ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

536: Eilean Bàn 536: An t-Eilean Bàn

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An t-Eilean Bàn

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun Eilean Bhàn. Tha e suidhichte fo Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich. Tha taigh-solais ann a tha a’ comharrachadh a’ chaolais eadar an t-Eilean Bàn agus an t-Eilean Sgitheanach.

Air an latha a bha mi anns an Eilean Bhàn, bha an taigh-solais fosgailte don phoball. Shreap mi an staidhre cas gu seòmar an t-solais.

Tha an taigh-solais sean ach fhathast ann an deagh òrdugh. Chaidh a thogail ann an ochd ceud deug, caogad ’s a seachd (1857). Dè an connadh a bhathar a’ cleachdadh aig an àm sin? Dè, ach ola nam mucan-mara.

An dèidh ceathrad bliadhna, chaidh an connadh atharrachadh gu gas bho pharaffin. Nuair a chaidh an taigh-solais a dhèanamh fèin-obrachail anns na seasgadan dhen fhicheadamh linn, ’s e acetylene a bhathar a’ cleachdadh. Bho sin a-mach, cha robh feum air luchd-obrach a chumadh sùil air an t-solas fad na h-ùine.

Chan eil an taigh-solais ag obair tuilleadh. Chaidh a chur às ann an naoi ceud deug, naochad ’s a trì (1993). Tha bollachan-stiùiridh agus an drochaid a’ comharrachadh a’ chaolais do mharaichean. Chan eil feum air an taigh-sholais air an oidhche. Ach tha e ann fhathast mar chomharra-seòlaidh oifigeil tron latha. Mar sin, feumar a chumail ann an deagh òrdugh.

Mholainn gun stad sibh uaireigin anns an Eilean Bhàn. Eadhon mura h-eil an taigh-solais no an taisbeanadh fosgailte, tha bothan-falaich ann far am faodar coimhead air fiadh-bheatha.

Agus ma tha ùine agaibh, tha àite eile ann faisg air làimh far am bu chòir dhuibh stad. ’S e sin Ploc a’ Chaoil. Tha àite-pàircidh ri taobh seann oifis nan cìsean-drochaid. Tha am ploc brèagha, le tòrr lusan is chraobhan dùthchasach a’ fàs ann, agus le cladach fasgach a tha inntinneach. Tha an sealladh bhon mhullach air leth. Agus tha bùird ann airson chuirmean-cnuic.

Bha mi a’ coimhead air na figearan airson luchd-bruidhne na Gàidhlig anns an sgìre sin. Ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-aon (1891) anns a’ Chaol agus Earbasaig còmhla, bha Gàidhlig aig ochdad ’s a naoi às a’ cheud dhen t-sluagh. Thàinig atharrachadh mòr air a’ choimhearsnachd bhon uair sin.

Eilean Bàn

English Beurla

I was telling you recently about Eilean Bàn. It is situated under the Skye Bridge. There is a lighthouse there that marks the channel between Eilean Bàn and the Isle of Skye.

On the day I was on Eilean Bàn, the lighthouse was open to the public. I climbed the steep stairs to the light room.

The lighthouse is old but still in good condition. It was built in 1857. What fuel was being used at that time? None other than whale oil.

After forty years, the fuel was changed to paraffin vapour. When the lighthouse was made automatic in the 1960s, it’s acetylene that was being used. From that time, there was no need for staff who would keep an eye on the light all the time.

The lighthouse is no longer working. It was extinguished in 1993. Marker buoys and the bridge mark the channel for mariners. There is no need for the lighthouse at night. But it’s still there as an official sailing mark through the day. Thus, it must be kept in good condition.

I’d recommend that you stop sometime on Eilean Bàn. Even if the lighthouse or the exhibition are not open, there is a hide where wildlife can be observed.

And if you have time, there is another place nearby where you should stop. That is the Plock of Kyle. There is a parking place beside the old bridge fees office. The plock is beautiful, with many plants and native trees growing, and with a sheltered shore that is interesting. The view from the summit is magnificent. And there are tables for picnics.

I was looking at the figures for Gaelic-speakers in that area. In 1891 in Kyle and Erbusaig together, 89% of the population was Gaelic-speaking. The community has changed greatly since then.

Show English

An t-Eilean Bàn

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun Eilean Bhàn. Tha e suidhichte fo Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich. Tha taigh-solais ann a tha a’ comharrachadh a’ chaolais eadar an t-Eilean Bàn agus an t-Eilean Sgitheanach.

Air an latha a bha mi anns an Eilean Bhàn, bha an taigh-solais fosgailte don phoball. Shreap mi an staidhre cas gu seòmar an t-solais.

Tha an taigh-solais sean ach fhathast ann an deagh òrdugh. Chaidh a thogail ann an ochd ceud deug, caogad ’s a seachd (1857). Dè an connadh a bhathar a’ cleachdadh aig an àm sin? Dè, ach ola nam mucan-mara.

An dèidh ceathrad bliadhna, chaidh an connadh atharrachadh gu gas bho pharaffin. Nuair a chaidh an taigh-solais a dhèanamh fèin-obrachail anns na seasgadan dhen fhicheadamh linn, ’s e acetylene a bhathar a’ cleachdadh. Bho sin a-mach, cha robh feum air luchd-obrach a chumadh sùil air an t-solas fad na h-ùine.

Chan eil an taigh-solais ag obair tuilleadh. Chaidh a chur às ann an naoi ceud deug, naochad ’s a trì (1993). Tha bollachan-stiùiridh agus an drochaid a’ comharrachadh a’ chaolais do mharaichean. Chan eil feum air an taigh-sholais air an oidhche. Ach tha e ann fhathast mar chomharra-seòlaidh oifigeil tron latha. Mar sin, feumar a chumail ann an deagh òrdugh.

Mholainn gun stad sibh uaireigin anns an Eilean Bhàn. Eadhon mura h-eil an taigh-solais no an taisbeanadh fosgailte, tha bothan-falaich ann far am faodar coimhead air fiadh-bheatha.

Agus ma tha ùine agaibh, tha àite eile ann faisg air làimh far am bu chòir dhuibh stad. ’S e sin Ploc a’ Chaoil. Tha àite-pàircidh ri taobh seann oifis nan cìsean-drochaid. Tha am ploc brèagha, le tòrr lusan is chraobhan dùthchasach a’ fàs ann, agus le cladach fasgach a tha inntinneach. Tha an sealladh bhon mhullach air leth. Agus tha bùird ann airson chuirmean-cnuic.

Bha mi a’ coimhead air na figearan airson luchd-bruidhne na Gàidhlig anns an sgìre sin. Ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-aon (1891) anns a’ Chaol agus Earbasaig còmhla, bha Gàidhlig aig ochdad ’s a naoi às a’ cheud dhen t-sluagh. Thàinig atharrachadh mòr air a’ choimhearsnachd bhon uair sin.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 840

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile