ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

315: George Gunn 315: Seòras Gunnach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Seòras Gunnach

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun Bhràisteach Mhòr, Seòras Gunnach. B’ esan ceann-cinnidh nan Gunnach. Dh’inns mi mar a chaidh e fhèin agus seachdnar mhac aige a mharbhadh. Bha sin ann an còmhrag le Clann Chèith Ackergill. Ghoid na Cèithich a’ bhràiste ainmeil agus claidheamh bho chorp a’ Bhràistich Mhòir.

Thèich an còignear mhac eile aig a’ Bhràisteach Mhòr. Bha fear dhiubh, Eanraig, feargach. Gheall e dìoghaltas fhaighinn. Bha e ag iarraidh a’ bhràist agus an claidheamh fhaighinn air ais. Cha robh na bràithrean aontaichte, ge-tà. Dhiùlt am fear a bu shine, Seumas, a dhol leis. Ach dh’fhalbh Eanraig agus dithis eile.

Lorg iad na Cèithich aig Caisteal Dhirlot ann am meadhan Ghallaibh (tha dìreach tobhta ann an-diugh). Dh’fhàg Eanraig a dhithis bhràithrean aig an doras. Chaidh e fhèin gu uinneag. Bha an uinneag fosgailte. Bha an ceann-cinnidh na shuidhe am broinn an t-seòmair. Leig Eanraig saighead dha ionnsaigh. Mharbh an t-saighead e. “Iomacharag a’ Ghunnaich gu Cèith,” dh’èigh Eanraig – “Gunn’s compliments to Keith.”

Leum na Cèithich don casan. Ruith iad chun an dorais. Ach bha na Gunnaich a’ feitheamh riutha. Fear an dèidh fir, chuir iad gu bàs iad. Fhuair Eanraig a-steach don chaisteal. Fhuair e grèim air a’ bhràist agus claidheamh aig athair. Theich e leotha.

Choinnich an còignear bhràithrean a-rithist. Thuirt Seumas gun robh e ag iarraidh na bràiste agus a’ chlaidheimh, oir b’ esan am fear a bu shine. Ach bha Eanraig mì-thoilichte. Cha robh Seumas air a bhith deònach sabaid air an son. Chaidh Eanraig is Seumas a-mach air a chèile. Dh’fhalbh Eanraig a dh’fhuireach ann an Gallaibh.

Bho sin a-mach, dhiùlt Eanraig “Gunnach” a ghabhail air fhèin no air a shliochd. ’S ann bhuaithesan a thàinig na Hendersons ann an Gallaibh, a rèir beul aithris. ’S e “Cheannraigich” a bha orra ann an Gàidhlig.

Dh’fhuirich Seumas ann an Ceann a’ Bhràist. Ach dè thachair don bhràiste ainmeil? Chan eil fhios a’m.

George Gunn

English Beurla

I was telling you about the Bràisteach Mòr, George Gunn. He was the clan chief of the Gunns. I told how he and seven of his sons were killed. That was in combat with the Keiths of Ackergill. The Keiths stole the famous brooch and a sword from the Bràisteach Mòr’s body.

The Bràisteach Mòr’s other five sons fled. One of them, Henry, was angry. He vowed revenge. He was wanting to get the brooch and sword back. The brothers were not united, however. The eldest one, James, refused to go with him. But Henry left with two others.

They found the Keiths at Dirlot Castle in central Caithness (there is just a ruin there today). Henry left his two brothers at the door. He himself went to a window. The window was open. The clan chief was sitting inside the room. Henry let an arrow fly towards him. The arrow killed him. “Gunn’s compliments to Keith,” Henry shouted.

The Keiths jumped to their feet. They ran to the door. But the Gunns were waiting for them. Man after man, they put them to death. Henry got into the castle. He got hold of his father’s brooch and sword. He fled with them.

The five brothers met again. James said he was wanting the brooch and the sword, because he was the eldest. But Henry was unhappy. James had not been willing to fight for them. Henry and James fell out with each other. Henry went to live in Caithness.

From that time, Henry refused to call himself or any of his descendants by the name “Gunn”. It’s from him that the Hendersons in Caithness arose, according to oral tradition. They were called “Cheannraigich” in Gaelic.

James stayed in Kinbrace. But what happened to the famous brooch? I’ve no idea.

Show English

Seòras Gunnach

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun Bhràisteach Mhòr, Seòras Gunnach. B’ esan ceann-cinnidh nan Gunnach. Dh’inns mi mar a chaidh e fhèin agus seachdnar mhac aige a mharbhadh. Bha sin ann an còmhrag le Clann Chèith Ackergill. Ghoid na Cèithich a’ bhràiste ainmeil agus claidheamh bho chorp a’ Bhràistich Mhòir.

Thèich an còignear mhac eile aig a’ Bhràisteach Mhòr. Bha fear dhiubh, Eanraig, feargach. Gheall e dìoghaltas fhaighinn. Bha e ag iarraidh a’ bhràist agus an claidheamh fhaighinn air ais. Cha robh na bràithrean aontaichte, ge-tà. Dhiùlt am fear a bu shine, Seumas, a dhol leis. Ach dh’fhalbh Eanraig agus dithis eile.

Lorg iad na Cèithich aig Caisteal Dhirlot ann am meadhan Ghallaibh (tha dìreach tobhta ann an-diugh). Dh’fhàg Eanraig a dhithis bhràithrean aig an doras. Chaidh e fhèin gu uinneag. Bha an uinneag fosgailte. Bha an ceann-cinnidh na shuidhe am broinn an t-seòmair. Leig Eanraig saighead dha ionnsaigh. Mharbh an t-saighead e. “Iomacharag a’ Ghunnaich gu Cèith,” dh’èigh Eanraig – “Gunn’s compliments to Keith.”

Leum na Cèithich don casan. Ruith iad chun an dorais. Ach bha na Gunnaich a’ feitheamh riutha. Fear an dèidh fir, chuir iad gu bàs iad. Fhuair Eanraig a-steach don chaisteal. Fhuair e grèim air a’ bhràist agus claidheamh aig athair. Theich e leotha.

Choinnich an còignear bhràithrean a-rithist. Thuirt Seumas gun robh e ag iarraidh na bràiste agus a’ chlaidheimh, oir b’ esan am fear a bu shine. Ach bha Eanraig mì-thoilichte. Cha robh Seumas air a bhith deònach sabaid air an son. Chaidh Eanraig is Seumas a-mach air a chèile. Dh’fhalbh Eanraig a dh’fhuireach ann an Gallaibh.

Bho sin a-mach, dhiùlt Eanraig “Gunnach” a ghabhail air fhèin no air a shliochd. ’S ann bhuaithesan a thàinig na Hendersons ann an Gallaibh, a rèir beul aithris. ’S e “Cheannraigich” a bha orra ann an Gàidhlig.

Dh’fhuirich Seumas ann an Ceann a’ Bhràist. Ach dè thachair don bhràiste ainmeil? Chan eil fhios a’m.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 619

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile