ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

682: War of the dogs 682: Cogadh nan Con

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Cogadh nan Con

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air an abairt o linn chogadh nan con? Since the time of the war of the dogs. O linn chogadh nan con. Tha e a’ ciallachadh o chionn fhad’ an t-saoghail.

Ach dè an cogadh a bha ann? Cò na coin a bha a’ sabaid? Uill, chan eil mi cinnteach. Ach bu mhath leam innse dhuibh mu bhatail eadar coin ann an sgeulachdan na Fèinne. An e sin an ‘cogadh’ anns an abairt?

Bha Fionn agus a chompanaich air a’ bheinn-sheilg. Bha an cù aige, Bràn, còmhla riutha. Chaill iad an rathad. Aig ciaradh an fheasgair, chunnaic iad solas. Bha bothan ann. Fhuair na Fianna cuid na h-oidhche anns a’ bhothan.

An ceann tìde, bha fuaim air an taobh a-muigh. Cò bha ann ach mac Rìgh Sheanaidh le ceud gille. Bha e ag iarraidh àite-fuirich airson na h-oidhche. Thàinig dàrna agus treas mac Rìgh Sheanaidh ann, le ceud gille aig gach duine aca. Fhuair iad uile cead fuirich. Cò bha a’ dol gan diùltadh? Feumaidh gun robh am bothan loma-làn!

Fhad ʼs a bha iad uile ann còmhla, dh’iarr ciad mhac Rìgh Sheanaidh air Fionn leigeil leis na coin a bhith a’ sabaid. Bha Bran air a chur an aghaidh a’ Choin Duibh aig mac an Rìgh. Bha an Cù Dubh làidir is fiadhaich. Bha e air cur às do chaogad cù mu-thràth.

Rinn Bran tabhann agus thog e frioghan air. Chaidh an dà chù aghaidh ri aghaidh. Bha iad a’ gluasad gu luath. Ach bha e furasta gu leòr do na daoine gach cù aithneachadh. Bha an Cù Dubh tapaidh ach bha amhaich fhada aige. Bha e car reamhar. Bha casan buidhe aig Bran, bha a dhà thaobh dubh agus bha a bhrù geal. Bha druim uaine air, agus dà chluais chorrach chrò-dhearg. Cha robh cù eile coltach ris!

Mu dheireadh, thuit an Cù Dubh marbh. Bha Bran air a chùis a dhèanamh air. Bha ‘cogadh’ nan con seachad. Ach bidh sinn ga chuimhneachadh fhathast nar cainnt.

War of the dogs

English Beurla

Do you know the phrase o linn chogadh nan con? Since the time of the war of the dogs. O linn chogadh nan con. It means a very long time ago.

But what war was it? Which dogs were fighting? Well, I’m not sure. But I’d like to tell you about a battle between dogs in the legends of the Fianna. Is that the ‘war’ in the saying?

Fionn and his companions were on the hunting-hill. His dog, Bran, was with them. They lost their way. At dusk, they saw a light. There was a bothy. The Fianna got a night’s lodging in the bothy.

After a while, there was a noise outside. Who was there but a son of the King of Senny with a hundred men. He was wanting a place to stay for the night. The second and third sons of the King of Senny came, each with a hundred men. They all got a place to stay. Who was going to refuse them? The bothy must have been bursting at the seams!

While they were all there together, the first son of the King of Senny asked Fionn to allow the dogs to fight. Bran was put against the Black Dog of the king’s son. The Black Dog was strong and wild. He had already killed fifty dogs.

Bran gave a bark and raised his hackles. The two dogs went head to head. They were moving quickly. But it was easy enough for people to recognise each dog. The Black Dog was solid but had a long neck. He was a bit plump. Bran had yellow paws, two black sides and a white belly. He had a green back and two erect crimson ears. There was no other dog like him!

Finally, the Black Dog fell dead. Bran had defeated him. The ‘war’ of the dogs was over. But we still remember it in our speech.

Show English

Cogadh nan Con

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air an abairt o linn chogadh nan con? Since the time of the war of the dogs. O linn chogadh nan con. Tha e a’ ciallachadh o chionn fhad’ an t-saoghail.

Ach dè an cogadh a bha ann? Cò na coin a bha a’ sabaid? Uill, chan eil mi cinnteach. Ach bu mhath leam innse dhuibh mu bhatail eadar coin ann an sgeulachdan na Fèinne. An e sin an ‘cogadh’ anns an abairt?

Bha Fionn agus a chompanaich air a’ bheinn-sheilg. Bha an cù aige, Bràn, còmhla riutha. Chaill iad an rathad. Aig ciaradh an fheasgair, chunnaic iad solas. Bha bothan ann. Fhuair na Fianna cuid na h-oidhche anns a’ bhothan.

An ceann tìde, bha fuaim air an taobh a-muigh. Cò bha ann ach mac Rìgh Sheanaidh le ceud gille. Bha e ag iarraidh àite-fuirich airson na h-oidhche. Thàinig dàrna agus treas mac Rìgh Sheanaidh ann, le ceud gille aig gach duine aca. Fhuair iad uile cead fuirich. Cò bha a’ dol gan diùltadh? Feumaidh gun robh am bothan loma-làn!

Fhad ʼs a bha iad uile ann còmhla, dh’iarr ciad mhac Rìgh Sheanaidh air Fionn leigeil leis na coin a bhith a’ sabaid. Bha Bran air a chur an aghaidh a’ Choin Duibh aig mac an Rìgh. Bha an Cù Dubh làidir is fiadhaich. Bha e air cur às do chaogad cù mu-thràth.

Rinn Bran tabhann agus thog e frioghan air. Chaidh an dà chù aghaidh ri aghaidh. Bha iad a’ gluasad gu luath. Ach bha e furasta gu leòr do na daoine gach cù aithneachadh. Bha an Cù Dubh tapaidh ach bha amhaich fhada aige. Bha e car reamhar. Bha casan buidhe aig Bran, bha a dhà thaobh dubh agus bha a bhrù geal. Bha druim uaine air, agus dà chluais chorrach chrò-dhearg. Cha robh cù eile coltach ris!

Mu dheireadh, thuit an Cù Dubh marbh. Bha Bran air a chùis a dhèanamh air. Bha ‘cogadh’ nan con seachad. Ach bidh sinn ga chuimhneachadh fhathast nar cainnt.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 986

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile