ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1: Kate Helen 1: Ceit Eilidh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Ceit Eilidh

Gaelic Gàidhlig

Fàilte chrìdheil oirbh uile. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh anns a’ chiad Litir seo mu Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain. ’S e sgrìobhadair a bh’ ann. Rugadh e ann an Geàrrloch. Ach bha e a’ fuireach ùine mhòr ann an Astràilia – ann am Brisbane.

Là a bha seo, bha Iain a’ coiseachd seachad air bùth ann am Brisbane. Anns an uinneig, chunnaic e pàipear-naidheachd à Alba. ’S e an t-ainm a bh’ air The People’s Journal. Ann an Gàidhlig ’s e sin Teachdaire an t-Sluaigh. Teachdaire an t-Sluaigh. Cheannaich Iain e.

Oidhche a bha seo, chaidh Iain gu cèilidh ann am Brisbane. Dh’iarr fear an taighe air a h-uile duine rann no òran a ghabhail, no sgeulachd innse. Cha robh dad mar sin aig Iain ann am Beurla. Bha a h-uile nì mar sin aige ann an Gàidhlig a-mhàin. Thuirt Iain ri fear an taighe nach robh rann no òran aige. Ach cha do ghabh fear an taighe ri sin. Dè bha Iain a’ dol a dhèanamh? Bha a h-uile nì aige ro fhada.

Smaoinich e agus smaoinich e. Mu dheireadh, chuimhnich e air rann bheag. Rudeigin a leugh e ann am pàipear-naidheachd. Dè am pàipear-naidheachd? Seadh – Teachdaire an t-Sluaigh. Seo an rann.

Bha bodach am Baile Obair Pheallaidh

’S a thaigh air a thughadh le bealaidh,

Ach dh’èirich gaoth gheur,

’S bha an tughadh san speur,

’S thuirt a’ chailleach, ‘ho-rè, dèan taigh-geal dheth’!

An do thuig sibh sin? Bha taigh aig bodach. ’S e tughadh a bh’ aige air mullach an taighe. ’S e “taigh dubh” a bh’ ann. Ach cha robh bealaidh math air mullach taighe. Dh’èirich a’ ghaoth. Dh’fhalbh an tughadh. An robh bean a’ bhodaich – “a’ chailleach” – mì-thoilichte? Cha robh! Bha i toilichte! Oir bhiodh mullach ùr aice a-nise. Mullach le sglèatan. Bhiodh “taigh geal” aice an àite taigh dubh. Seo an rann a-rithist:

Bha bodach am Baile Obair Pheallaidh

’S a thaigh air a thughadh le bealaidh,

Ach dh’èirich gaoth gheur,

’S bha an tughadh san speur,

’S thuirt a’ chailleach, ‘ho-rè, dèan taigh-geal dheth’!

Sin agaibh a’ chiad Litir Bheag bhuam. Mar sin leibh an-dràsta.

Faclan is abairtean: tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh: I’m going to tell you; Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain:black (haired) John, son of Donald, son of John; sgrìobhadair: writer; smachd: control; rugadh e ann an Geàrrloch: he was born in Gairloch; bha Iain a’ coiseachd seachad air bùth: John was walking past a shop; cheannaich Iain e: John bought it; oidhche a bha seo: this [particular] night ie “one night”; dh’iarr fear an taighe air a h-uile duine: the MC [lit. man of the house] asked everybody; rann no òran a ghabhail: to recite verse or sing a song; ann an Gàidhlig a-mhàin: only in Gaelic; cha do ghabh X ri sin: X did not accept this; bha a h-uile nì aige ro fhada:everything he knew [had] was too long; rudeigin a leugh e: something he read; bha bodach am Baile Obair Pheallaidh: there was an old man in Aberfeldy; ’s a thaigh air a thughadh le bealaidh: whose house [lit. and his house] was thatched with broom; dh’èirich gaoth gheur: a sharp wind arose; bha an tughadh san speur: the thatch was [blown] in the air; thuirt a’ chailleach ‘ho-rè, dèan taigh-geal dheth’: the old woman said, ‘hooray, make a white house of it’; an do thuig sibh sin?: did you understand that?; mullach an taighe: the roof of the house; taigh dubh: blackhouse (ie traditional thatched house); dh’èirich a’ ghaoth: the wind rose; dh’fhalbh an tughadh: the thatch left [ie was blown away]; bha i toilichte: she was pleased; bhiodh mullach ùr aice: she would have [get] a new roof; sglèatan: slates; a’ chiad: the first; bhuam: from me; mar sin leibh an-dràsta: cheerio just now.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 306

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile