ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

607: Moresg agus Muran 607: Moresg and Muran

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Moresg and Muran

Gaelic Gàidhlig

Bha mi anns a’ Chuimrigh o chionn greis – anns a’ cheann a tuath. Bha mi ag ionnsachadh beagan dhen chànan.

Tha e inntinneach coimeas a dhèanamh eadar a’ Gàidhlig agus Cuimris. Uaireannan, bidh facal Cuimreach a’ tòiseachadh le ‘h’, agus facal Gàidhlig car coltach ris a’ tòiseachadh le ‘s’. ʼS e salann eisimpleir dhiubh sin. Ann an Cuimris, canaidh iad halen. Canaidh sinne sealg airson ‘hunt’; canaidh na Cuimrich hela. Agus, far an can sinne sean airson ‘old’, canaidh na Cuimrich hen.

Bha mi ann an Ynys Môn no Anglesey. Chaidh mi a cheilidh air boireannach a bhuineas do sgìre air a bheil Niwbwrch no Newborough. Tha an taigh aice faisg air tràigh agus àrainn ghainmhich. Tha an t-àite an-diugh na theàrmann nàdair.

Thug i a-mach crìos agus brat a bha air an dèanamh de lus – feur air choreigin. Bha na duilleagan air an snìomh còmhla. Dh’fhaighnich mi dhith dè an lus a bha ann. Thuirt i ‘moresg’.

Bha e furasta gu leòr sin a thuigsinn. Tha moresg a’ tighinn bho môr-hesg. Tha môr co-ionann ri muir ann an Gàidhlig. Agus tha hesg an ìre mhath co-ionann ri seasg ann an Gàidhlig. Tha seasg a’ ciallachadh ‘sedge’ – buidheann de lusan a tha càirdeach do na feòir. ʼS e seasgan ainm eile airson cuilc no reed. Agus tha hesg a’ ciallachadh cuilc ann an Cuimris. Mar sin môr-hesg no moresg – seasg no cuilc na mara.

Ma tha sibh eòlach air Uibhist, bidh sibh eòlach air an lus – muran. ʼS e ainm bàrdail Uibhist a Deas ‘Tìr a’ Mhurain’ oir tha am muran cho pailt ann. Ann am Beurla, canar marram grass no bent ris.

Bha boireannaich uaireigin a’ buain agus a’ cleachdadh muran ann an Niwbwrch, mar a bha anns na h-eileanan againne. Dìreach mar a thachair ann an àite no dhà ann an Alba, bha cus murain air a’ spìonadh ann. Ghluais a’ ghainmheach a-steach don dùthaich. Aig a cheann thall, chaidh coille a chur airson a’ ghainmheach a dhèanamh seasmhach. Tha beagan murain air fhàgail air na coilleagan. Ach cha bhi duine ga chleachdadh an-diugh.

Moresg agus Muran

English Beurla

I was in Wales recently – in the north. I was learning a little of the language.

It’s interesting to compare Gaelic and Welsh. Sometimes a Welsh word starts with ‘h’ and there is a similar Gaelic word starting with ‘s’. Salann [salt] is an example of that. In Welsh, they say halen. We say sealg for ‘hunt’; the Welsh say hela. And, where we say sean for ‘old’, the Welsh say hen.

I was in Ynys Môn or Anglesey. I went to visit a woman who belongs to an area called Niwbwrch or Newborough. Her house is close to a beach and sandy environs. The place is today a nature reserve.

She brought out a belt and mat that were made of a plant – some grass or other. The leaves were twisted together. I asked her what plant it was. She replied ‘moresg’.

It was easy enough to understand that. Moresg comes from môr-hesg. Môr is pretty much equivalent to seasg in Gaelic. Seasgmeans ‘sedge’ – a group of plants that are related to the grasses. Seasgan is another Gaelic name for the common reed. And hesg means reed in Welsh. Thus môr-hesg or moresg – the sedge or reed of the sea.

If you know Uist, you’ll know the plant – muran. The poetic name for South Uist is ‘Tìr a’ Mhurain’ because the muran is so plentiful there. In English it is called marram grass or bent.

Women were at one time collecting and using marram grass in Newborough, as they were in our islands. Just as happened in one or two places in Scotland, too much marram grass was pulled out. The sand moved into the land. Eventually, a forest was planted to stabilise the sand. There is a little marram grass left on the sand dunes. But nobody uses it today.

Show English

Moresg and Muran

Gaelic Gàidhlig

Bha mi anns a’ Chuimrigh o chionn greis – anns a’ cheann a tuath. Bha mi ag ionnsachadh beagan dhen chànan.

Tha e inntinneach coimeas a dhèanamh eadar a’ Gàidhlig agus Cuimris. Uaireannan, bidh facal Cuimreach a’ tòiseachadh le ‘h’, agus facal Gàidhlig car coltach ris a’ tòiseachadh le ‘s’. ʼS e salann eisimpleir dhiubh sin. Ann an Cuimris, canaidh iad halen. Canaidh sinne sealg airson ‘hunt’; canaidh na Cuimrich hela. Agus, far an can sinne sean airson ‘old’, canaidh na Cuimrich hen.

Bha mi ann an Ynys Môn no Anglesey. Chaidh mi a cheilidh air boireannach a bhuineas do sgìre air a bheil Niwbwrch no Newborough. Tha an taigh aice faisg air tràigh agus àrainn ghainmhich. Tha an t-àite an-diugh na theàrmann nàdair.

Thug i a-mach crìos agus brat a bha air an dèanamh de lus – feur air choreigin. Bha na duilleagan air an snìomh còmhla. Dh’fhaighnich mi dhith dè an lus a bha ann. Thuirt i ‘moresg’.

Bha e furasta gu leòr sin a thuigsinn. Tha moresg a’ tighinn bho môr-hesg. Tha môr co-ionann ri muir ann an Gàidhlig. Agus tha hesg an ìre mhath co-ionann ri seasg ann an Gàidhlig. Tha seasg a’ ciallachadh ‘sedge’ – buidheann de lusan a tha càirdeach do na feòir. ʼS e seasgan ainm eile airson cuilc no reed. Agus tha hesg a’ ciallachadh cuilc ann an Cuimris. Mar sin môr-hesg no moresg – seasg no cuilc na mara.

Ma tha sibh eòlach air Uibhist, bidh sibh eòlach air an lus – muran. ʼS e ainm bàrdail Uibhist a Deas ‘Tìr a’ Mhurain’ oir tha am muran cho pailt ann. Ann am Beurla, canar marram grass no bent ris.

Bha boireannaich uaireigin a’ buain agus a’ cleachdadh muran ann an Niwbwrch, mar a bha anns na h-eileanan againne. Dìreach mar a thachair ann an àite no dhà ann an Alba, bha cus murain air a’ spìonadh ann. Ghluais a’ ghainmheach a-steach don dùthaich. Aig a cheann thall, chaidh coille a chur airson a’ ghainmheach a dhèanamh seasmhach. Tha beagan murain air fhàgail air na coilleagan. Ach cha bhi duine ga chleachdadh an-diugh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 911

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile