ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

105: Eigg 105: Eige

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Eige

Gaelic Gàidhlig

An ath-mhìos bidh deich bliadhna ann bho cheannaich muinntir Eige an t-eilean aca. Anns an Ògmhios naoi ceud deug, naochad ’s a seachd (1997), fhuair Urras Eige sealbh air an eilean. Roimhe sin bha mòran anns an eilean mì-thoilichte leis na h-uachdarain a bh’ aca.

Bha mi ann an Eige anns na naochadan mar neach-naidheachd. Bha sin as t-samhradh, naoi ceud deug, naochad ’s a ceithir (1994). Bha muinntir an eilein a’ faighinn smachd air Urras Eige air an latha sin. ’S e Urras Eige a’ bhuidheann a bha ag iarraidh an t-eilean a cheannach. Ach cha robh an t-uachdaran ag iarraidh an t-eilean a reic dhaibh.

Rinn mi agallamhan airson Radio nan Gàidheal. Bha sin le seann daoine a bhuineadh don eilean. Ach bha bonaid na Beurla orm cuideachd. Bha mi ann cuideachd as leth Radio Alba – seirbheis rèidio Bheurla a’ BhBC. Bha mi ag iarraidh agallamh a dhèanamh leis an uachdaran, Keith Schellenberg. Choisich mi suas am bruthach don taigh mhòr. Bha Mgr Schellenberg a-staigh.

Cha robh e idir coltach ris an dealbh anns na meadhanan. Bha e uabhasach laghach. Bha e èibhinn. Bha e dòigheil. Uill, bha sin mus tug mi am maicreafòn a-mach.

Chuir mi ceistean air mun choimhearsnachd, agus gun robh iad ag iarraidh an t-eilean a cheannach. Dh’atharraich a shunnd. Dh’fhàs e feargach. Bha e a’ cur sìos air “comannaich” is “comannachas”. Bha droch bheachd aige air uachdranachd phoblach. Bha meas aige air na daoine a bha à Eige bho thùs. Ach cha robh deagh bheachd aige air cuid eile a bha a’ fuireach anns an eilean. Agus cha robh deagh bheachd aig na daoine sin air an uachdaran.

Bha mi a’ smaoineachadh nach robh Keith Schellenberg a’ dol a bhith ann fada. Agus cha robh. Ach chan e Urras Eige a cheannaich an t-eilean. Nochd fear eile às an adhar. Fear air an robh “Maruma”. A bheil cuimhne agaibh air?

Faclan is abairtean: an ath-mhìos: next month; bidh deich bliadhna ann bho cheannaich muinntir Eige an t-eilean aca: ten years will have elapsed since the people bought their island; sealbh: ownership; roimhe sin bha mòran anns an eilean mì-thoilichte leis na h-uachdarain: before that many on the island were unhappy with the landlords; anns na naochadan: in the nineties; smachd: control; a bha ag iarraidh an t-eilean a cheannach: that wanted to buy the island; cha robh an t-uachdaran ag iarraidh an t-eilean a reic dhaibh: the landlord didn’t want to sell the island to them; bha bonaid na Beurla orm: I had the English language hat on; bha mi ag iarraidh agallamh a dhèanamh: I was wanting to do an interview; choisich mi suas am bruthach don taigh mhòr: I walked up the slope to the big [estate] house; coltach ris an dealbh anns na meadhanan: like the picture in the media; uabhasach laghach: very nice; èibhinn: funny; dòigheil: reasonable; mus tug mi am maicreafòn a-mach: before I brought out the microphone; chuir mi ceistean air mun choimhearsnachd: I asked him questions about the community; dh’atharraich a shunnd: his mood changed; feargach: angry; bha e a’ cur sìos air “comannaich” is “comannachas”:he was dismissive of “communists” and “communism”; bha droch bheachd aige air uachdranachd phoblach:he had a poor opinion of public landlordism; bha meas aige air na daoine a bha à Eige bho thùs:he respected the people who belonged to Eigg originally; chan e Urras Eige a cheannaich an t-eilean: it is not the Eigg Trust that bought the island; nochd fear eile às an adhar: another man appeared out of the blue [sky]; fear air an robh “Maruma”: a man called “Maruma”; a bheil cuimhne agaibh air?: do you remember him?.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 409

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile