menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

People Daoine

Search Lorg

Rev. Donald MacCallum (Litir Bheag 467) An t-Urr. Dòmhnall MacCaluim (Litir Bheag 467)

Rev. Donald MacCallum An t-Urr. Dòmhnall MacCaluim

I was telling you about the Rev. Donald MacCallum. He stood shoulder-to-shoulder with the crofters at the time of the land struggle. When he moved to Vaternish on the Isle of Skye he became renowned.

His congregation on the Sabbath was very small. He was in the Church of Scotland. Most of the area’s people were in the Free Church.

Through the week, however, many people were coming to listen to him. He was giving lectures on the evil[s] of landlordism. In May 1884, he spoke in front of a large meeting of crofters at the Fairy Bridge. Màiri Mhòr nan Òran was present. She praised MacCallum in her poetry.

Donald spoke a lot about God’s work. He had a Christian viewpoint on the issue of the land. The governors of the Church were not happy with him, however. The Presbytery severely censured him. They said he was inciting crofters to violence. But MacCallum continued. The police came to his manse. The minister spent a weekend in a police cell in Portree.

Donald Meek delivered an interesting paper at a conference in Lewis a year a half ago. He compared MacCallum’s situation to ‘liberation theology’. That was the campaign that arose in Latin America in the [the seventies of the last century [1970s].

Catholic priests were defending the people who were suffering from poverty. They were using the scriptures to ‘prove’ that they were doing God’s will. But the Church’s hierarchy severely criticized them. Among those leaders was Cardinal Joseph Ratzinger. He rose to become the Pope. Meek says that the Skye Presbytery of the Church of Scotland dealt with Donald MacCallum in a similar manner.

MacCallum moved to a new congregation in Tiree. He wasn’t there long but the islanders erected a monument to him. They were sorry he was leaving. And he was going to another place where there was a great controversy about the land question. This hero’s life story will continue next week.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

An t-Urr. Dòmhnall MacCaluim (Litir Bheag 467)

Rev. Donald MacCallum

Bha mi ag innse dhuibh mun Urramach Dòmhnall MacCaluim. Sheas e an guaillibh nan croitearan aig àm strì an fhearainn. Nuair a ghluais e gu Bhatairnis anns an Eilean Sgitheanach dh’fhàs e iomraiteach.

Bha an coitheanal aige air an t-Sàbaid gu math beag. Bha esan ann an Eaglais na h-Alba. Bha a’ mhòr-chuid de mhuinntir na sgìre anns an Eaglais Shaoir.

Tron t-seachdain, ge-tà, bha mòran a’ tighinn a dh’èisteachd ris. Bha e a’ toirt òraidean air olc na h-uachdranachd. Anns a’ Chèitean ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884), bhruidhinn e air beulaibh coinneamh mhòr de chroitearan aig Beul Atha nan Trì Allt. Bha Màiri Mhòr nan Òran an làthair. Mhol i MacCaluim na bàrdachd.

Bhruidhinn Dòmhnall gu mòr mu obair Dhè. ’S e sealladh Crìosdail a bha aige air ceist an fhearainn. Cha robh luchd-stiùiridh na h-Eaglaise toilichte leis, ge-tà. Chronaich a’ Chlèir gu dubh e. Thuirt iad gun robh e a’ brosnachadh chroitearan gu fòirneart. Ach lean MacCaluim air. Thàinig na poilis don mhansa aige. Chuir am ministear seachad deireadh-sheachdain ann an cealla-poilis ann am Port Rìgh.

Lìbhrig Dòmhnall Meek pàipear inntinneach aig co-labhairt ann an Leòdhas o chionn bliadhna gu leth. Rinn e coimeas eadar suidheachadh MhicCaluim agus ‘diadhachd na saorsa’. B’ e sin an iomairt a dh’èirich ann an Ameireagaidh Laidinneach anns na seachdadan dhen linn a dh’fhalbh.

Bha sagartan Caitligeach a’ dìon an t-sluaigh a bha a’ fulang bochdainn. Bha iad a’ cleachdadh nan sgriobtaran airson ‘dearbhadh’ gun robh iad a’ dèanamh toil Dhè. Ach chàin àrd-urrachan na h-Eaglaise gu dubh iad. Am measg nan àrd-urrachan sin, bha an Càrdanal Iosaph Ratzinger. Dh’èirich esan gu bhith na Phàp. Tha Meek ag ràdh gun do dhèilig Clèir an Eilein Sgitheanaich de dh’Eaglais na h-Alba ri Dòmhnall MacCaluim ann an dòigh choltach.

Ghluais MacCaluim gu coitheanal ùr ann an Tiriodh. Cha robh e ann fada ach chuir muinntir an eilein carragh-cuimhne an-àirde dha. Bha iad duilich gun robh e a’ falbh. Agus bha e a’ falbh gu àite eile far an robh connspaid mhòr timcheall ceist an fhearainn. Bidh eachdraidh-beatha a’ ghaisgich seo a’ leantainn an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 771

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word