ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

579: The crane (1) 579: A’ Chorra-mhonaidh (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

A’ Chorra-mhonaidh (1)

Gaelic Gàidhlig

Dè a’ Ghàidhlig air crane? Chan eil mi a’ ciallachadh inneal-togail. Tha mi a’ smaoineachadh air an eun mhòr. Tha na h-ainmean a leanas ann am faclair Dwelly: corra, corra-ghritheach, corra-mhonaidh, corra-bhàn, corra na h-easgann, tòn-dubh, corra thòn-dubh, bonnan-buidhe, corra-iasg agus corra-ghlas.

Tha tòrr ainmean an sin airson aon eun! Mar sin, dè tha mi a’ dol a ghabhail air an eun seo? Feumaidh mi rudeigin a thaghadh! Uill, thug mi sùil ann am faclair a tha air leth feumail, gu h-àraidh do luchd-ionnsachaidh – The Essential Gaelic Dictionary le Boyd Robasdan agus Iain MacDhòmhnaill. ’S e corra-mhonaidh a tha acasan airson crane.

O chionn beagan sheachdainean bha mi ann an ceann a deas Shasainn. Bha mi aig tèarmann-nàdair. Chunnaic mi corrachan-monaidh an sin. Tha an t-eun glas agus còrr is meatair a dh’àirde. Tha amhaich fhada, casan fada agus gob fada aice. Tha itean dubha air a tòin. Tha dubh air a ceann agus air a h-amhaich. Agus tha pìos dearg os cionn a sùilean. Tha i rud beag coltach ris a’ chorra-ghrithich ach nas motha.

Dè cho bitheanta ’s a bha a’ chorra-mhonaidh ann am Breatainn anns an t-seann aimsir? Chaidh eòlaichean ann an Oilthigh Mhanchester gu ainmean-àite airson fianais air sin.

Anns an t-Seann Bheurla, ’s e cran, cron, corn no cranuc a bha air a’ chorra-mhonaidh. Anns an t-Seann Lochlannais, ’s e trani a chanadh daoine. Agus ann an Còrnais,’s e garan a bha oirre. Anns na trì cànanan sin, lorg an luchd-rannsachaidh dà cheud, seachdad ’s a h-aon àiteachan anns an robh a’ chorra-mhonaidh air a h-ainmeachadh.

Tha na h-àiteachan sin air feadh Shasainn. Tha iad gu sònraichte ann an sgìrean a bha fliuch. Bha tòrr bhoglaichean ann an Sasainn aig aon àm. Chaidh na boglaichean a dhrèanadh airson àiteachas.

’S toigh le corrachan-monaidh a bhith beò ann an àrainnean far a bheil uisge. Tha tòrr uisge ann an Alba. Mar sin, an robh a’ chorra-mhonaidh pailt ann an Alba? An robh i ann an Alba idir? Agus a bheil i ann an ainmean-àite Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd? Bheir sinn sùil air an fhianais airson sin an-ath-sheachdain.

The crane (1)

English Beurla

What is the Gaelic for crane? I don’t mean a lifting crane. I’m thinking of the big bird. The names that follow are in Dwelly’s dictionary: corra, corra-ghritheach, corra-mhonaidh, corra-bhàn, corra na h-easgann, tòn-dubh, corra thòn-dubh, bonnan-buidhe, corra-iasg and corra-ghlas.

That’s a lot of names for one bird! So, what am I going to call this bird? I have to choose something! Well, I looked in a dictionary which is exceptionally useful, particularly for learners – The Essential Gaelic Dictionary by Boyd Robertson and Iain MacDonald. They call the crane ‘corra-mhonaidh’.

A few weeks ago I was in southern England. I was at a nature reserve. I saw cranes there. The bird is grey and more than a metre high. It has a long neck, long legs and a long beak. It has black feathers on its rump. There is black on its head and on its neck. And it has a red piece above its eyes. It’s a bit like a heron, but bigger.

How common was the crane in Britain in olden times? Academics in Manchester University went to place names for evidence on that.

In Old English, the crane was called cran, cron, corn or cranuc. In Old Norse, people said trani. And in Cornish, it was called garan. In those three languages, the researchers found two hundred and seventy one places in which the crane was named.

Those names are throughout England. They are particularly in areas that were wet. There were many boglands in England at one time. The boglands were drained for agriculture.

Cranes like to live in habitats where there is water. There is much water in Scotland. So, was the crane plentiful in Scotland? Was it in Scotland at all? And is it in Gaelic place names in the Highlands? We’ll look at the evidence for that next week?

Show English

A’ Chorra-mhonaidh (1)

Gaelic Gàidhlig

Dè a’ Ghàidhlig air crane? Chan eil mi a’ ciallachadh inneal-togail. Tha mi a’ smaoineachadh air an eun mhòr. Tha na h-ainmean a leanas ann am faclair Dwelly: corra, corra-ghritheach, corra-mhonaidh, corra-bhàn, corra na h-easgann, tòn-dubh, corra thòn-dubh, bonnan-buidhe, corra-iasg agus corra-ghlas.

Tha tòrr ainmean an sin airson aon eun! Mar sin, dè tha mi a’ dol a ghabhail air an eun seo? Feumaidh mi rudeigin a thaghadh! Uill, thug mi sùil ann am faclair a tha air leth feumail, gu h-àraidh do luchd-ionnsachaidh – The Essential Gaelic Dictionary le Boyd Robasdan agus Iain MacDhòmhnaill. ’S e corra-mhonaidh a tha acasan airson crane.

O chionn beagan sheachdainean bha mi ann an ceann a deas Shasainn. Bha mi aig tèarmann-nàdair. Chunnaic mi corrachan-monaidh an sin. Tha an t-eun glas agus còrr is meatair a dh’àirde. Tha amhaich fhada, casan fada agus gob fada aice. Tha itean dubha air a tòin. Tha dubh air a ceann agus air a h-amhaich. Agus tha pìos dearg os cionn a sùilean. Tha i rud beag coltach ris a’ chorra-ghrithich ach nas motha.

Dè cho bitheanta ’s a bha a’ chorra-mhonaidh ann am Breatainn anns an t-seann aimsir? Chaidh eòlaichean ann an Oilthigh Mhanchester gu ainmean-àite airson fianais air sin.

Anns an t-Seann Bheurla, ’s e cran, cron, corn no cranuc a bha air a’ chorra-mhonaidh. Anns an t-Seann Lochlannais, ’s e trani a chanadh daoine. Agus ann an Còrnais,’s e garan a bha oirre. Anns na trì cànanan sin, lorg an luchd-rannsachaidh dà cheud, seachdad ’s a h-aon àiteachan anns an robh a’ chorra-mhonaidh air a h-ainmeachadh.

Tha na h-àiteachan sin air feadh Shasainn. Tha iad gu sònraichte ann an sgìrean a bha fliuch. Bha tòrr bhoglaichean ann an Sasainn aig aon àm. Chaidh na boglaichean a dhrèanadh airson àiteachas.

’S toigh le corrachan-monaidh a bhith beò ann an àrainnean far a bheil uisge. Tha tòrr uisge ann an Alba. Mar sin, an robh a’ chorra-mhonaidh pailt ann an Alba? An robh i ann an Alba idir? Agus a bheil i ann an ainmean-àite Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd? Bheir sinn sùil air an fhianais airson sin an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 883

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile