ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

156: The ghost of Sergeant Arthur Davies 156: An taibhse aig an t-Sairdseant Artair Davies

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An taibhse aig an t-Sairdseant Artair Davies

Gaelic Gàidhlig

Bha an Sairdseant Artair Davies air a mhurt ann am Bràigh Mhàrr. Bha sin ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a naoi (1749). Nochd a thaibhse do chìobair, Alasdair Mac a’ Phearsain. Bha sin naoi mìosan às dèidh a bhàis.

Lorg Alasdair an corp. Ach cha do thiodhlaic e an corp. Bhruidhinn e ris an uachdaran. Thug an t-uachdaran comhairle dha gun a bhith ag innse dad don arm. Dh’iarr e air Alasdair an corp a thiodhlacadh anns a’ mhonadh.

Cha do thill Alasdair don chorp. Ach thill an taibhse don bhothan. Dh’iarr an taibhse air Alasdair an corp a thiodhlacadh. Dh’fhaighnich Alasdair cò mhuirt e. Thug an taibhse dà ainm seachad – Donnchadh Mac a’ Chlèirich agus Alasdair Dòmhnallach. An ath latha chaidh Alasdair agus caraid aige don chorp. Thiodhlaic iad e.

Ach chan fhaca iad an gunna no an ad aig an t-saighdear. Tro thìde, bha na rudan sin air an lorg. Chaidh Donnchadh Mac a’ Chlèirich agus Alasdair Dòmhnallach a chur an grèim. Bha sin as t-Sultain seachd ceud deug, leth-cheud ’s a trì (1753), ceithir bliadhna às dèidh a’ mhuirt. Bha casaidean air an dithis gun do mhuirt iad an Sàirdseant Davies.

Bha fios aig muinntir an àite gum b’ iad na murtairean. Bha eadhon an luchd-lagha aca fhèin a’ smaoineachadh gun robh iad ciontach. Ach gu h-annasach, rinn an diùraidh an co-dhùnadh gun robh iad neo-chiontach. Ciamar a rinn iad sin? Uill, bha e co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.

Dh’innis Alasdair Mac a’ Phearsain, an cìobair, don chùirt dè thuirt an taibhse. Thuirt an taibhse gum b’ iad Mac a’ Chlèirich agus Dòmhnallach na murtairean. Agus dè an cànan a bha an taibhse a’ bruidhinn? A’ Ghàidhlig, thuirt an cìobair. Ach an robh Gàidhlig aig an t-Sairdseant Davies nuair a bha e beò? Cha robh, thuirt an cìobair. Mar sin, cha do chreid an diùraidh an fhianais aig a’ chìobair.

Ach an robh an cìobair fhèin neo-chiontach? An do “chruthaich” e fhèin an taibhse? Chan eil fios againn. Ach bha e annasach fianais a chluinntinn bho thaibhse ann an cùirt-lagha ann an Alba!

The ghost of Sergeant Arthur Davies

English Beurla

Sergeant Arthur Davies was murdered in Braemar. That was in seventeen hundred and forty nine (1749). His ghost appeared to a shepherd, Alasdair MacPherson. That was nine months after his death.

Alasdair found the body. But he didn’t bury the body. He spoke to the landlord. The landlord gave him advice not to say [be telling] anything to the army. He asked Alasdair to bury the body on the hill.

Alasdair didn’t return to the body. But the ghost returned to the bothy. The ghost asked Alasdair to bury the body. Alasdair asked who murdered him. The ghost gave two names – Duncan Clark and Alasdair MacDonald. The next day Alasdair and a friend of his went to the body. They buried it.

But they didn’t see the soldier’s gun or hat. In time, those things were found. Duncan Clark and Alasdair MacDonald were arrested. That was in September seventeen hundred and fifty three (1753), four years after the murder. The pair were accused of murdering Sergeant Davies.

The local people knew they were the murderers. Even their own lawyers thought they were guilty. But, strangely, the jury made the decision that they were not guilty. How did they do that? Well, it was connected to the Gaelic language.

Alasdair MacPherson, the shepherd, told the court what the ghost [had] said. The ghost said that Sinclair and MacDonald were the murderers. And what language was the ghost speaking? Gaelic, said the shepherd. But did Sergeant Davies speak Gaelic when he was alive? No, said the shepherd. Thus, the jury did not believe the shepherd’s evidence.

But was the shepherd himself innocent? Did he “create” the ghost himself? We don’t know. But it was strange hearing evidence from a ghost in a court of law in Scotland!

Show English

An taibhse aig an t-Sairdseant Artair Davies

Gaelic Gàidhlig

Bha an Sairdseant Artair Davies air a mhurt ann am Bràigh Mhàrr. Bha sin ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a naoi (1749). Nochd a thaibhse do chìobair, Alasdair Mac a’ Phearsain. Bha sin naoi mìosan às dèidh a bhàis.

Lorg Alasdair an corp. Ach cha do thiodhlaic e an corp. Bhruidhinn e ris an uachdaran. Thug an t-uachdaran comhairle dha gun a bhith ag innse dad don arm. Dh’iarr e air Alasdair an corp a thiodhlacadh anns a’ mhonadh.

Cha do thill Alasdair don chorp. Ach thill an taibhse don bhothan. Dh’iarr an taibhse air Alasdair an corp a thiodhlacadh. Dh’fhaighnich Alasdair cò mhuirt e. Thug an taibhse dà ainm seachad – Donnchadh Mac a’ Chlèirich agus Alasdair Dòmhnallach. An ath latha chaidh Alasdair agus caraid aige don chorp. Thiodhlaic iad e.

Ach chan fhaca iad an gunna no an ad aig an t-saighdear. Tro thìde, bha na rudan sin air an lorg. Chaidh Donnchadh Mac a’ Chlèirich agus Alasdair Dòmhnallach a chur an grèim. Bha sin as t-Sultain seachd ceud deug, leth-cheud ’s a trì (1753), ceithir bliadhna às dèidh a’ mhuirt. Bha casaidean air an dithis gun do mhuirt iad an Sàirdseant Davies.

Bha fios aig muinntir an àite gum b’ iad na murtairean. Bha eadhon an luchd-lagha aca fhèin a’ smaoineachadh gun robh iad ciontach. Ach gu h-annasach, rinn an diùraidh an co-dhùnadh gun robh iad neo-chiontach. Ciamar a rinn iad sin? Uill, bha e co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.

Dh’innis Alasdair Mac a’ Phearsain, an cìobair, don chùirt dè thuirt an taibhse. Thuirt an taibhse gum b’ iad Mac a’ Chlèirich agus Dòmhnallach na murtairean. Agus dè an cànan a bha an taibhse a’ bruidhinn? A’ Ghàidhlig, thuirt an cìobair. Ach an robh Gàidhlig aig an t-Sairdseant Davies nuair a bha e beò? Cha robh, thuirt an cìobair. Mar sin, cha do chreid an diùraidh an fhianais aig a’ chìobair.

Ach an robh an cìobair fhèin neo-chiontach? An do “chruthaich” e fhèin an taibhse? Chan eil fios againn. Ach bha e annasach fianais a chluinntinn bho thaibhse ann an cùirt-lagha ann an Alba!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 460

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile