ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

632: Camerons of Callert 632: Camshronaich Challaird

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Camshronaich Challaird

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an Loch Abar an t-seachdain sa chaidh. Bha mi ann an Lunn Dà Bhrà, deas air a’ Ghearasdan. Sin far a bheil mi fhathast an t-seachdain seo.

Air cladach a tuath Loch Lìobhainn, tha Callaird. Tha taigh mòr ann air a bheil Taigh Challaird no Callert House. Gu siar air sin, faisg air an Omhanaich, tha Cùil Cheanna. Tha taigh mòr an sin cuideachd, air a bheil Taigh Chùil Cheanna no Cuilcheanna House.

Tha an dà thaigh sin gu math sean. Bha iad uaireigin le Camshronaich Challaird. Tha mi airson innse dhuibh mu bheul-aithris co-cheangailte ris a’ chinneadh sin. A bharrachd air Callaird agus Cùil Cheanna, bha an taigh mòr aca ann an Lunn Dà Bhrà cuideachd.

Bha e na chleachdadh aig cinn-chinnidh nan Camshronach am mic a chur gu sgoil anns an Fhraing. Bha dithis mhac dligheach aig uachdaran Lunn Dà Bhrà. Ach bha mac dìolain aige cuideachd – fear Aonghas. Cha d’ fhuair esan foghlam anns an Fhraing.

Fhad ʼs a bha an dithis mhac dligheach air falbh, dh’fhàs Aonghas dòchasach gum faigheadh esan an oighreachd an dèidh athar. Latha a bha seo, fhuair an t-uachdaran naidheachd gun robh a dhithis mhac a’ tilleadh bhon Fhraing. Chuir e Aonghas gan iarraidh. Ach bha farmad air Aonghas. Mhuirt e an dithis. Thiodhlaic e an cuirp ann an glac ris an canar Glac nam Marbh.

Tro thìde, fhuair daoine a-mach gur e Aonghas a mhuirt na balaich. Ach cha do chuir an t-uachdaran às an oighreachd e. Cha do dh’fhuiling Aonghas idir. Bha muinntir an àite cinnteach gun tigeadh peanas orra uile uair no uaireigin air sgàth sin.

An dèidh bhliadhnaichean, chaochail an t-uachdaran. Leis nach robh mac dligheach aige, b’ e fear de mhic a bhràthar no a phiuthar a bha na oighre. Bha còignear mhac agus dithis nighean aig an uachdaran ùr. Bha tè de na nigheanan gu math ainmeil. ʼS e Màiri a bha oirre. Leis gun tàinig na Camshronaich à Callaird bho thùs, ʼs e Màiri Challaird a bha aig na daoine oirre. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu Mhàiri anns an ath Litir.

Camerons of Callert

English Beurla

I was in Lochaber last week. I was in Lundavra, south of Fort William. That’s where I still am this week.

On the north shore of Loch Leven is Callert. There is an estate house there called Taigh Challaird or Callert House. West of that, near Onich, is Cuilcheanna. There is an estate house there also, called Taigh Chùil Cheanna or Cuilcheanna House.

Those two houses are very old. They were at one time owned by the Camerons of Callert. I want to tell you about oral tradition connected to that clan. In addition to Callert and Cuilcheanna, they also owned the estate house in Lundavra.

It was the custom for Cameron chiefs to send their sons to school in France. The laird of Lundavra had two legitimate sons. But he also had an illegitimate son – one Angus. He didn’t receive an education in France.

While the two legitimate sons were away, Angus grew hopeful that he would get the estate after his father. One day, the laird got news that his two sons were returning from France. He sent Angus to pick them up. But Angus was jealous. He murdered the pair. .He buried the bodies in a hollow called ‘the hollow of the dead’.

Eventually, people found out that it was Angus who murdered the boys. But the laird didn’t expel him from the estate. Angus didn’t suffer at all. The local people were certain that they would all be punished sometime on account of that.

After years, the laird died. Because he didn’t have a legitimate son, it was one of his brother’s or daughter’s sons [a nephew] who was the heir. The new laird had five sons and two daughters. One of the daughters was very famous. She was called Mary. Because the Camerons originally came from Callert, people called her Mary of Callert. I’ll tell you more about Mary in the next Litir.

Show English

Camshronaich Challaird

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an Loch Abar an t-seachdain sa chaidh. Bha mi ann an Lunn Dà Bhrà, deas air a’ Ghearasdan. Sin far a bheil mi fhathast an t-seachdain seo.

Air cladach a tuath Loch Lìobhainn, tha Callaird. Tha taigh mòr ann air a bheil Taigh Challaird no Callert House. Gu siar air sin, faisg air an Omhanaich, tha Cùil Cheanna. Tha taigh mòr an sin cuideachd, air a bheil Taigh Chùil Cheanna no Cuilcheanna House.

Tha an dà thaigh sin gu math sean. Bha iad uaireigin le Camshronaich Challaird. Tha mi airson innse dhuibh mu bheul-aithris co-cheangailte ris a’ chinneadh sin. A bharrachd air Callaird agus Cùil Cheanna, bha an taigh mòr aca ann an Lunn Dà Bhrà cuideachd.

Bha e na chleachdadh aig cinn-chinnidh nan Camshronach am mic a chur gu sgoil anns an Fhraing. Bha dithis mhac dligheach aig uachdaran Lunn Dà Bhrà. Ach bha mac dìolain aige cuideachd – fear Aonghas. Cha d’ fhuair esan foghlam anns an Fhraing.

Fhad ʼs a bha an dithis mhac dligheach air falbh, dh’fhàs Aonghas dòchasach gum faigheadh esan an oighreachd an dèidh athar. Latha a bha seo, fhuair an t-uachdaran naidheachd gun robh a dhithis mhac a’ tilleadh bhon Fhraing. Chuir e Aonghas gan iarraidh. Ach bha farmad air Aonghas. Mhuirt e an dithis. Thiodhlaic e an cuirp ann an glac ris an canar Glac nam Marbh.

Tro thìde, fhuair daoine a-mach gur e Aonghas a mhuirt na balaich. Ach cha do chuir an t-uachdaran às an oighreachd e. Cha do dh’fhuiling Aonghas idir. Bha muinntir an àite cinnteach gun tigeadh peanas orra uile uair no uaireigin air sgàth sin.

An dèidh bhliadhnaichean, chaochail an t-uachdaran. Leis nach robh mac dligheach aige, b’ e fear de mhic a bhràthar no a phiuthar a bha na oighre. Bha còignear mhac agus dithis nighean aig an uachdaran ùr. Bha tè de na nigheanan gu math ainmeil. ʼS e Màiri a bha oirre. Leis gun tàinig na Camshronaich à Callaird bho thùs, ʼs e Màiri Challaird a bha aig na daoine oirre. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu Mhàiri anns an ath Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 936

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile