ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

730: The Six Wee Bannocks (2) 730: Na Sia Bonnaich Bheaga (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Na Sia Bonnaich Bheaga (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh na sgeulachd ‘Na Sia Bonnaich Bheaga’. Bha am famhair na chadal. Rinn a nighean sia bonnaich bheaga. Chuir i fear ri taobh an teine agus fear aig uisge nan cas. Chuir i fear aig doras an t-seòmair agus fear aig doras a’ chidsin. Chuir i fear ri taobh na leapa agus fear aig a’ bhobhstair. Theich i fhèin agus an gille.

Dhùisg am famhair. ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’ ghlaodh e.

‘Tha mi a’ smàladh an teine,’ thuirt am bonnach beag aig an teine.

Chaidil am famhair a-rithist. Dhùisg e is thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ glanadh mo chasan,’ ars am bonnach ri taobh uisge nan cas.

‘Tha mi a’ fosgladh an dorais,’ ars am bonnach aig doras an t-seòmair.

Nuair a dhùisg am famhair a-rithist, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe?’

‘Tha mi a’ glasadh an dorais a-muigh,’ thuirt am bonnach aig doras a’ chidsin.

Thachair an aon rud a-rithist. ‘Tha mi a’ cur dhìom m’ aodaich,’ ars am bonnach ri taobh na leapa.

Agus a-rithist. ‘Tha mi a’ togail m’ aodaich-oidhche,’ ars am bonnach aig a’ bhobhstair.

An ath thuras a dhùisg am famhair, cha d’ fhuair e freagairt. Dh’èirich e agus dh’fhalbh e.

Chuala an nighean am famhair. Bha e a’ tighinn faisg. Bha laigse aige. Bha ball-dòrain air. Thog an nighean ubhal òir. Dh’amais i air a bhall-dhòrain e. Thuit am famhair marbh.

Bha an nighean agus an gille faisg air baile mòr. ‘Ma bheir thu pòg do bheathach no duine anns a’ bhaile,’ thuirt i, ‘cha bhi cuimhn’ agad gun robh mo leithid ann.’

Nuair a ràinig an gille am baile, bha cù ann. Thug an cù pòg dha. Dhìochuimhnich an gille nighean an fhamhair. Fhuair e obair ann an taigh an rìgh. Ghabh nighean an rìgh gaol air. Bha iad a’ dol a phòsadh.

Bha nighean an fhamhair a’ coimhead airson obair is àite-fuirich. Fhuair i obair aig gobha. Agus bheir mi an stòiridh gu crìch an-ath-sheachdain.

The Six Wee Bannocks (2)

English Beurla

I was telling you the story ‘The Six Wee Bannocks’. The giant was asleep. His daughter made six wee bannocks. She put one beside the fire and one at the foot-water. She put one at the bedroom door and one at the kitchen door. She put one beside the bed and one at the mattress. She and the lad fled.

The giant woke. ‘Are you going to bed, daughter?’ he called.

‘I’m smooring the fire,’ said the wee bannock by the fire.

The giant slept again. He woke and he said, ‘Are you going to bed, daughter?’

‘I’m cleaning my feet,’ said the bannock by the foot-water.

The giant slept again. He woke and he said, ‘Are you going to bed, daughter?’

‘I’m opening the door,’ said the bannock at the bedroom door.

When the giant woke again, he said, ‘Are you going to bed?’

‘I’m locking the outside door,’ said the bannock at the kitchen door.

The same thing happened again. ‘I’m taking my clothes off,’ said the bannock beside the bed.

And again. ‘I’m picking up my night-clothes,’ said the bannock at the mattress.

The next time the giant woke, he didn’t receive a reply. He rose and left.

The daughter heard the giant. He was coming close. He had a weakness. He had a mole. The daughter picked up a golden apple. She aimed it at his mole. The giant fell dead.

The daughter and the lad were close to a big town. ‘If you kiss an animal or person in the town,’ she said, ‘you won’t remember that the likes of me existed.’

When the lad reached the town, there was a dog there. The dog gave him a kiss. The lad forgot the giant’s daughter. He got work in the king’s house. The daughter of the king fell in love with him. They were going to marry.

The giant’s daughter was looking for a work and lodgings. She got work with a blacksmith. And I’ll conclude the story next week.

Show English

Na Sia Bonnaich Bheaga (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh na sgeulachd ‘Na Sia Bonnaich Bheaga’. Bha am famhair na chadal. Rinn a nighean sia bonnaich bheaga. Chuir i fear ri taobh an teine agus fear aig uisge nan cas. Chuir i fear aig doras an t-seòmair agus fear aig doras a’ chidsin. Chuir i fear ri taobh na leapa agus fear aig a’ bhobhstair. Theich i fhèin agus an gille.

Dhùisg am famhair. ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’ ghlaodh e.

‘Tha mi a’ smàladh an teine,’ thuirt am bonnach beag aig an teine.

Chaidil am famhair a-rithist. Dhùisg e is thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ glanadh mo chasan,’ ars am bonnach ri taobh uisge nan cas.

Chaidil am famhair a-rithist. Dhùisg e is thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ fosgladh an dorais,’ ars am bonnach aig doras an t-seòmair.

Nuair a dhùisg am famhair a-rithist, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe?’

‘Tha mi a’ glasadh an dorais a-muigh,’ thuirt am bonnach aig doras a’ chidsin.

Thachair an aon rud a-rithist. ‘Tha mi a’ cur dhìom m’ aodaich,’ ars am bonnach ri taobh na leapa.

Agus a-rithist. ‘Tha mi a’ togail m’ aodaich-oidhche,’ ars am bonnach aig a’ bhobhstair.

An ath thuras a dhùisg am famhair, cha d’ fhuair e freagairt. Dh’èirich e agus dh’fhalbh e.

Chuala an nighean am famhair. Bha e a’ tighinn faisg. Bha laigse aige. Bha ball-dòrain air. Thog an nighean ubhal òir. Dh’amais i air a bhall-dhòrain e. Thuit am famhair marbh.

Bha an nighean agus an gille faisg air baile mòr. ‘Ma bheir thu pòg do bheathach no duine anns a’ bhaile,’ thuirt i, ‘cha bhi cuimhn’ agad gun robh mo leithid ann.’

Nuair a ràinig an gille am baile, bha cù ann. Thug an cù pòg dha. Dhìochuimhnich an gille nighean an fhamhair. Fhuair e obair ann an taigh an rìgh. Ghabh nighean an rìgh gaol air. Bha iad a’ dol a phòsadh.

Bha nighean an fhamhair a’ coimhead airson obair is àite-fuirich. Fhuair i obair aig gobha. Agus bheir mi an stòiridh gu crìch an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1034

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile