, spend a night in that place. That was in 1842. He collected stories about hunting the reindeer and about [people] riding on the backs of goats. Ibsen put those things in the play.

I left the Rondane. I went to the town of Otta, where there is a railway station. There I heard a story that links the area to Scotland. It is not a good story. There was a battle between Scots and Norwegians.

We hear about Scandinavian [Viking] fighting forces in Scotland. Next week, I’ll tell you about a Scottish force in Scandinavia and how the Scots lost the battle.

Show English

Rondane

Gaelic Gàidhlig

O chionn ghoirid bha mi ann an Nirribhidh. Bha mi a’ sgitheadh anns na beanntan. Bha mi anns an Rondane. ’S e pàirc nàiseanta a tha ann.

Tha an Rondane cudromach. Tha na fèidh mhòra – no fèidh an t-sneachda – fhathast a’ fuireach ann. Chan eil smachd aig daoine orra.

Tha bothain anns an sgìre. Ann an Nirribhis, canaidh iad bu riutha. Tha mi an dùil gu bheil sin ceangailte ri bùth is both ann an Gàidhlig, agus ri bothy ann an Beurla. Canaidh na Nirribhich hytte ri togalaichean nas motha na bu. Tha sin ceangailte ris an fhacal Bheurla hut.

Tha an sgìre ainmeil airson beul-aithris. Ràinig mi àite air a bheil Peer Gynt Hytte. Tha e a-muigh anns na beanntan. Uaireannan, bidh e fosgailte mar chafaidh do sgithearan. Tha e co- cheangailte ri caractar ainmeil ann an dualchas Nirribhidh – Peer Gynt.

Sgrìobh Henrik Ibsen an dealbh-chluich Peer Gynt. Chuir Edvard Grieg ceòl ris. Tha an dealbh-chluich agus an ceòl ainmeil air feadh an t-saoghail. Tha an dealbh-chluich stèidhichte air beul-aithris agus air caractar a tha a’ cur seachad ùine anns na beanntan.

Ach dè an ceangal a tha ann eadar bothan anns an Rondane agus an dealbh-chluich? Uill, chuir am fear-cruinneachaidh sgeulachdan, Peter Christian Asbjørnsen, oidhche seachad anns an àite sin. Bha sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842). Chruinnich e sgeulachdan mu shealg nam fiadh mòra agus mu mharcachd air muin ghobhar. Chuir Ibsen na rudan sin anns an dealbh-chluich.

Dh’fhàg mi an Rondane. Chaidh mi gu baile Otta, far a bheil stèisean-rèile. Ann an sin, chuala mi stòiridh a tha a’ ceangal na sgìre sin do dh’Alba. Chan e deagh stòiridh a tha ann. Bha batail ann eadar Albannaich agus Nirribhich.

Bidh sinn a’ cluinntinn mu fheachdan Lochlannach ann an Alba. An ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh mu fheachd Albannach ann an Lochlann agus mar a chaill na h-Albannaich am batail.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 510

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile