ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

360: Lisbon Earthquake - Part 2 360: Crith-thalmhainn Lisbon- Pàirt 1

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Crith-thalmhainn Lisbon- Pàirt 1

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ coimhead air seann phàipearan-naidheachd an latha eile. Bha iad air an eadar-lìon. Chunnaic mi seo bhon Derby Mercury anns an t-Samhain, seachd ceud deug, caogad ’s a còig (1755). Bha an aithris à Amsterdam: “Last Saturday about Eleven in the Forenoon, the Air being quite calm, the Water in our Canals was all of a sudden so violently agitated, that several Boats broke loose. [It] is supposed to have been occasioned by a Shock of an Earthquake; but no Person observed the Ground or any House to shake.”

Bha an aithris inntinneach dhomh. An oidhche roimhe, bha mi aig òraid mu chrithean-talmhainn ann an Inbhir Nis. Thàinig ceist am bàrr – an tug a’ Chrith-thalmhainn Mhòr ann an Lisbon, ann an seachd ceud deug, caogad ’s a còig (1755), buaidh air Inbhir Nis?” Thuirt an t-òraidiche nach robh aithris ann mu bhuaidh air Inbhir Nis. Ach bha aithrisean ann mu thuinn mhòra ann an Loch Nis. B’ e sin an aon chrith a thug buaidh air an uisge ann an canàlaichean Amsterdam.

Thug mi sùil tro na pàipearan-naidheachd. Cha do lorg mi aithris mu Loch Nis. Ach lorg mi aithris mu Loch Laomainn: “Loch Lomond was agitated in a very surprising Manner on the first [of November].”

Bha tsunami ann an Èirinn. Mar eisimpleir, bha sgrios ann an Ceann Sáile. Chaidh bàtaichean a chur fodha. Chaidh cuid eile a chur air tìr. Seo a-rithist an Derby Mercury: “The sudden and surprizing Fluxes and Refluxes of the Sea continued from Three o’Clock in the Afternoon until Ten at Night…. the Waters rose six or seven feet in a Minute, and as suddenly subsided.”

Thachair Crith-thalmhainn Mhòr Lisbon air a’ chiad latha dhen t-Samhain, seachd ceud deug, caogad ’s a còig (1755). Rinn i sgrios air prìomh bhaile Phortagail. Chaidh na mìltean de dhaoine a mharbhadh.

Nuair a thòisich a’ chrith, rinn an sluagh air a’ chala. Bha iad a’ smaoineachadh gun robh iad sàbhailte an sin. Ach cha robh. Thàinig tsunami ceathrad mionaid an dèidh na crith. Bha mòran de na daoine air an sguabadh air falbh.

Tha e coltach gun do dh’adhbharaich a’ chrith seiche ann an Loch Nis. Tillidh mi don fhacal sin – seiche –an-ath-sheachdain.

Lisbon Earthquake - Part 2

English Beurla

I was looking at old newspapers the other day. They were on the internet. I saw this from the Derby Mercury in November 1755. The report was from Amsterdam: “Last Saturday about Eleven in the Forenoon, the Air being quite calm, the Water in our Canals was all of a sudden so violently agitated, that several Boats broke loose. [It] is supposed to have been occasioned by a Shock of an Earthquake; but no Person observed the Ground or any House to shake.”

The report was interesting to me. The previous night, I was at a lecture about earthquakes in Inverness. A question arose – did the Great Lisbon Earthquake in 1755 have an effect on Inverness. The lecturer said that there was no report of an effect on Inverness. But there were reports of great waves on Loch Ness. That was the same quake that affected the water in Amsterdam’s canals.

I looked through the newspapers. I didn’t find a report about Loch Ness. But I found a report about Loch Lomond: “Loch Lomond was agitated in a very surprising Manner on the first [of November].”

There was a tsunami in Ireland. For example, there was extensive damage in Kinsale. Boats were sunk. Some others were thrown onto the land. Here again is the Derby Mercury: “The sudden and surprizing Fluxes and Refluxes of the Sea continued from Three o’Clock in the Afternoon until Ten at Night…. the Waters rose six or seven feet in a Minute, and as suddenly subsided.”

The Great Lisbon Earthquake happened on the first of November in 1755. It destroyed Portugal’s capital city. Thousands of people were killed.

When the quake began, the people made for the harbour. They were thinking they were safe there. But they were not. A tsunami came forty minutes after the quake. Many of the people were swept away.

It appears that the quake caused a seiche in Loch Ness. I’ll return to that word – seiche – next week.

Show English

Crith-thalmhainn Lisbon- Pàirt 1

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ coimhead air seann phàipearan-naidheachd an latha eile. Bha iad air an eadar-lìon. Chunnaic mi seo bhon Derby Mercury anns an t-Samhain, seachd ceud deug, caogad ’s a còig (1755). Bha an aithris à Amsterdam: “Last Saturday about Eleven in the Forenoon, the Air being quite calm, the Water in our Canals was all of a sudden so violently agitated, that several Boats broke loose. [It] is supposed to have been occasioned by a Shock of an Earthquake; but no Person observed the Ground or any House to shake.”

Bha an aithris inntinneach dhomh. An oidhche roimhe, bha mi aig òraid mu chrithean-talmhainn ann an Inbhir Nis. Thàinig ceist am bàrr – an tug a’ Chrith-thalmhainn Mhòr ann an Lisbon, ann an seachd ceud deug, caogad ’s a còig (1755), buaidh air Inbhir Nis?” Thuirt an t-òraidiche nach robh aithris ann mu bhuaidh air Inbhir Nis. Ach bha aithrisean ann mu thuinn mhòra ann an Loch Nis. B’ e sin an aon chrith a thug buaidh air an uisge ann an canàlaichean Amsterdam.

Thug mi sùil tro na pàipearan-naidheachd. Cha do lorg mi aithris mu Loch Nis. Ach lorg mi aithris mu Loch Laomainn: “Loch Lomond was agitated in a very surprising Manner on the first [of November].”

Bha tsunami ann an Èirinn. Mar eisimpleir, bha sgrios ann an Ceann Sáile. Chaidh bàtaichean a chur fodha. Chaidh cuid eile a chur air tìr. Seo a-rithist an Derby Mercury: “The sudden and surprizing Fluxes and Refluxes of the Sea continued from Three o’Clock in the Afternoon until Ten at Night…. the Waters rose six or seven feet in a Minute, and as suddenly subsided.”

Thachair Crith-thalmhainn Mhòr Lisbon air a’ chiad latha dhen t-Samhain, seachd ceud deug, caogad ’s a còig (1755). Rinn i sgrios air prìomh bhaile Phortagail. Chaidh na mìltean de dhaoine a mharbhadh.

Nuair a thòisich a’ chrith, rinn an sluagh air a’ chala. Bha iad a’ smaoineachadh gun robh iad sàbhailte an sin. Ach cha robh. Thàinig tsunami ceathrad mionaid an dèidh na crith. Bha mòran de na daoine air an sguabadh air falbh.

Tha e coltach gun do dh’adhbharaich a’ chrith seiche ann an Loch Nis. Tillidh mi don fhacal sin – seiche –an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 664

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile