ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

93: The loss of the Flannan Isles 93: Call na h-Eileanan Flannach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Call na h-Eileanan Flannach

Gaelic Gàidhlig

Ràinig an soitheach Hesperus na h-Eileanan Flannach. B’ ise an soitheach a bha a’ frithealadh nan taighean-solais. Bha seo anns an Dùbhlachd sa bhliadhna naoi ceud deug (1900). Bha fios aig Bòrd nan Taighean-solais gun robh rudeigin ceàrr. Cha robh an solas anns an taigh-sholais ag obair. Nuair a ràinig iad an t-eilean, cha robh sgeul air duine.

Bha doras an taigh-sholais dùinte. Bha sèithear anns a’ chidsin air a chliathaich. Cha robh an gleoc a’ dol. Bha aon seata oillsginean ann. Ach anns a h-uile dòigh eile, cha robh càil ceàrr. Dè bh’ air tachairt, ma-thà, don triùir a bha ag obair ann?

Dh’fhuirich ceathrar bhon Hesperus anns an taigh-sholais. Thill an Hesperus a Bhreascleit ann an Leòdhas. Bha ionad aig Bòrd nan Taighean-solais ann am Breascleit. Chuir caiptean an Hesperus fios don Bhòrd. Thuirt e gun robh tubaist ann. Cha robh an gleoc a’ dol anns an taigh-sholais. Mar sin, thuirt e gun do thachair an tubaist seachdain roimhe.

Rinn an ceathrar anns an eilean rannsachadh. Bha stoirm mhòr air a bhith ann. Bha rèilichean iarainn air an lùbadh. Bha clach mhòr de chuideam còrr is tonna air gluasad. Gu h-àrd os cionn na mara, bha am feur air a reubadh a-mach.

Bha cuid ag ràdh gun do mhuirt fear aca an dithis eile. An uair sin leum e don mhuir. Bha cuid eile ag ràdh gun robh iad air an toirt air falbh le daoine à dùthaich chèin. Bha feadhainn ag ràdh gun do thachair rudeigin os-nàdarrach.

Chaidh oifigear aig Bòrd nan Taighean-solais ann. Cho-dhùin esan gun robh an triùir air a dhol a-mach a cheangal bogsa ann an stoirm. Bha am bogsa làn ròpan. Bha e ann an eag sa bhearradh. Bha sin còrr is ceud troigh os cionn na mara. Bha fear dhen triùir air a dhol a-mach gun oillsginean air. Chaidh tonn mòr thairis air an triùir.

Ge-tà, tha feadhainn ag ràdh fhathast gun robh fear dhen triùir anns an taigh-sholais. Bha an dithis eile a-muigh. Chunnaic am fear a bha a-staigh rudeigin – ’s dòcha tonn mòr. Ruith e a-mach ann an cabhaig. Bha e ag iarraidh rabhadh a thoirt don dithis eile. Cha robh ùine aige oillsginean a chur air. Agus ’s e sin as coireach gun robh an sèithear air a chliathaich. Ach cò aige tha fios dè dìreach a thachair air an latha sin anns na h-Eileanan Flannach.

Faclan is abairtean: ràinig an soitheach na h-Eileanan Flannach: the vessel reached the Flannan Isles; An Dùbhlachd: December; bha fios aig Bòrd nan Taighean-solais gun robh rudeigin ceàrr: The Lighthouse Board knew something was wrong; cha robh sgeul air duine: there was no sign of anybody; bha sèithear anns a’ chidsin air a chliathaich: a chair in the kitchen was on its side; cha robh an gleoc a’ dol: the clock wasn’t going; aon seata oillsginean: one set of oilskins; cha robh càil ceàrr: nothing was wrong; dè bh’ air tachairt, ma-thà, don triùir?: what had happened, then, to the three people?; a Bhreascleit ann an Leòdhas: to Breasclete in Lewis; gun robh tubaist ann: that there was [had been] an accident; seachdain roimhe: a week before; bha stoirm mhòr air a bhith ann: there had been a great storm; bha rèilichean iarainn air an lùbadh: iron railings were bent; bha clach mhòr de chuideam còrr is tonna air gluasad: a large stone weighing more than a ton had moved; gu h-àrd os cionn na mara: high above the sea; bha am feur air a reubadh a-mach: the grass was ripped out; gun do mhuirt fear aca an dithis eile: that one of them murdered the other two; leum e don mhuir: he jumped into the sea; air an toirt air falbh le daoine à dùthaich chèin: taken away by people from a foreign land; rudeigin os-nàdarrach: something supernatural; cho-dhùin esan: he [emphatic] concluded: air a dhol a-mach a cheangal bogsa:had gone out to secure a box; gun oillsginean air: without oilskins on [him]; chaidh tonn mòr thairis air an triùir: a large wave went over the three men; chunnaic am fear a bha a-staigh rudeigin: the one that was inside saw something; ruith e a-mach ann an cabhaig: he ran out in a hurry; rabhadh a thoirt don dithis eile: to warn the other two; ’s e sin as coireach gun robh an sèithear air a chliathaich: that is why the chair was on its side; cò aige tha fios dè dìreach a thachair: who knows exactly what happened.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 397

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile