ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

486: The Most Fragrant Plant 486: An Lus as Cùbhraidhe

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An Lus as Cùbhraidhe

Gaelic Gàidhlig

A bheil lus ann as toigh leat gu mòr leis gu bheil fàileadh sònraichte air? O chionn fhada, nuair a bha mi a’ fuireach ann an Tasmania, chòrd an lemon-scented boronia rium. Bha fàileadh mar liomaid air. Gach turas a bhios mi a’ tilleadh a Thasmania, bidh mi a’ coimhead airson an luis sin. Tha e a’ toirt làithean brèagha anns na beanntan gu mo chuimhne.

Dè mu dheidhinn flùraichean Albannach? An do thagh sibh fhèin fear fhathast? Chan eil an ròs no lus na tùise a’ cunntadh, no rud sam bith eile a dh’fhàsas a-mhàin anns an leas. Dìreach lusan dùthchasach.

Seo agaibh na trì a bu mhotha a chòrd rium as t-samhradh am-bliadhna. Anns a’ chiad dol a-mach, bha an roid no bog myrtle. Sin preas a dh’fhàsas air a’ mhòintich. Tha fàileadh car geur air. Bidh e a’ fosgladh do chuinneanan. Bhiodh na seann daoine a’ cur nan duilleag ann am bobhstairean. Bha sin airson deargannan a chumail far na leapa. Tha cuid dhen bheachd gun cuir e fuath air meanbh-chuileagan.

’S e an dàrna lus agam – meannt an uisge. Tha e a’ coimhead brèagha. Tha duilleagan dorch-uaine air, agus flùraichean beaga purpaidh faisg air mullach nan gasan. Abair am fàileadh a gheibh thu nuair a phronnas tu na duilleagan. Agus nithear tì bhlasta le bhith a’ goil nan duilleag ann an uisge. Tha e a cheart cho math ri tì-mheannt a gheibh thu anns na bùthan.

Sin agaibh dà lus le fàileadh air na duilleagan. Ach ’s e am fear as fheàrr leam lus le fàileadh cùbhraidh air na dìtheanan. Tha e doirbh tuairisgeul a dhèanamh dhen fhàileadh. Tha mìlseachd an ròis ann. Ach tha rudeigin de ghlainnead na giùthsaich ann cuideachd. Dhèanadh e deagh shiabann.

Tha na flùraichean beag ach pailt, le dath an uachdair orra, agus bidh iad ann eadar an t-Iuchar agus an Lùnastal. Tha e a’ fàs ann an lèanan agus pàircean fliucha. Tha e cumanta ann an cuid de bhailtean croitearachd. Dè tha ann? Crios Chù Chulainn no meadowsweet. Lus le dualchas sònraichte do na Gàidheil agus fàileadh air leth.

The Most Fragrant Plant

English Beurla

Is there a plant you really like because it has a special fragrance? A long time ago, when I was living in Tasmania, I liked [smelling] the lemon-scented boronia. It had a smell like a lemon. Every time I return to Tasmania, I go looking for that plant. It brings back memories of beautiful days in the mountains.

But what about Scottish flowers? Have you chosen one yet? The rose and lavender don’t count, or anything else that only grows in the garden. Only native plants.

Here are the three I most enjoyed during the summer this year. In the first instance, there was the roid or bog myrtle. That’s a bush that grows on [the] moorland. It has quite a sharp smell. It opens your nostrils. The old people would put the leaves in mattresses. That was to keep the fleas out of the bed. Some people reckon it repels midges.

My second plant is water mint. It looks nice. It has dark gree leaves, and small purple flowers near the end of the stems. What a lovely smell you get when you pound the leaves. And a tasty tea is made by boiling the leaves in water. It’s just as good as [the] mint tea you get in the shops.

That’s two plants with a smell on the leaves. But the one I like best is a plant with nice smelling flowers. It’s hard to describe the small. It has the sweetness of the rose. But there is something of the cleanliness of the pine forest as well. It would make a good soap.

The flowers are small but plentiful, cream-coloured, and they appear between July and August. It grows in damp meadows and wet fields. It’s common in some crofting townships. What is it? Crios Chù Chulainn or meadowsweet. A plant with a special heritage for the Gaels and an amazing fragrance.

Show English

An Lus as Cùbhraidhe

Gaelic Gàidhlig

A bheil lus ann as toigh leat gu mòr leis gu bheil fàileadh sònraichte air? O chionn fhada, nuair a bha mi a’ fuireach ann an Tasmania, chòrd an lemon-scented boronia rium. Bha fàileadh mar liomaid air. Gach turas a bhios mi a’ tilleadh a Thasmania, bidh mi a’ coimhead airson an luis sin. Tha e a’ toirt làithean brèagha anns na beanntan gu mo chuimhne.

Dè mu dheidhinn flùraichean Albannach? An do thagh sibh fhèin fear fhathast? Chan eil an ròs no lus na tùise a’ cunntadh, no rud sam bith eile a dh’fhàsas a-mhàin anns an leas. Dìreach lusan dùthchasach.

Seo agaibh na trì a bu mhotha a chòrd rium as t-samhradh am-bliadhna. Anns a’ chiad dol a-mach, bha an roid no bog myrtle. Sin preas a dh’fhàsas air a’ mhòintich. Tha fàileadh car geur air. Bidh e a’ fosgladh do chuinneanan. Bhiodh na seann daoine a’ cur nan duilleag ann am bobhstairean. Bha sin airson deargannan a chumail far na leapa. Tha cuid dhen bheachd gun cuir e fuath air meanbh-chuileagan.

’S e an dàrna lus agam – meannt an uisge. Tha e a’ coimhead brèagha. Tha duilleagan dorch-uaine air, agus flùraichean beaga purpaidh faisg air mullach nan gasan. Abair am fàileadh a gheibh thu nuair a phronnas tu na duilleagan. Agus nithear tì bhlasta le bhith a’ goil nan duilleag ann an uisge. Tha e a cheart cho math ri tì-mheannt a gheibh thu anns na bùthan.

Sin agaibh dà lus le fàileadh air na duilleagan. Ach ’s e am fear as fheàrr leam lus le fàileadh cùbhraidh air na dìtheanan. Tha e doirbh tuairisgeul a dhèanamh dhen fhàileadh. Tha mìlseachd an ròis ann. Ach tha rudeigin de ghlainnead na giùthsaich ann cuideachd. Dhèanadh e deagh shiabann.

Tha na flùraichean beag ach pailt, le dath an uachdair orra, agus bidh iad ann eadar an t-Iuchar agus an Lùnastal. Tha e a’ fàs ann an lèanan agus pàircean fliucha. Tha e cumanta ann an cuid de bhailtean croitearachd. Dè tha ann? Crios Chù Chulainn no meadowsweet. Lus le dualchas sònraichte do na Gàidheil agus fàileadh air leth.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 790

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile