ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

150: St Paul 150: Naomh Pòl

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Naomh Pòl

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh dh’fhàg sinn Naomh Pòl – Saint Pol de Leon – air eilean anns a’ Bhreatainn Bhig. Chuir Pòl às do nathair mhòr a bha cunnartach. Shàbhail e an t-eilean – Batz, no L’Isle de Batz. Mar sin, chaidh an t-eilean a thoirt dha. Chaidh pàirtean de thìr-mòr faisg air an eilean a thoirt dha cuideachd.

Thog Pòl manachainn anns an eilean. Agus thog e cathair-eaglais air tìr-mòr. Ann am Fraingis ’s e Saint Pol-de-Leon an t-ainm a tha air an àite sin.

Bha Pòl gu math sean nuair a chaochail e. Tha cuid ag ràdh gun robh e ceud is ceathrad (140) bliadhna a dh’aois. A rèir aithris, dh’fhàs e uabhasach tana.

Chaochail Pòl ann an cealla. Bha an cealla faisg air a’ mhanachainn anns an eilean. Bha na h-eileanaich ag iarraidh a thiodhlacadh anns an eilean. Ach bha muinntir tìr-mòr ag iarraidh a thiodhlacadh anns a’ chathair-eaglais. Ciamar a bha iad a’ dol a thighinn gu rèite?

Uill, chaidh dà chairt ullachadh. Bha dà dhamh a’ tarraing gach cairt. Bha na cairtean air an cur letheach-slighe eadar an t-eilean agus a’ chathair-eaglais. Bha aon phaidhir dhamh a’ coimhead a dh’ionnsaigh na mara. Bha am paidhir eile a’ coimhead a dh’ionnsaigh a’ bhaile. Chaidh a’ chiste-laighe a chur air an dà chairt. Bha leth dhith air gach cairt. Bha e an urra ris an naomh fhèin dè an taobh a bha e a’ dol a ghabhail.

A rèir beul-aithris, nuair a thòisich na daimh air gluasad, chaidh a’ chiste à fianais. Cha b’ urrainn do dhuine a faicinn. Cha robh fios aig daoine dè an taobh a bha a’ chiste a’ dol.

Ràinig an dàrna cairt an cladach. Ràinig an tèile a’ chathair-eaglais. Agus chunnaic na daoine dè bha air tachairt. Ghabh na h-eileanaich briseadh-dùil. Bha a’ chairt aca falamh. Bha muinntir a’ bhaile a’ dèanamh gàirdeachas. Bha a’ chiste air a’ chairt acasan. Agus bha Naomh Pòl, Saint Pol de Leòn, air a thiodhlacadh sa chathair-eaglais. Tha am baile a’ giùlain ainm fhathast.

Faclan is abairtean: an t-seachdain sa chaidh dh’fhàg sinn Naomh Pòl: last week we left Saint Paul; anns a’ Bhreatainn Bhig: in Brittany; chuir Pòl às do nathair mhòr a bha cunnartach: Paul killed a snake that was dangerous; chaidh an t-eilean a thoirt dha: the island was given to him; manachainn: monastery; thog e cathair-eaglais air tìr-mòr: he built a cathedral on the mainland; gu math sean nuair a chaochail e: very old when he died; tha cuid ag ràdh: some [people] say; dh’fhàs e uabhasach tana: he became very thin; cho tana ’s gum b’ urrainn do dhaoine solas fhaicinn tro a làmhan: so thin that people could see light through his hands; chaochail Pòl ann an cealla: Paul died in a cell; ag iarraidh a thiodhlacadh: wanting to bury him; bha muinntir tìr-mòr ag iarraidh a thiodhlacadh anns a’ chathair-eaglais: the mainland people wanted to bury him in the cathedral; Ciamar a bha iad a’ dol a thighinn gu rèite?:how were they going to come to a resolution?; chaidh dà chairt ullachadh: two carts were prepared; bha dà dhamh a’ tarraing gach cairt:two oxen were pulling each cart; letheach-slighe eadar: halfway between; bha aon phaidhir dhamh a’ coimhead a dh’ionnsaigh na mara:one pair of oxen were facing the sea; a dh’ionnsaigh a’ bhaile: towards the town; chaidh a’ chiste-laighe a chur air an dà chairt: the coffin was placed on the two carts; leth dhith air gach cairt: half of it on each cart; bha e an urra ris an naomh fhèin dè an taobh a bha e a’ dol a ghabhail: it was up to the saint himself which way he was going to take; chaidh a’ chiste à fianais: the coffin disappeared from view; cha b’ urrainn do dhuine a faicinn: nobody could see it; cha robh fios aig daoine dè an taobh a bha a’ chiste a’ dol: nobody knew which route the coffin was taking; ràinig an dàrna cairt an cladach: the first [“second”] cart reached the shore; ràinig an tèile a’ chathair-eaglais: the other one reached the cathedral; chunnaic na daoine dè bha air tachairt: the people saw what had happened; ghabh na h-eileanaich briseadh-dùil: the islanders were disappointed; falamh: empty; bha muinntir a’ bhaile a’ dèanamh gàirdeachas: the people of the town were happy; air a thiodhlacadh sa chathair-eaglais: buried in the cathedral; tha am baile a’ giùlain ainm fhathast: the town still carries his name.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 454

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile