ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

91: Heisgeir 91: Heisgeir

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Heisgeir

Gaelic Gàidhlig

Bha sinn ann an Heisgeir an t-seachdain sa chaidh. Tha Heisger gu siar air Uibhist. Bha sluagh ann uaireigin. Air a’ mhap tha dà ainm air na h-eileanan – Heisker or Monach Islands. Thàinig an t-ainm Heisgeir bho na Lochlannaich. Tha Monach a’ tighinn bhon Ghàidhlig Manach. Bha manaich a’ fuireach ann. Bha manachainn air fear de na h-eileanan – Siolaigh.

Bha mnathan-cràbhaidh ann cuideachd. Sin nuns – mnathan-cràbhaidh. ’S e cailleach-dhubh a thuirt daoine ri nun o chionn fhada. Cailleach-dhubh – oir tha aodach dubh orra. Bha iadsan a’ fuireach air an eilean air an taobh sear. ’S e Heisgeir nan Cailleach an t-ainm a bh’ air an eilean sin. Heisgeir nan Cailleach.

Aig aon àm bha mu cheud duine a’ fuireach ann. An uair sin dh’fhalbh a’ chuid a bu mhotha de na daoine. Mean air mhean, thill daoine. Aig deireadh an naoidheamh linn deug, bha ceud is trithead (130) ann.

Bha feadhainn ag obair anns an taigh-sholais. Chaidh taigh-solais a thogail ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Bha an taigh-solais ann an Siolaigh. Bha e gu math àrd. ’S iad na bràithrean Stevenson – Daibhidh agus Tòmas – a thog e. Tha solas beag anns an eilean an-diugh. Ach chan eil an taigh-solais mòr ag obair a-nise.

Thachair tubaist ann sna tritheadan – ann an naoi ceud deug, trithead ’s a sia (1936). Chaill dithis am beatha. Chan e iasgairean no maraichean a bh’ annta. Bha iad ag obair anns an taigh-sholais. Bha trì oifigearan ag obair ann. Thachair an tubaist mar seo.

Dh’fhalbh an dithis ann am bàta airson stuth fhaighinn. Chaidh iad gu fear eile de na h-eileanan. Dh’èirich a’ ghaoth. Bha iad ag iomradh air ais a Shiolaigh. Ach bha a’ mhuir garbh.

Anns an taigh-sholais, chunnaic an t-oifigear eile iad. Bha am bàta aca bun-os-cionn. Bha na daoine air sgeir. Thàinig tonn mòr. Dh’fhalbh an dithis. Chaidh trì seachdainean seachad mus do lorg daoine na cuirp aca. ’S e beatha dhoirbh a bh’ aig na daoine ann an Heisgeir.

Faclan is abairtean: Heisgeir: Heisker or Monach Islands; gu siar air Uibhist: west of Uist; bha sluagh ann uaireigin:there was once a human population; Lochlannaich: Norsemen; bha manaich a’ fuireach ann: monks lived there; manachainn: monastery; Siolaigh: Shillay; mnathan-cràbhaidh: nuns (the singular is bean-chràbhaidh); cailleach-dhubh: nun; air an taobh sear: on the east side; dh’fhalbh a’ chuid a bu mhotha de na daoine: most of the people left; mean air mhean, thill daoine: gradually (little by little) people returned; deireadh an naoidheamh linn deug: the end of the 19th Century; bha feadhainn ag obair anns an taigh-sholais: some worked in the lighthouse; ’s iad na bràithrean Stevenson a thog e: it’s the Stevenson brothers that built it; thachair tubaist ann sna tritheadan: an accident happened there in the thirties; chaill dithis am beatha: two people lost their lives; chan e iasgairean no maraichean a bh’ annta: they were not fishermen or mariners; thachair an tubaist mar seo: the accident happened like this; ann am bàta airson stuth fhaighinn: in a boat to get things (supplies); fear eile de na h-eileanan: another one of the islands; dh’èirich a’ ghaoth: the wind got up; ag iomradh air ais a Shiolaigh: rowing back to Shillay; chunnaic an t-oifigear eile iad: the other officer saw them; thàinig tonn mòr: a big wave came; chaidh trì seachdainean seachad: three weeks went past; mus do lorg daoine na cuirp aca: before people found their bodies; ’s e beatha dhoirbh a bh’ aig na daoine: it was a hard life the people had.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 395

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile