ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

688: The poor little person’s prayer 688: Ùrnaigh na creubhaig

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Ùrnaigh na creubhaig

Gaelic Gàidhlig

A Thrianaid Bheannaichte, tha Thu ann an Ameireagaidh agus Astràilia ... anns a’ Ghàidhealtachd agus ann an Inbhir Nis ʼs air na stìopallan àrda ... Tha Thu a’ toirt taigh sglèata do na h-uaislean, ach thug Thu dhomh a-mhàin bothan dubh sùitheach nach cum a-mach boinn’ uisge, agus a h-uile deur a’ tuiteam ann am brochan Fhearchair.

Chan ann tric a bhios mi a’ tòiseachadh na Litreach le ùrnaigh! Ach chan e ùrnaigh àbhaisteach a tha innte. Seo beagan a bharrachd dhith: Beannaich ... a’ bhò bhàn, am bainne agus na caoraich. Beannaich ... na h-eich, na cairtean, na crainn agus na cliathan, an coirc, an t-eòrna, am buntàta, an teine ...

ʼS e seo an ùrnaigh aig Fearchar a’ Ghunna. Bhuineadh Fearchar do Shrath Chonain faisg air Inbhir Pheofharain. Rugadh e ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a ceithir (1784). ʼS e falbhanach a bha ann. Bheir sinn sùil air a bheatha an-ath-sheachdain. Ach tha mi airson tuilleadh dhen ùrnaigh a thoirt dhuibh.

Beannaich na craobhan, am feur agus mòine, an conasg, am fraoch, an raineach agus an t-aiteann. Beannaich mar an ceudna, a Thrianaid, na gunnachan, am fùdar agus luaidhe, na ròcaisean, na pioghaidean, cearcan-fraoich, maighich agus coineanan. Beannaich mar an ceudna na fèidh, na h-earban, na lachan fiadhaich agus callaidh, na geòidh, na faoileannan, na coin agus na cait, na luchan, radannan agus famhan. Beannaich an t-iasg anns a’ mhuir, loch, abhainn agus sruth, ach beannaich gu h-àraidh an sgadan mòr math a tha sinn a’ faighinn leis a’ bhuntàta.

Abair liosta! ʼS e ainm na h-ùrnaigh seo Ùrnaigh na Creubhaig. ʼS e ainm car annasach a tha ann. Mar as trice, bidh am facal creubhag a’ riochdachadh boireannach beag, seach fear beag. Co-dhiù, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh deireadh na h-ùrnaigh:

Agus beannaich, a Thrianaid Bheannaichte, na pìoban tombaca, cruaidh agus clachan spor, cnàmhan, itean, luideagan, iuchraichean agus iarann. Beannaich mar an ceudna am fiodh, cainb, cotain agus tì ʼs siùcar, ged nach eil cuibhreann Fhearchair bhochd dhiubh ach beag. Beannaich a h-uile nì, a Thrianaid Bheannaichte, oir chruthaich Thusa, Thu Fhèin iad uile. Amen.

The poor little person’s prayer

English Beurla

Blessed Trinity, You are in America and Australia ... in the Highlands and in Inverness and on the tall steeples ... You give slate-roofed houses to the gentry but You gave me only a black, sooty bothy that will not keep out a drop of water, with every drop falling into Farquhar’s porridge.

I don’t often start the Litir with a prayer! But it’s not a normal prayer. Here’s a bit more of it: Bless ... the white cow, the milk and the sheep. Bless ... the horses, the carts, the ploughs and the harrows, the oats, the barley, the potato, the fire ...

This is the prayer of Fearchar a’ Ghunna (Farquhar of the gun). Fearchar belonged to Strathconon near Dingwall. He was born in 1784. He was a wanderer [a person of no fiexed abode]. We’ll look at his life next week. But I want to give you more of the prayer.

Bless the trees, the grass and peat, the gorse, the heather, the bracken and the juniper. Bless likewise, oh Trinity, the guns, the (gun)powder and lead, the rooks, the magpies, grouse, hares and rabbits. Bless likewise the red deer, the roe deer, the ducks wild and tame, the geese, the seagulls, the dogs and the cats, the mice, rats and moles. Bless the fish in the sea, loch, river and stream, but particularly bless the good, large herring that we have with potatoes.

What a list! This prayer is called Ùrnaigh na Creubhaig [the poor little person’s prayer]. Usually, the word creubhag represents a small woman, rather than a man. Anyway, to finish the Litir, here is the end of the prayer:

And bless, oh Blessed Trinity, the tobacco pipes, steel and flints, bones, feathers, rags, keys and iron. Bless likewise wood, hemp, cotton and tea and sugar, although poor Fearchar’s share of them is but small. Bless all things, oh Blessed Trinity, because You, Yourself created them all. Amen.

Show English

Ùrnaigh na creubhaig

Gaelic Gàidhlig

A Thrianaid Bheannaichte, tha Thu ann an Ameireagaidh agus Astràilia ... anns a’ Ghàidhealtachd agus ann an Inbhir Nis ʼs air na stìopallan àrda ... Tha Thu a’ toirt taigh sglèata do na h-uaislean, ach thug Thu dhomh a-mhàin bothan dubh sùitheach nach cum a-mach boinn’ uisge, agus a h-uile deur a’ tuiteam ann am brochan Fhearchair.

Chan ann tric a bhios mi a’ tòiseachadh na Litreach le ùrnaigh! Ach chan e ùrnaigh àbhaisteach a tha innte. Seo beagan a bharrachd dhith: Beannaich ... a’ bhò bhàn, am bainne agus na caoraich. Beannaich ... na h-eich, na cairtean, na crainn agus na cliathan, an coirc, an t-eòrna, am buntàta, an teine ...

ʼS e seo an ùrnaigh aig Fearchar a’ Ghunna. Bhuineadh Fearchar do Shrath Chonain faisg air Inbhir Pheofharain. Rugadh e ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a ceithir (1784). ʼS e falbhanach a bha ann. Bheir sinn sùil air a bheatha an-ath-sheachdain. Ach tha mi airson tuilleadh dhen ùrnaigh a thoirt dhuibh.

Beannaich na craobhan, am feur agus mòine, an conasg, am fraoch, an raineach agus an t-aiteann. Beannaich mar an ceudna, a Thrianaid, na gunnachan, am fùdar agus luaidhe, na ròcaisean, na pioghaidean, cearcan-fraoich, maighich agus coineanan. Beannaich mar an ceudna na fèidh, na h-earban, na lachan fiadhaich agus callaidh, na geòidh, na faoileannan, na coin agus na cait, na luchan, radannan agus famhan. Beannaich an t-iasg anns a’ mhuir, loch, abhainn agus sruth, ach beannaich gu h-àraidh an sgadan mòr math a tha sinn a’ faighinn leis a’ bhuntàta.

Abair liosta! ʼS e ainm na h-ùrnaigh seo Ùrnaigh na Creubhaig. ʼS e ainm car annasach a tha ann. Mar as trice, bidh am facal creubhag a’ riochdachadh boireannach beag, seach fear beag. Co-dhiù, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh deireadh na h-ùrnaigh:

Agus beannaich, a Thrianaid Bheannaichte, na pìoban tombaca, cruaidh agus clachan spor, cnàmhan, itean, luideagan, iuchraichean agus iarann. Beannaich mar an ceudna am fiodh, cainb, cotain agus tì ʼs siùcar, ged nach eil cuibhreann Fhearchair bhochd dhiubh ach beag. Beannaich a h-uile nì, a Thrianaid Bheannaichte, oir chruthaich Thusa, Thu Fhèin iad uile. Amen.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 992

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile