ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

290: Lochaber Poet 290: Bàrd Loch Abar

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Bàrd Loch Abar

Gaelic Gàidhlig

Choinnich Calum MacGhilleathain ri Iain Dòmhnallach, “Bàrd Loch Abar”, anns an Fhaoilleach naoi ceud deug, caogad ’s a h-aon (1951). Bha Calum ainmeil airson a bhith a’ cruinneachadh beul-aithris na Gàidhlig. Bha Iain ainmeil, co-dhiù gu h-ionadail, mar bhàrd is seanchaidh.

Bha Iain air an rathad dhachaigh bhon eaglais. Sin an Eaglais Chaitligeach ann an Drochaid Ruaidh. Chuir Calum stad air. Bhruidhinn e ris ann an Gàidhlig. Thàinig Iain far a bhaidhsagail.

Thuirt Calum ris gun robh e ag iarraidh beul-aithris aig Iain a chlàradh airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Dh’aontaich Iain coinneachadh ris. Thàinig iad còmhla aon latha gach seachdain airson còig mìosan. Fhuair Calum beul-aithris gu leòr.

Nuair a thachair e ri Calum air an Didòmhnaich sin, bha Iain dìreach air òran a sgrìobhadh. Bha e mu dheidhinn nan Albannach a ghoid an Lia-fàil à Abaid Westminster. Bha sin dìreach air tachairt. Cha robh sgeul air a’ chloich fhathast. Agus bha Iain gu math toilichte!

Chaidh e fhèin is Calum air cùl balla. Agus sheinn Iain an t-òran. Bha an t-òran làn lùiths agus smior, thuirt Calum. Bha, agus an duine!

Bha Iain às an Drochaid Àrd faisg air Drochaid an Aonachain. Bha athair, Seumas Ruadh, na chlachair agus na chroitear. Mar chlachair, bha e a’ siubhal air feadh Loch Abar. Chruinnich e tòrr beul-aithris. Thog Iain sgeulachdan bho athair.

Bha Iain fhèin ag obair air na rathaidean agus air an rathad-iarainn. Dh’fhàs e ainmeil airson a chuid eòlais air eachdraidh Loch Abar.

Bha stòiridhean aig Iain Dòmhnallach mu dhaoine mar Chalum Cille, Raibeart Brus, Dòmhnall Ballach mac Tighearna nan Eilean, Alasdair Mac Colla, Teàrlach Òg Stiùbhart agus mòran eile. Agus tha mòran dhen stuth a chlàr Calum MacGilleathain leis gu bhith air làrach-lìn ùr an-ath-sheachdain. ’S e sin an làrach aig Tobar an Dualchais. Chuir am pròiseact sin mòran stuth à beul-aithris ann an cruth didseatach. Bidh an làrach math dha-rìribh.

Bheir sinn sùil a bharrachd air an dìleib a dh’fhàg Bàrd Loch Abar an ath-sheachdain. Gheibhear grèim air an làraich-lìn far a bheil an stuth aige aig www.tobarandualchais.go.uk.

Lochaber Poet

English Beurla

Calum Maclean met John MacDonald, the “Lochaber Bard”, in January 1951. Calum was famous for collecting Gaelic oral tradition. John was famous, at least locally, as a poet and storyteller.

John was on the way home from church. That was the Catholic Church in Roybridge. Calum stopped him. He spoke to him in Gaelic. John came off his bicycle.

Calum said to him that he was wanting to collect [some of] John’s oral tradition for the School of Scottish Studies. John agreed to meet him. They came together one day per week for five months. Calum got a lot of oral tradition.

When he met Calum on that Sunday, John had just written a song. It was about the Scots who stole the Stone of Destiny from Westminster Abbey. That had just happened. The stone had still not appeared. And John was delighted!

He and Calum went behind a wall. And John sang the song. The song was full of vigour and fire, said Calum. So was the man!

John was from Highbridge near Spean Bridge. His father, red-haired James, was a stonemason and crofter. As a mason, he was travelling around Lochaber. He collected a lot of oral tradition. John learned stories from his father.

John himself was working on the roads and the railway. He became famous for his knowledge of the history of Lochaber.

John MacDonald had stories about people like Columba, Robert Bruce, Donald Balloch, the son of the Lord of the Isles, Alasdair MacColla, Bonnie Prince Charlie and many others. And much of the material that Calum Maclean recorded with him is to appear on a new website next week. That’s the site of Tobar an Dualchais. That project digitized much oral material. The site will be excellent.

We’ll look again that the legacy the Lochaber Bard left next week. The website can be located at www.tobarandualchais.go.uk

Show English

Bàrd Loch Abar

Gaelic Gàidhlig

Choinnich Calum MacGhilleathain ri Iain Dòmhnallach, “Bàrd Loch Abar”, anns an Fhaoilleach naoi ceud deug, caogad ’s a h-aon (1951). Bha Calum ainmeil airson a bhith a’ cruinneachadh beul-aithris na Gàidhlig. Bha Iain ainmeil, co-dhiù gu h-ionadail, mar bhàrd is seanchaidh.

Bha Iain air an rathad dhachaigh bhon eaglais. Sin an Eaglais Chaitligeach ann an Drochaid Ruaidh. Chuir Calum stad air. Bhruidhinn e ris ann an Gàidhlig. Thàinig Iain far a bhaidhsagail.

Thuirt Calum ris gun robh e ag iarraidh beul-aithris aig Iain a chlàradh airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Dh’aontaich Iain coinneachadh ris. Thàinig iad còmhla aon latha gach seachdain airson còig mìosan. Fhuair Calum beul-aithris gu leòr.

Nuair a thachair e ri Calum air an Didòmhnaich sin, bha Iain dìreach air òran a sgrìobhadh. Bha e mu dheidhinn nan Albannach a ghoid an Lia-fàil à Abaid Westminster. Bha sin dìreach air tachairt. Cha robh sgeul air a’ chloich fhathast. Agus bha Iain gu math toilichte!

Chaidh e fhèin is Calum air cùl balla. Agus sheinn Iain an t-òran. Bha an t-òran làn lùiths agus smior, thuirt Calum. Bha, agus an duine!

Bha Iain às an Drochaid Àrd faisg air Drochaid an Aonachain. Bha athair, Seumas Ruadh, na chlachair agus na chroitear. Mar chlachair, bha e a’ siubhal air feadh Loch Abar. Chruinnich e tòrr beul-aithris. Thog Iain sgeulachdan bho athair.

Bha Iain fhèin ag obair air na rathaidean agus air an rathad-iarainn. Dh’fhàs e ainmeil airson a chuid eòlais air eachdraidh Loch Abar.

Bha stòiridhean aig Iain Dòmhnallach mu dhaoine mar Chalum Cille, Raibeart Brus, Dòmhnall Ballach mac Tighearna nan Eilean, Alasdair Mac Colla, Teàrlach Òg Stiùbhart agus mòran eile. Agus tha mòran dhen stuth a chlàr Calum MacGilleathain leis gu bhith air làrach-lìn ùr an-ath-sheachdain. ’S e sin an làrach aig Tobar an Dualchais. Chuir am pròiseact sin mòran stuth à beul-aithris ann an cruth didseatach. Bidh an làrach math dha-rìribh.

Bheir sinn sùil a bharrachd air an dìleib a dh’fhàg Bàrd Loch Abar an ath-sheachdain. Gheibhear grèim air an làraich-lìn far a bheil an stuth aige aig www.tobarandualchais.go.uk.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 594

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile