menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

Norman the Sailor - Part 1 (Litir Bheag 447) Tormod an t-Seòladair - Pàirt 1 (Litir Bheag 447)

Norman the Sailor - Part 1 Tormod an t-Seòladair - Pàirt 1

I was telling you stories from the west side of Lewis. A local man left us accounts of those stories. This man was famous for various reasons. I want to tell you about him.

Dr Norman Morrison was born in Shawbost. The people of Shawbost know him as Tormod an t-Seòladair. He had a strange pastime. He kept snakes.

Most of us have a fear of snakes. The adder that belongs to Scotland – it’s poisonous. But Tormod an t-Seòladair really liked snakes. There are photographs of Norman and adders. They are in his hands and around his head. One of them is crawling over his ear. Norman was not at all afraid.

Norman was born in Shawbost in 1869. He was the eldest of nine children. His father was a fisherman and crofter. Norman tells us in his autobiography ‘My Story’ that his mother had not had any English education but that she was a Gaelic scholar. She received her education before the Education Act wreaked damage on the state of Gaelic.

Norman received an education in the school in the village. He enjoyed the school. But he was exceptionally pleased when he got work on an uncle’s fishing boat. He was fifteen years of age.

They were fishing with the long lines. Norman enjoyed the fishing. He enjoyed the maritime scenery. But he suffered terrible seasickness. He never got over that. And thus he didn’t continue as a fisherman. At the age of nineteen, he went to Glasgow. He wanted to be a policeman.

Glasgow was different to Shawbost. Norman was amazed at how some of the city folk would behave on Saturday nights. They were drunk. They were fighting. A gang attacked Norman. He suffered a stabbing with a knife. It was a pity for him that he had not yet begun to carry a snake in his pocket, as he was going to do in the years ahead.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Tormod an t-Seòladair - Pàirt 1 (Litir Bheag 447)

Norman the Sailor - Part 1

Bha mi ag innse dhuibh stòiridhean à taobh siar Leòdhais. Dh’fhàg fear às an àite cunntasan againn de na stòiridhean sin. Bha am fear seo ainmeil air diofar adhbharan. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.

Rugadh an t-Ollamh Tormod MacIlleMhoire ann an Siabost. Tha muinntir Shiaboist eòlach air mar Tormod an t-Seòladair. Bha cur-seachad iongantach aige. Bha e a’ cumail nathraichean.

Tha a’ chuid as motha againn eagallach ro nathraichean. Tha an nathair-nimhe a bhuineas do dh’Alba .. uill… nimhe no puinnseanta. Ach bha Tormod an t-Seòladair cianail measail air nathraichean. Tha dealbhan-camara ann de Thormod agus nathraichean-nimhe. Tha iad na làmhan agus timcheall a chinn. Tha tè dhiubh a’ snàgadh thairis air a’ chluais. Cha robh eagal sam bith air Tormod.

Rugadh Tormod ann an Siabost ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a naoi (1869). B’ esan an neach a bu shine de naoinear cloinne. Bha athair na iasgair agus na chroitear. Tha Tormod ag innse dhuinn anns an fhèin-eachdraidh aige ‘My Story’ nach robh a mhàthair air foghlam Beurla fhaighinn ach gur e sgoilear Gàidhlig a bha innte. Fhuair i sgoil mus do rinn Achd an Fhoghlaim sgrios air suidheachadh na Gàidhlig.

Fhuair Tormod foghlam anns an sgoil anns a’ bhaile. Chòrd an sgoil ris. Ach bha e anabarrach toilichte nuair a fhuair e obair air a’ bhàt’-iasgaich aig uncail. Bha e còig bliadhn’ deug a dh’aois.

Bha iad ag iasgach leis na lìn-mhòra. Chòrd an t-iasgach ri Tormod. Chòrd seallaidhean na mara ris. Ach dh’fhuiling e gu mòr le cur-na-mara. Cha d’ fhuair e thairis air sin riamh. Agus, mar sin, cha do lean e le obair mar iasgair. Aig aois naoi-deug, chaidh e a Ghlaschu. Bha e airson a bhith na phoileas.

Bha Glaschu eadar-dhealaichte bho Shiabost. Chuir e iongnadh air Tormod mar a bha cuid de mhuinntir a’ bhaile gan giùlan fhèin air oidhche Shathairne. Bha an daorach orra. Bha iad a’ sabaid. Thug gràisg ionnsaigh air Tormod. Dh’fhuiling e sàthadh le sgian. Bha e duilich dha nach robh e air tòiseachadh fhathast le bhith a’ giùlan nathair na phòcaid, mar a bha e a’ dol a dhèanamh anns na bliadhnaichean air thoiseach air.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 751

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word